[99]

CÒMHRADH NA H-ÀTHA.

(Air a leanailt o’n 4mh. àireamh.)

Lachunn-Bàn atireadhan sgalag adeanamh croidhleag mhòineam buachaille beag adeanamh murlag iasgaichSeorus-nan-Long acur na smùid á pìb thombacaSeonaid-mhór-bhanarach atighin a stigh air an dorus atogail òrain.

Seòn.
Gur e mo ghaolsa Seòrus,
A dh-ìnnseadh dhuinn an spleaghraich
Mu thir nan Eiscimòthach,
S nam muca-mara mòra.

Hi rithill éile hóro,
Horó hi rithill óro
Hi rithill eile hóro
Gun togainn fonn air Seòrus.

Seòr.
Gur i mo ghaol abhanarach,
Ged tha i nis gu h-amaideach
Atogail òran fanaideach
A sgeigireachd ri Seòrus.

Hi rithill éile hóro &c.
Gun togainn fonn air Seònaid.

Lach.
Togaibh fòs dar n-òrain,
As suidheamide còmhla
A dh-éisdeachd ris achòmhradh
A ghealladh dhuinn le Seòrus.

Hi rithill éile hóro, &c.


[100]

Seòr. Thùg so a sheònaid mhórso dhuiteudail leth na suidh eige cònlaichsuidh an so làmh rium, air mfhocal gun roinninn an saoghal leat— ’s ann ad thaic féin tham fasgadh.

Seòn. Mór no beagtha mi mar thà mis chan eil an rìgh mar bu mhiann leischa bioghnadh leam ach thusa bhi ri sgeig le dbhriogais chainbe, air do smiùradh mar othaisg bhragsaidh, acur na smùid á pìob ronnach an tombacaFuidh fuidh! chuireadh tu teicheadh air muic-mhara féin le dbholadh grànndamarbh-phaisg air achleachdadh mhosach!

Seòr. An t-urram don mhodh féin! —ìnnsidh an uaisle far am bheil itha sìbhse a Sheònaid, a mhiss Jessie ler ceads e bàill leam a ràdhainn, co eòlach air fàile cùbhraidh abhàthaiche agus geumraich bhinn nan laoghs nach e h-uile boladh no ceòl a chòrdas ribhacheudails a ghràidh a Sheònaidgabhaibh mo leisgeul, a Mhiss Jessie ler cead, suidhibh far an togair sibh, agus cuimhnichibh an nach gabhnuair a gheibh nach fhaighnuair is àill.

Seòn. Tha dod ort a nis a Sheòruisfrionas beagso so, suidh a nùnnged tha boladh na tearras an tombaca dhiot cha mhiann leam dorran a chur ort.

Seòr. Shaoil mi gur ann mar so a bhitheadh e, ’s mairg a bheireadh breith air cridhe na caileige o bhriathrabh a beòil; bha mi làn-chinnteach gun tairngeadh abhanarach rium

A bhanarach mhìogach
S e do ghaol rinn mo lìonadh,
S math thig lâmhainnean sìoda
Air do mhìn-bhasa bàna.”

Seòn. Cha biad sin do bhasan-sachan eil iad mìn no bàn, ach buidhe odhar, lachdunn cruaidh, adhairceachbha e cho math do dhuine a mheur a sparradh ann an turcais Eoghain ghreusaiches ann ad spòig ghràinde.

Seòr. An saoil thuSheònaid nach ìbheireadh an sgailleag dhaingeann air do

Lach. So so! na cluinneam tuille don chire-chiut ghogaidich sotogaibh dar beadradh faoincuir mu sgaoil a Sheòruis agus thoir amhuir-reòta ort. —Cuin a thachair na h-Eiscimòthaich oirbh?

Seòr. Air tùs, matà, ìnnsidh mi dhuibh mu thimchioll amhathghamhuin, no mar their iad saBheurla am Bear, culaidh-eagail uile bheò-chreutairean na h-airde tuath. Tha e co làidir ris an leòmhann mur h-eil nis làidire, agus tha e co drochmhuinneach gharg ri aona cheithir-chasach air aghaidh an t-saoghail. Tha a chòmhnuidh aige ann an uamhan nan creag agus ann an slocan domhain tha efaotainn san eighchan eil suim aige do dh-fhuachd no ghaillinntha fionnadh fada ròinneach peallagach air agus saill thiugh fon chraicionn leis am bheil e acur an fhuachd gu dùlan. Cha tig no beathaichean colgarra so suas ach ann an dùthchannan reòta— ’s e fuachd, reothadh agus gaillionn an sòlas.

Buach. Biad féin na gamhna còir a bfhurasdagheamhrachadh gun fhodar gun sguaba rìgh nach robh mo ghamhna prabach-sa cosmhuil riuthaCiod tha iad ag ithe?

Seòr. Tha iad a ghnàth air an aiss air an aghart mu na cladaichean air tòir mhuca-mara òg agus ròin agus tairbh uisgegheibh iad air an eigh. Gu tric tha cairbh no closaichean nam muca-mara air na cladaichibh, ’se sin na cnaimhean


[101] agus an fheòil an déigh don reamhad a bhi air a ghearradh dhi, agus tha sona dheagh bhiadh do dhuine sam bith, gun ghuth air mangan, air am biodh abheag no mhór a dh-acras. ’S minig a chunnaic mi làn aghainn de air a ròstadh no air a sgreigeadh, agus cha mhór nach robh e co math ri staoig mhairt-eolach. Cumaidh aona chlosach ri mòran de na béistean so fad ùine mhòr, gionach, craosach, cìocrach mar thà iad. Mothuichidh iad fàile muice-mara no closach air bith eile air astar mòr; ach gu tric tha iad seachduinean gun lòn, agus an sin mo thruaighe am beò-chreutair air an tachair iad! —chan eil dol as aig duine thignan carabh nuair tha iad mar so air achuthach leis an acras. ’S iomad eachdraidh eagalach a dh-fhaodainn ìnnse dhuibh don t-seòrsa sin.

Thainig soitheach gu acairs na cearna sin agus chaidh dithis de na seòladairean air tìr. Dhfhairich fear dhiubh e féin air a theannachadh gu teann mun mheadhon on taobh-cùilshaoil e gum bechómpanach a bhann ri fala-dhàghlaodh eLeig as mi! na fàisg co teann mi.” Dhamhairc a chompanach agus faicear am mathghamhuinghlaodh e gu h-ardAm mangan, am mangan!” theich e dh-ionnsuidh na luinge agus ghlaodh e le h-oillt air an sgioba tighin ga chuideachadh. Ghrad ghreas na h-uile mac màthar dhiubh thun an àiten robh abhéist agus an seòladair bochd aige air a reubadh as a chéilena bhloighdibh. Cho luaths a chunnaic am mangan iad ateachd dhfhàg e colunn an fhir a mharbh e agus thainig e gu h-athaiseachnan coinneamhthugar aon leum an uchd an t-seòladair a bham broilleach na cuideachd agus tilgear thar a ghualainn e co soirbhs a dheanadh e uan, agus air falbh ghabh e leis, ag òlfhola mar bha eg imeachd leis! Ghabh an sgioba oillt co mórs gun do theich na h-uile aon diubh dhionnsuidh na luinge; ach an déigh an long a ruigheachd ghabh iad nàire án gealtachd, agus ghabh triùir laoch dhiubh os-làimh an creutair uamhasach so a mharbhadh. Ghabh iadna chòmhdhail le trì gunnaichean agus trì peileirean anns gach gunna. Chaidh aona pheileir troimh a cheann mu bhun na cluaise, ach ged a chaidh cha drinn e ach a cheann a thogailghluais enan coimeamh agus colunn an t-seòladair a mharbh e tarsuingna bheulachan tiota beag thòisich e ri tuisleachadh, bhreathalaich ena cheumannan, ghrad ruith iad ga ionnsuidh le lannan agus claidhean agus mharbh iad an uile-bheist oillteil. Bhachraicionn an déigh fheannadh trì troidhe-deug air fad.

Sgalag. Ciamar a chòrdadh na gamhna sin riut a bhuachaille ruaidh?

Buach. Achondrachd air na béistean! ach chan amhairceadh iad ormsa le mluirgnean caola fhads a bhiodh Seonaid-bhanarach san t-sealladh— ’s ann oirre féin a gheibheadh iad an toitean a chordadh riutha.

Lach. Uist, a gharraich! ciamar is cridheach leatsa labhairt mar sin?

Sgal. Air mfhocalille ruaidh cha teid achuach-bhleoghain ri dshròin-sa fad aon seachduin co dhiù airson do pheasanachdthan gille ruadh leamhs bheir ebhlàth bhuilcha bhi cobhar abhainne-bhlàth air bàrr a shròinen latha-sa.

Seòr. Anns abhliadhna 1788 bha Caiptein Cooks na cearna sin, agus gu grad bha e ann an glaic mangain agus a dhà spòig oillteil ma mheadhons ega fhàsgadh


[102] gus an robhaisnean an impis bristeadh. Bha oifigeach eile maille ris aig an robh gunna. “Loisg air!” arsan caipteins etuiteams abhèist os a cheann. Loisg an t-oifigeach agus cuirear am peileir troimh eanchainn na brùide, agus mar so theasraig e an caiptein.

Sgalag. ’Bheil cuileanan beaga aig na béistean?

Seòr. Thà, agus fiadhaich mar a iad, chan eil creutairean ann as bàigheala na iad mun àl og. Bha Sinn latha air an eigh agus chunnaic sinn mangan boirionn romhainn agus chuilean ògna cois. Matà dhìon i iad co dàna chùramachs gun do thàr i as leotha a dhaindeoin na h-uile oidhirp a thug sinn.

Lach. Ciod na creutairean ceithir-chasach eile thas na cearna sin?

Seòr. Tha féidh annnan treudan mòra. an t-samhraidh tha iad anns na cearnaibh as tuathaile, ach mar than geamhradh atighin tha iad ag imeachd mu dheas air tòir na cóinnichagus an fheòir-mhòintich eile air am bheil iad ateachd beò. ’S ann le boghachan-saighid a bhios luchd-àiteachaidh na tìre singam marbhadh; agus tha iad air uairibh co soirbh, shoitheamh chàldas gum faodadh pàisde am marbhadh.

Buach. Ubh uthubh! ’s in dùthaich mhi-nàdurra ì; na gamhna co fiadhaich ri leómhainn agus na féidh co soirbh ri cailleachan! Chan eil teagamh agam nacheil brigsean air na mnathan agus cléibh-bheagas cotaiche-bàn air na fir.

Seòr. Air tathaisille ruaidhs cluinnidh tu umpa sinan ùine ghoiridleig dhomh ìnnseadh gu bheil anns na cearnabh sin ceithir-chasach eile, Damh-mór-na-beinne, dom bheil am boltrach làidir agus air am bheil an t-ainm Beurla Musk Ox.Chan eil iad so ro lìonmhor, ach chan eil cearn san dùthaich anns nach faicear cuid diu.

Buach. Chan iongantach leam ged nacheil iad ro lìonmhor mas a daimh a thannta gu léir; am bheil aighean no tairbh idirnam measg?

Seòr. Cuisd! a shìochaire— ’s oil leam nach robh thugam buachailleachd fad aon ràidhes air mfhocal cha bhiodh tu cho sgeigeil.

Tha madaidh-alluidh, no mac-tìre, anabharrach lìonmhor san dùthaich sin. Bha sgaoth dhiu sogar leantuinn a h-uile ceum dar siubhal air tìr. Tha fuath coimheach aig na h-Escimòthaich air na beathaichean so leis cho sgriosails a tha iad air an cuid chon. Tha ribe no ceap-tuislidh aca mun cuairt do na tighean a h-uile oidhche chum an glacadh. Tha sionnaich bhòidheach gheala ann maraon anabarrach lìonmhor. Tha feòil nan sionnach so ro bhlasda ra h-ithe; chan fhaingheadh tu nach feòil mheann a bhiodh ann.

Sgalag. Ud ud! air mfhocals dhfhaingheadh, cha bionann idir an chuidfeòil nan trusdarga choimeas meann! ach ciod an seorsa chon a thaca?

Seòr. ’S iad na coin creutairean as feumala tha aca. Tha iad mòr làidir, agus anabharrach tuigseachrud-eiginn coltach ri cu-chaorach no eadar sin agus cu-uisgecluasan biorach, ard orra, agus earball mòr dosach. Chaneil iad ao-coltach ri madadh-alluidh. Tha na h-Escimòthaich ro phrìseil mu na coin so agus chan iongantach èchan eil fhios ciod a dheanadh iad as an eugmhaisChì thu na cuileanan san leabaidh leotha féin, agus na mnathangam beathachadh cho cùramach ris na pàisdean féin.


[103]

Cho luaths is urrainn doibh coiseachd tha iadgan ionnsuchadh gu slaod no carn eutrom a tharruing as an déigh. Tha iad air am fòghlum cho cùramach ri eich san dùthaich sin, agus falbhaidh iad leis an t-slaod so cho réidh, shunndach, aotrom, thogarrach ri aon eich a chunnaic sibh riamh. Suidhidh an t-Escimòthach san t-slaod agus cuip fichead troidh air fad aigena làimh leis an smachdaich e na coin ged robh dusan diu aige sacharbad shneachda. Tairngidh trì coin ceud pùnnd chudthrom air slaod, agus ruithidh iad mìle astair ann an mionaidean. Bha deich coin ann an aon slaod againne anns an robh naoi fichead punnd chudthrom, agus choisich iad gu soirbh mìle ann an ochd mionaidean a dh-ùine; agus ni iad so ann an curs ann an cathadhnuair nach faiceadh tu fad do shròine romhad gun dol ceum am mearachd. Tha na coin so mar an ceudna anabharrach luachmhor airson sealgaireachd. ’S ann aca féin than t-srònlorgaichidh iad féidh agus ròin air astar a chuireadh iongantas ort, agus tha iad co dàna mhisneachails gun cuairtich iad am mathghamhuin e féin, agus cumaidh iad e gun dol as gus an toir an tathunnaich na h-Escimòthaich len lannan gu cur as da.

Sgalag. A nis a Sheòruis abheil móran eun san dùthaich sintunnagan as cearcan as coilich-Fhrangach as geóidh?

Seòr. Bu tu féin an geudhCoileach-Frangach san tìr ud! Chan eil an creutair sin a rugadh riamh san Fhraing a sheasadh fuachd na cearn ud; ach tha ealachan agus geóidh-fhiadhaich, as lachaidh, as faoileannan gu leòir ann.

Sgalag. ’S fadon a chuala mifaoileann an droch cladaich” ’s bi sin ise.

Seór. Tha an lachaidh as àille chunnaic thu riamh anns na dùthchanna sin; ’se sin ra ràdh gus an téid thu co fada mu thuaths nach bi aona chreutair de sheòrsa air bith ann. Than seòrsa thunnaga-fiadhaich ann ris an abair iad saBheurla Eider-duck,lìonmhor, agus tha achlòimh orra as mines as prìseala tha air an t-saoghal air fad. ’S fiach gach pùnnd den clòimh-iteach so gini òir; aguss ann dith tha leapannan rìghrean agus dhaoine saoibhir eile air an deanamh. Tha cearca-fraoich agus seòrsa de chearca-tomain ann an cuid a dh-àiteachan san dùthaich-sin.

Sgalag. So a Sheòruis, ìnnsibh dhuinn mu na h-Escimòthaich, daoine agus mnathan an àite sin.

Seòr. Foighidinn a fhleasgaich, gus an innis mi do Lachunn-bàn rud a chuir mór-iongantas orm, agus be sin sneachda dearg.

Lach. Sneachda dearg!! Am bheil thu da rìreadh?

Seòr. Gun teagamh thà; cha tig focal as mo bheul ach smior na fìrinnchunnaic mi sneachda dearg.

Buach. Bin dùthaich thuaitheal ìgamhna fiadhaich bhorbaféidh shoirbh chàldacoinan àite nan each atarruing charnbuailtean do dhaimh mhòra gun tarbh gun mhartsionnaich gheala agus sneachda dearg! —càiten stad thu a Sheòruis? ’n iad na mnathan a bhios asealgaireachds na fir atoirt cìche?

Seòr. Cum do theangas leig leam labhairt.

Buach. Leigidh, leigidhachs tusa dhfhaodadh an t-òran a ghabhail is tric a chuala mi.

Chitear fèidh air sgiaths na speurabh,
Chitear iasg air bhàrr nan slèibhtean,


[104] Chìtear sneachda dearg air gheugabh,
Mum faicear.—

Seòr. Mum faicear tuigsen ceann abhuachaille ruaidhach coma co dhiù, bhan sneachda dearg, agus than dath so air trì no ceithir a throidhean air doimhneachd. Chunnacas an ni ceudna air tìr-mór na h-Eòrpa air na beanntabh Alpach, agus maraon ann an America achinne-deas. Thug Caiptein Ross cuid den t-sneachda dhearg so do Lunnuinn agus do Dhun-éideann.

Sgalag. Tha mi suarach mun t-sneachda ruadh, bfhearr leam thu dh-ìnnse mu na daoine, cainm so thuirt thu riutha? —na craicinn mholachnach e sud a thubhairt thu? air neo na h-éisg-mholach.

Seòr. Craicinn mholach! a ghleòsgaire thruaigh, cha duirt mise riamh gun robh craicionn nan creutairean bochda ni bu mholaiche na craicinn dhaoineile— ’se Escimòthaich a theirear riutha. ’S ann matà mu thoiseach na bliadhn’ -ùir 1830 a fhuair sinn acheud sealladh dhiu so. Thainig mu thimchioll ceithir-fir-fhichead diu san t-sealladh. Chaidh Caiptein Rossnan còmhdhail. Bha lann fhada agus sgian aig gach fear dhiu. Bha fios aig achaiptein gum be fàìlte na dùthcha Timà Timàs e sin ciamar ciamar ?

Sgalag. An e gur Gàilig a labhair iad?

Seòr. Chan ìach aidichidh mi gun robh cuid a dh-fhocail anabharrach coltach rithe. Co luaths a chualiad so Tima Tima no Cima Cima thog iad iolach ghairdeachais. Thilg iad an airm air làragus ghlaodh iad Aida Aida. —Chaidh an Caiptein air aghaidh agus greim aige air a shròin féinna làimh dheisle so fhaicinn ghlac iad uile greim gach fear air a shròin féin agus leum agus dhanns iad le anabharra gairdeachais, atilgeadh air falbh an cuid arm uile gu léir. Ghrad rinneadh cairdeas agus thòisich an t-eòlas. Dhinnis iad gum be an t-ainm a bhorra-san na daoine Innuid agus gum be Gilletà ainm seann duine bha air slaod maille riutha.

Sgalag. Air mfhocal fìrinneachs Gàilig a bhannna daoine inich, nach meataicheadh, agus an seann duine Gilletàsese sin fear-an-tighe o nach burrainn da an tigh fhàgail gun chuideachadh— ’n en t-Eile-beag a bhorra?

Seòr. Cha bi dùthaich an éile-bhig ibha deisorra bu fhreagaraichecasag air chumadh casaig Thirisnich, teann dùinte on smig sios gu ruig na glùinean de bhian féidh agus taobh an fhionnaidh ris achraicionn, agus air uachdar so casag eiles am fionnadh, air an taobh muigh, currachd den t-seòrsa cheudna mun cheann, gu dlùth teann, agus air a cheangal fon smig mar a chì thu currachd-oidhche cailliche, muinchillean na casaige atéarnadh nis faide na bàrr nam meur, bòtainnean dùbailte de bhian féidh orra agus brigsean den t-seòrsa cheudna aruigheachd beagan fon ghlùnach

Lach. sin a mach?

Searbhanta. A mach, a mach! thachàbhruich fuar, togaibh dar seanchastha Seonaid-nin- Eòghain air bàinidh sibh a bhiga cumail as a leabaidh cho fadagreasaibh a nallsuipeir! suipeir!

Lach. Chan eil comas air— ’s fearr a ghabhas an còmhradh ath-ùrachadh na achàbhruichtha oidhcheiletighinSo a sheònaid, tog tòran a nis aig am bi thu sgìth.

(r’a leanailt san ath àireamh.)

title2
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text5
<< please select a word
<< please select a page