[112]

NAIGHEACHD MU BHLIADHNA THEARLAICH.

NUAIR a thug na Gàidheil an ionnsuidh fhoghainteach air maduinn latha Sliabh-Chlamhain, bha uchd-dhaighneach làidir air a ghlacadh leis na Camshronaich agus le Stiùbhartaich na h-Apunn. Bha Alastair Stiùbhart, tighearn Ionarnahoighle san Apuinn, air thoiseach na cuideachd, agus thug e fanear do dh-oifigeach den arm-dheargna sheasamh lechlaidheamh rùisgtena làimh adìon na chaidh earbsadh ris ged a theich a chompanaich, agus do réir coltais acur roimhe a dhìon fhads a burrainn e. Dhiarr Ionarnahoighlair strìochdadh, achse freagradh a fhuair e, sàthadh da chlaidheamh, a chum e dheth lethargaid. Bhan Stiùbhartachna dhuine fìor fhoghainteach— ’na fhear-claidheimh anabharrach, agus air an ath bhuille bha claidheamh an oifiigich-dheirg adannsadh san adhar fichead troidh os an ceann! Bhan t-oifigeach a nis a dh-easbhuidh airm-chatha agus bha muilleir Ionarpholla, fear de luchd-leanmhuinn Ionarnahoighle, acur thairis na tuaidhe-catha chum a ghrad ghearradh a sìos, ’nuair a chuir e an ath impidh air an oifigeach strìochdadh, a béiginn da a dheanamh, ged a bha esan cuideachdna dhuine calma foghainteach. Ghabh Ionarnahoighle cùram da phearsa agus


[113] do gach a bhuineadh dha; agusan ùine ghearr fhuair e a shaorsainn da aironair féin. Ben t-oifigeach a bhann Coirneal Ailean Whiteford, tighearna Bhallochmyle ann an siorrachd Ionar-Air. An déigh na thachair cha burrainn e le h-onair cogadh an aghaidh aPhrionnsa, agus thug e dhachaidh air; bha ena dhuin’ -uasal air an robh mór mheas, agus a bha fìor dhìleas do thigh Hanover; ach bha na h-uiread earbsaig na daoine foghainteach so as a chéile, ged nach bionann aigne dhoibh a thaobh rìoghalachd, ’s am feadh a bhan rìoghachd gu truagh air a roinnan aghaidh a chéile, gun deach fear Ionarnahoighle a dhfhaicinn a phrìosanaich, air a rathad don Ghàeltachd a thogail tuille dhaoine; agus chaith e beagan làithean le Coirneal Whiteford agus a chàirdean cho cridheil, shùnndachs ged a bhiodh sìth-réite mun cuairt doibh.

An déigh cath Chuilfhodair, be dlighe Whiteford e féin a chur ga dhùlan chum maitheanas fhaotainn do dh-fhear Ionarnahoighle. Ràinig e gach cumhachd a bàirde na cheile san rìoghachd, ach fhuair e do ghnà an éuradh, ag ràdh gun robh Ionarnahoighle air a shònruchadh a mach ro-chiontach. Mu dheireadh ràinig e Diùc Chumberland. Fhuair e an diùltadh uaithe-san mar an ceudna. Cha diarr e an sin ach tèaruinteachd do thigh, do mhnaoi, do chloinn, agus do dh-oighreachd Ionarnahoighle. Dhiùlt an Diùc so mar an ceudna; agus air don Chòirneal a Chomision a tharruing as a bhroilleach, thilg e air abhòrd e, ag radh, nach biodh e ni bfhaide ann an seirbhis rìgh do nach baithne nàmhuid a strìochd a chaomhnadh. Dhrùigh achainnt so co mór air an Diùcs gun do shil a dheòir. Dhàithn e don Chòirneal a chomision a thogail, agus dheònaich e dha an tèaruinteachd a dhasluich e co dùrachdach.

S anns an àm a fhuaradh e; oirs gann a ràinig en dùthaich mun robh feum air, a chaomhnadh an tighe, abharra, agus na spréidhe, a bhair gabhail umpa leis an arm dhearg. Bha àireamh dhiu air an socrachadh air fearann Ionarnahoighle, ni a chaomhain iad, am feadh a tharruing iad lom-sgrios air achoimhearsnachd; ’s bha iad ri sireachas teann orra-san a dhéirich san iomairt, agus gu sònruichte airson fir Ionarnahoighle. Bha e gu mòr ni bu dlùithe dhoibh na bha fiuthair aca; oir bha em folach ann an uaimh, far an cluinneadh e na saighdearan atoirt seachad focal an airm dan co’ -luchd faire. Bha a bhiadh air a thoirt ga ionnsuidh le nighin da nach robh ach mu ochd bliadhna dh-aois; oir bha gluasad bean-a’ -bhaile, agus a cuid seirbhiseach air am faire co mion, ’s nach feudadh i earbsadh ri aon neach eile. Le seòltachd fada thairis air a h-aois, bu gnà leis achaileig cleasachd mu thimchioll nan saighdeirean, a bha ro chaoimhneil rithe, agus ghabhadh i a h-àm féin air dol gun fhios do dhoire dlù, far am bu gnà leatha an lòn fhàgail, chum gum faigheadh a h-athair e.

Chaith Fear Ionarnahoighle mòran aimsir san ionad sin, ged bha e air a leònadh gu tróm ann am blàr Chuilfhodair. Bha ean ceann ùinàraidh adol còrr uair a chodalna thigh féin, a chionn gun dfhàg an t-arm am baile; ach air pilleadh dhoibh ro mhoch aon


[114] , bha e ann an cunnart mòr le iadga fhaicinn afàgail an tighe. Loisg am freiceadan air, agus thainig iad chum an tighe a dh-fheòraich a bhann: oir thuirt iad gun robh iad atoirt caidreamh do na daoine bhair fògradh. Fhreagair seana bhean iad, gur e bhann am buachaille. “Carson nach do stad enuair a ghlaodh sinne ris?” deir na saighdeirean dearga. “Tha e,” deir ise, “co bodhar ri cruaich mhòine.” “Cuirear grad fhios air,” deir iadsan, “ ’s gum faic sinn e.” —Chaidh fios cabhaig air an fhìor bhuachaille, agus bha sàr chothrom air a theagasg gu bhi bodhar gu leòir mun dthainig e dhachaidh

Fhuair Fear Ionarnahoighlean déigh sin maitheanas, agus ghabh e gu follaiseach mu thàmh aig an tigh, gun neach gu carraid no campar a chur air.

Ead. P. M.

title8
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text5
<< please select a word
<< please select a page