EACHANN BÀN AGUS AM MINISTEIR.
CHAIDH Eachann Bàn gu ministeir àraidh a dh’iarraidh teisteannais. Thuirt am ministeir ris nach buineadh e d’a sgìreachd-san, —nach robh eòlas aig’ air, agus uime sin nach b’ urrainn e. Ach, ars’ esan tha mi ’faicinn gu bheil thu aosmhor, anfhann, agus, do réir coltais, bochd. Suidh beagan agus bheir mi dhuit teisteannas cho mhath ’s is urrainn domh le coinnseas glan. Ann an tiota thug e dha an teisteannas a leanas, agus is léur a bhlàth air Eachann o’n latha fhuair se e.
TEISTEANNAS EACHAINN BHAIN A MUILE.
FONN—Tharruing grian, Righ nam Planad ’s nan reull, &c.
Tha Fear-iomchair a’ phaipeir so fann,
Mar is dù’ dha ’san am ’s e cho sean,
Thrumaich aois air le ’h-iomadai’ bròn
Tha rithe fuaighte ’s gun dòìgh air a chleith;
Tha na neòil ’an déigh iadhadh mu’n cuairt,
Chìnn an iarmailt ro ghruamach air fad,
Agus dhorchaicheadh lòchrain nam buadh
Gun leus soluis ach tuaileus fuidh smal.
Chaidh luchd-gleidhidh an tighe bho fheum
A chion spioraid a’s speuraid a’s lùth,
Dh’ fhàs na daoine bha spionntach gun chlì,
’S iad a’ cromadh a sìos chum na h-ùir;
Chaidh iad uile gu buileach bho stàth,
Seach mar chleachd a’s mar bhà iad o thùs,
Tha ’n luchd-bleith an déigh sgur o’n a dh’fhàs,
Iad cho tearc a ’s a chnàmh iad gu’n cùl.
Tha na h-uinneagan cruinne b’ fhearr dealbh,
Air fàs reódanach seana-bhileach, tuar,
’S an luchd-seallaidh bu smearaile colg,
Air an iadhadh le dorchadas buan.
Tha na dorsan teann druidt’ anns gach sràid,
Agus fuaim na bleith ’ghnà dol ni ’s ìsl’,
Ni e clisgeadh a suas aig guth eòin,
’S tha gach binneas a’s ceòl air bheag prìs.
Dhruid an t-àm ’s am bi geilt roi ’nî àrd,
Thréig a chàileachd a’s dh’ fhàilnich an gniomh;
Tha gach uamhas ’s an t-sligh’ ’na cheannfàth,
Aig an duine gu chàradh fuidh fhiamh,
Tha chraobh-àlmoin a nise fuidh bhlàth,
Anns a’ Gheamhradh—tim ânrach nan sion,
’S an leumnach-uaine ’na eallaich air fàs,
’Nuair a chaochail ’s a bhàsaich am miann.
A chionn g’ eil an t-oilthireach truagh,
A’ triall d’ a dhachaidh ro bhuan air bheag dàil;
’S an luchd-cumhaidh ’n àm sgaoileadh o’n uaigh,
Dol ’nam buidhnibh mu’n cuairt anns gach sràid;
’Nuair a dh’ fhuasglar gu buileach an cord,
Luachmhor airgid—gun seòl air a thà ’dh,
’S nach bi feum ann an soire ni ’s mò,
Chum an dreuchd gus ’n do shònruicheadh è.
’S e so staid a ’s cor muladach truagh,
An fhir-thuruis—nach cruaidh leibh mar thà?
Dhruid na bliadhna ’s an aidich e ’chùis—
“Cha ’n ’eil tlachd agam annta gu bràth,”
Ach ’s e mheudaich a thruaighe gu léir,
A bhean mar uallach ’na dhéigh ’s i ’n droch shàlìnt’
’S ged is duilich gur h-éiginn da falbh,
’S iad’ am freasdal ri oirchiosaibh chàich.
Cha b’ an-struidheas, cion teómachd, no leisg,
Fhad ’s a shealbhaich e neart agus càìl,
’Dh’ fhàg cho aimbeirteach bhochd e gun treòir,
Ach toil an Fhreasdail ’s mar dhòrduicheadh dhà.
Bha e uair ’s cha robh ’m Muile gu feum,
Aon duine bu ghéire ’s a b’ fhearr;
Ged is duilich a chòmhdach ’s an uairs’—
Teann air deireadh a chuairt a’s a làith ’n.
Fhir a leughas no ’chluinneas mo dhàn,
Bha Eachann mar thà thu ’san àm,
Thoir fa ’near gu faod thus’ air bheag dàil,
Mar tha esan an dràsd bhi—bochd fann.
Air an aobhar sin maoth’cheadh do chrìdh’
’S ma tha maoin agad—sìn da do làmh;
Cha dean beagan ’thoirt uait de bonn beud,
’Nuair thig aois ort a’s eucailean bàis.
T.
title | 5 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |