NAIGHEACHDAN.
’S e naigheachd a’s mo air am bheil a dh-iomradh san m so, luchd na Pàrlamaid a bhi ’g atharrachadh agus a riaghailteachadh nan cìsean, gu h-àraid mar a bhuineas iad do Phaipeirean-naigheachd, do bhannan sgrìobhte agus do dheanamh thairis fearainn agus thighean do ’n luchd ceannaich. Bha san àm a chaidh seachad an dà sheòrsa mu dheireadh anabharrach tróm air gnothuichean cuimseach no beaga, agus anns a’ cheart àm sin bha na gnothaichean móra a’ faotainn as gun phàigheadh idir a réir an luach. Chum so a dheanamh soilleir faodaidh sinn ainmeachadh gu’m b’ ionann cìs a chuirteadh air reic mìr fearainn a b’fhiach 4 mîle punnd Sasunnach agus a chuirteadh air luach da fhichead mìle! Tha iad a nis a’ cur romhpa gu’m pàigh gach bargan de’n t-seòrsa so a réir a luach, c’iù bhios e beag no mór, agus tha so air a shocrachadh air dhòigh ’s nach dean e mùthadh sam bith do sporan mór na rìoghachd.
Mu dhéibhinn nam Paipeirean-naigheachd, ’se cìs a th’ orra air an àm so ceithir sgillean an t-aon, ach ’an àm paigheidh tha ’n cóigeamh cuid de so ’ga thoirt diu; ach tha iad a nis a los a’ chìs ìsleachadh gu aon sgillinn air gach paipeir; air a’ chuid a’s lugha ’se so iomradh a th’ ann air an àm so, ged nach ’eil e air a làn-shocrachadh fhathasd.
Tha fios aig ar luchd-dùthcha gu bheil comunn fo ùghdaras na Parlamaid, an dràst a’ mion-rannsachadh gach cùis a bhuineas do na h-Eaglaisean. Tha iad air àm so ann an Glascho, ach o nach d’ fhuair iad fhathast an gnothuichean a thoirt gu crìch cha ’n eil e’ nar comas ni sam bith cinnteach, a ràdh mu’n déibhinn anns an àireamh so. A réir gach coltais cha mhisde Gàidheil a’ bhaile so iad.
title | 13 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |