SGEUL BEAG FIRINNEACH MU THIMCHIOLL BEARRADAIR FEUSAIG, NO BARBAIR TEISTEIL.
Bha Bearradair feusaig ann am baile Bhath ann am Sasunn agus thachdair dha là àraid a bhi ’siubhal mar bu ghnàth leis air na sràidean, agus air dha teachd gu dorus eaglais àraid agus a’ faicinn an doruis fosgailte chaidh e ’stigh ceart mar bha am ministeir a’ toirt a mach a chum teagaisg, Exod. 28. 8. “Cuimhnich latha an Tighearna chumnail naomha.” Chual’ e an t-searmoin agus thuig e gu robh e féin anabarrach ciontach ann am bristeadh latha na Sàbaid le bhi ’g obair air a cheaird na h-uile dòmhnach. Bha a choguis air a dùsgadh agus chaidh e dhachaidh le cridhe tróm—chuir e a chomhairle ri ministeir dìleas air an cual’ e iomradh mór, agus ’si ’chomhairle fhuair e sgur de bhristeadh na sàbaid le bhi ’bearradaireachd fuilt no feusaig air di-dòmhnaich. Fhreagair e “Ma ni mi sin thig mi gu bochduinn;” ach coma có dhiù an déigh iomad oidhche chur seachad gun lochd le iomaguin agus cùram le gul agus urnuigh, thuig e gu’m b’e a dhleasdanas àithne Dhé a choimhead cia air bith mar dh-éireadh dha; chuir e roimhe ’earbsa ’s a dhòchas a chur ann an Dia agus a dhleasdanas a dheanamh. Sguir e o’n am sin suas o bhi ’bearradh dhaoine air latha an Tighearna, agus chaidh e do thigh Dhé na h-uile sàbaid. Thainig sonas agus sìth-inntinn, ged a chaill e móran d’a bhuannachd shaoghalta. Shealbhaich e móran de’n t-sìth sin nach h-urrainn an saoghal a’ thoirt seachad no ’thoirt air falbh—ach mar shaoil e, thàinig a’ bhochduinn—dh’ fhàg luchd-tathaich a’ bhùth e, agus b’ éiginn da ’thoirt thairis, agus ’an ceann dà no trì bhliadhnaichean chinn e co bochd ’s nach robh àite b’ fhearr aige na cùil thruagh de sheileir ìosal far am b’ àbhaist leis daoine bochda a bhearradh air làithean eile na seachduin, oir thug Dia comas da seasamh ris an rùn a rinn e, nach
Air feasgar sathuirne, eadar solus an latha ’s an fheasgair, thainig duin’ -nasal coigreach le a h-aon de na coidseachan agus dh’ fheòraich e san tigh-òsda far na stad an carbad an robh Bearradair feusaig dlùth do’n tigh? Cha ’n eil a h-aon san t-sraid so, ars’ iadsan ach duine bochd a tha san t-seileir ud thall. Ghrad ruith e ’nùnn. “Gabh t’ ealtainn-bhearraidh gu luath” ars’ esan “agus thoir an fheusag dhìom agus cabhag orm agus gun agam ach ceithreamh na h-uaire gu fuireach san àite so—tha ’mhiann orm a bhi air mo bhearradh a nochd, oir cha ’n àbhaist domh so a dheanamh air latha na sàbaid. Chuir so iongantas air a’ bhearradair bhochd—ghrad ghuil e— “An toir sibh dhomh” arsa ’m bearradair, “bonn-a- sia leis an toir mi ’stigh coinneal” oir bha e air fàs dorcha. Thug an duin’ -uasal so dhà a’ smuainteachadh ’na ìnntinn féin co uireasbhach ’s a bha ’n duine truagh a dh’ iarr am bonn-a- sia air.
’Nuair a bha ’chùis seachad agus an fheusag air a toirt deth, “Cha ’n fhaod e bhith” arsa ’n duin’ -uasal, nach ’eil nì-eiginn a’d eachdraidh “nach ’eil cumanda ’nuair tha thu co bochd; cha ’n eil ùine agam air an àm feitheamh r’a h-éisdeachd, ach so dhuit bonn leth-chruin— ’nuair a philleas mi do’n bhaile so cluinnidh mi t’eachdraidh. C’ ainm a th’ ort?” “Uilleam Reid” arsa ’m fear eile. “Uilleam Reid!” arsa ’n duin’ -uasal le iongantas “Uilleam Reid! c’ àite ’n d’ rugadh tu?” “Ann an Kingston, dlùth do Thaunton.” “C’ ainm a bh’ air t’ athair?” “Tómas” ars’ esan. “An robh bràthair aige?” arsa ’n duin’ -uasal “Bhà” arsa’ esan, “a h-aon air an d’ ainmicheadh mise, a chaidh do dh-Innsean na h-aird-an-ear o chionn fhada, agus do bhrìgh nach cuala sinn riamh mu ’dhéibhinn tha sinn a’ baralachadh gu’n d’ eug e.” “Thig maille riumsa” arsa ’n duin’ -uasal, “tha mi air mo shiubhal a dh’ amharc duine tha ag ràdh gur h-è Uilleam Reid as an àite so, agus tha e ’cur a stigh airson oighreachd bhràthar- ’athar, a réir a’ chùnntais tha esan a’ toirt mu’n chùis. Ma tha thusa ’g înnseadh na fîrinn tha naigheachd math agam dhuit—faodaidh tu an seileir so fhàgail agus togail de d’ chèaird fhad ’s is beò thu. Chaochail brathair-t’ -athar agus dh’ fhàg e anabharra beairteis.” Dh’ fhalbh an Bearradair bochd leis. Cha robh san fhear eile bha ’cur a stigh airson na h-oighreachd ach cealgair breugach. Fhuair Uilleam Reid an oighreachd, deich mìle punnd Sasunnach an déigh gach costas a dhìol. “Thig Dia ri h-airc s cha ’n airc nuair thig.” Is fìor an sean-fhocal a thubhairt so. ’S iongantach an eachdraidh tha againn ann an so air dòigheannan freasdaîl Dhé. Nam biodh aona bhonn-a- sia aig a’ Bhearradair a chuireadh e mach a cheannach coinnle, ’s dòcha nach gabhadh an duin’ -uasal beachd sònruichte sam bith air agus nach cluinneadh e riamh iomradh air an oighreachd: ach dh’ earb am Bearradair ann an Dia, anns an Dia sin nach dubhairt riamh gu diomhain ri sliochd Iacoib “Iarraibh mi” —naomhaich e a shàbaid agus fhuair e a dhuais uaithe-San a thubhairt, Cuimhnich latha na sàbaid a chumail naomha.
title | 4 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |