’Fhir mo chridhe,
’S fad’ o’n a chuala mi “bidh an luaireagan luatha ’na uallachan gille.” —Ann am fhiosrachadh féin thachair so, agus chomhairlichinn nach tugadh duine air bith barail bhras air loth pheallagaich no air balach luideagach. Tha mise nis a’m dhuine cothromach ann am baile-mór Ghlascho; tha ’n saoghal a’ cinneachadh leam mar bu mhiann, agus ma tha duine ann aig am bheil barrachd aobhair na fear eile air bhi taingeil do chaoimhneas freasdail an Tighearna airson soirbheachaidh os-ceann nì sam bith a dh’ fhaodadh e ’smuainteachadh gun a rìoghachd no a dhùthaich fhàgail, ’s mise ’n duine sin.
Is mac mi do sheòladair bochd a mharbhadh a’ cogadh airson a rìgh agus a dhùthcha. Dh’ fhàgadh mo mhàthair ’na banntraich agus mise ’m dhìlleachdan ’nuair bha mi air a’ chìch. Le oidhirpean dìchiollach agus cùram nach d’ fhuaraich a latha no dh-oidhche as mo leth, dh’ àraich agus thog mo mhàthair bhochd mi. Bha ’m bothnn beag anns an robh i a chòmhnuidh dlùth do sgoil na sgìreachd, agus b’e miann a cridhe sgoil agus fòghlum a thoirt domh—ach ciamar a bha so r’a dheanamh? Bha ’m maighstir-sgoile ’na dhuine cruaidh neo-iochdmhor, ’na dhuine sanntach gun tlus no caoimhneas. Chaidh i d’a ionnsuidh—thairg i sniomhadh airson a mhnatha—buain da féin san fhogharadh—oir bha croit mhór aige—thairg i bhi sa’ bhlar-mhòine dha san t-samhradh agus na h-uile dìchioll a bha ’na comas a chleachdadh chum mo thuarasdal-sgoil a dhìol—ach cha deanadh so uile a mhaothachadh. “Tha gu leòir de d’ sheôrsa agam cheana” ars’ esan— “tog de t’ amaideachd, ni e buachaille ladhach ann an ùine bheag—bu mhath an sgoilear” ars’ esan“ ’athair agus ciod a b’ fheaird’ e e?” Chaidh so mar shaighead gu ’cridhe—ràinig i am ministeir, agus thug esan, an duine beannaichte, litir dhi chum a’ mhaighstir-sgoile. Chaidh mise air an la-màireach leis an litir so do’n sgoil, fóid mhòine fo m’ achlais agus leabhar beag a’m làimh a thug am ministeir dhomh. Bha ’n sgoil cruinn ’nuair chaidh mi ’stigh—leugh e’n litir— “Co leis thu mo ghille carrach?” ars’ esan, ged is math a bha fios aige. “ ’S mise” fhreagair mi “mac na banntraich.” “Faighibh aite-suidhe” ars’ esan an sin “do’n ghille charrach mac na banntraich.” O’n àm sin fhuair mise m’ ainm san sgoil—cha ’n abradh an giullan a b’ ìsle ’nam measg ach an gille carrach mac na banntraich. Cha robh comas air; chuir mo mhàthair mar fhiachaibh orm gun fheirt a thoirt air nì a chanadh iad. Chuireadh a shuidhe mi ann am fròig cùl an doruis air cloich ’s gun nì eadar mi ’s i ach luideag thana chùrainn. ’An ceann latha no dhà fhuair mi leasan o fhear de na sgoilearan agus leis an dòigh a shaoithrich mi aig an tigh le m’ mhàthair, thainig mi air m’ aghaidh gu gleusda.
Bha ioma nì ’an earbsa ris a’ mhaighstir-sgoile-sa a bharrachd air an sgoil. Bha croit aige air an robh dà mhart agus each—bha leabhraichean na sgìreachd aige—b’ e cléireach an t-seisein e—bha e na fhoirfeach eaglaise—bha ’m Post Office aige mar their iad sa’ Bheurla, far an robh gach litir a bha ’tighin do’n dùthaich agus a’ dol aisde air an càradh—cha robh uair de’n
Nis a Theachdaire-ùir, nach labhair sibh ris na ministeirean Gàidhealach? air m’ fhocal mur dean sibh e, mur leig mise dairireach ribh ’sna pàipeirean-naigheachd, ugus bheir mi air Para Rìoghail a’ bhaile mhóir so am feannadh mur a h-amhairc iad mu dhéibhinn nan sgoilean Gàidhealach.
Is mise, ach coma có mì a nis, ach bu mhì aon uair
AN GILLE CARRACH MAC NA BANNTRAICH.[Cha’n fhiosrach sinn cia dhiù dh’ innis fear-sgrìobhaidh na litreach so a dhiùras mun do sgriobh e i, no a fhuaradh a mach e gun fhios da, ach fhuair sinn litir o chionn ghoirid a chuireas sinn anns an ath àireamh, agus a bheir air a “Ghille Charrach” a cheann a thachas. ]
title | 3 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |