[114]

ANDREAS HOFER’ AGUS LUCHD-AITEACHAIDH NA TYROL.

Is an de na rìoghachdan as cumhachdaichesan Roinn-Eòrpa Austria, agussin dùthaich ris an abrar an Tyrol Gàidhealtachd na rìoghachd so. Chan eil na beanntan as airde tha againne ach còrr agus ceithir mìle troidh air airde, ach tha beanntan an Tyrol a thrì airde so, agus iad air an còmhdachadh le sneachda o thoiseach gu deireadh na bliadhna, agus cha do choisich air fraoch ceatharnaich is curanta na an luchd-áiteachaidh. Tha an gràdh dan dùthaich làidir, agus sheas iad riamh gu duineil as a leth an aghaidh ionnsuidh gach nàmhaid. ’An àm achogaidh mu dheireadh a bha air a dhùsgadh le cìocras neo-shàsaichte nam Frangach gu lamh-an-uachdar fhaotainn thar rìoghachdan eile agus an cur fo chìs, agus gu sònruichte le naimhdeachd an impire Bonaparte, sheas Austria gu calmana aghaidh, agus an uair a bha sinne agleachd gu buadhar ri cumhachd aintighearna na Frainge, san Eiphit agus anns an Spàind, chaill agus bhuidhinn Austria iomadh blàr fuilteach san aobhar cheudna. Bha an roinn féin aig muinntir an Tyrol sachaonnaig, gu minig atéarnadh mar still nam beanntan air naimhdibh an dùthcha; ach anns achomhstri a bhann chaidh achùis cho fadan aghaidh Austrias gum béiginn di mu dheireadh an Tyrol a liubhairt thairis do na Frangaich sabhliadhna 1806. Bha san àm so ann an aon de ghleanntaibh na Tyrol fear tigh-òsda dam bainm Andreas Hofer, duine foghainteach treunfeusag fhada dhubh air aruigheachd a chriosiomraiteach airson a ghràidh da dhùthaich, agus le bhi anabharrach déigheil air sealg nam fiadh-ghabhar, cha robh gleann no coire san Tyrol anns nach robh e eòlach agus anns nach robh luaidh airainm mar air caraid dìleas, agus gu cinnteach bu charaid dìleas a bhann. Thug e Vienna air, (ceanna-bhaile Austria) gu labhairt ris an impire thaobh éiridh air gach làimh an aghaidh nam Frangach. Thill e le ard-mhisnich ag ràdh ra chairdean a choinnich e. “Misneach mhath! gheibh sinn còmhnadh.” Chruinnich ceud gaisgeach mun cuairt da, a bhóidich da chéile bhi


[115] dìleas, agus mar an ceudna gun ceileadh iad an rùn gu àm na h-ionnsuidh a bha iadan ùine aithghearr ri thabhairt. Car beagan mhìos bha gnothuichean air achor so, ach focal cha do bhrist a mach o aon seach aon diu. Air an naothamh latha de mhìos deireannach an Earraich sabhliadhna 1809 chunnacas teintean adeàrsadh air binnein mullaich gach beinne, sheinn na cluig achaismeachd, agus le làmhach ghunnaichean, dhfhàilticheadh amhaduinn sin air an robh luchd-aiteachaidh na Tyrol agus Andreas Hofer air an ceann, ri saorsa thoirt do thìr an athraichean. Chunnacas asnàmh a sìos leis an abhuinn Inn (abhuinn mhór tharuith troin ghleann as mugha san dùthaich) meanan sàibh, agus brataichean beaga dearga air an ceangal ri biorain air an sàthadh ann an spealtagan fiodha mar chomharradh don fheadhain a bha gu h-ìosal air an t-srath gun dthàinig an t-àm dhoibh éiridh. Dheubh mnathan agus clannnuair chunnaic iad an sanus sothàinig an t-àm!” agus fhreagair mactalla don chaithreamthàinig an t-àm!” Be Andreas Hofer ccannard na buidhne agus romh bhristeadh faire bhadaich iad air gach taobh anns na nàimhdibh a chaidhnam breislich leis an fhàilte ghuineideich a fhuair iad, oir bha iad gun deasachadh sam bith a dheanamh air chionn na còmhdhail. Tàmh no fois cha do leig Hofer dhoibh riamh gus na sgiùrs e gach mac màthar dhiu as an dùthaich, a bha nise aon uair eile saor!

Ach casna dhéigh so chaill Austria blàr millteach Wagram, far an dfhàg i móran da laoich threunanan luidhe san àrfhaich, agus thuit an ceanna-bhaile féin ann an lamhan nam Frangach. Thainig fios gu Hofer nach burrainn e còmhnadh sam bith fhaotainn, agus nach deanadh e ach lom sgrios a tharruing air féins air a chuid daoine le seasamh a mach ni bfhaidenan aonaran aghaidh na Frainge.

Bha Hofer cho iomaguineach aguseagal co mór a thaobh cor na Tyrol, a bha nise a réir coltais gu bhin cumhachd na Frainges gun dthug e uaigneas nan gleann air fad thri làithean, a ghuidhe air an Ti as àirde e bhina dhìdeinsna chul-taice da dhùthaich. Chruinnich e a chuid daòine mun cuairt da agus chuir e féins a bhuidheann bheag ghaisgeach romhpa seasamh as leth an dùthchà gu hàs!

Chuireadh gun dàil ochd mìle Frangachnan aghaidh gan cur fo smachds a ghabhail seilbh san Tyrol. Bha fios aig Hofer mum burrainn na Frangaich Inspruck (ceanna-bhaile na Tyrol) a ruigheachd, gum feumadh iad tighinn troimh aisridh chumhaing ann an slugan glinne ùdlaidh air an robh esans a chuid daoine mion-eòlach. Thug iad orra dhionnsuidh abhealaich sgàirnich so, agus charn iad suas clachan agus craobhan air dhòigh agusnuair a ghluaisteadh an taic a bha fódhpa gun rachadh iadnan deann car air char leis abhruthach le neart cho mórs gum bruanadh iad gach thigeadh san rathad. Air maduinn bhòidheich deireadh an Earraich ghluais feachd na Fraingestigh don ghleann agus mar ghabh iad air an aghart cha robh coltas nàmhaid ra fhaicinncha robh uibhir an duillich agluasad air craoibh, an ceò ag ialadh mu aodann nan stallachan ardacha robh fuaim no monmhur ra chluinntinn a bheireadh fairbheanadh seachad gun robh na laoich sin goirid o làimh aig an robh an cuilbhear


[116] nach dfhàilnich riamh air am feum, agus aig an robh an cridhe gaisgeil nach dfhiosraich geilt roimh ghnùis nàmhaid! Ach mu dheireadh chualas glaodh air dara taobh abhealaichAm bheil sibh deas?” Fhreagradh on taobh eileThà,” “Thugaibh dhoibh sin mata.” Cha luaithe bham focal as a bheul na nuas bhrùchd le fuaim tairneanaich, creagan, clachan agus craobhan, asmàladh ri talamh na ceudan de na Frangaich. Cha do chaomhnadh amhusg orra mar an ceudna, cha chluinnte ach làmhach an déigh làmhaich on bhearradhs am feachd saghleann atuiteam air gach taobh. Fad thrì làithean dhùlanaich Hofer agus a shèa ceud laoch ochd-mile-deug Frangach! aleum o chraig gu craig agus o sgor gu sgor; achnuair a mharbhadh a chairdean dìleas gus ach beag an t-aon mu dheireadh, beudar do Hofer teicheadh airson dìdein gu aonarachd nam beann a bhair an còmhdachadh le sneachda nam mìltean geamhradh. Air aon de na h-oidhcheannan choinnich Hofer a bheans a chlann air allabansnam fògaraich feadh nam beann mar bha e féin. Cha robh fios aige bu chor dhoibh gus an damais e orra air an dòigh so. Na h-aignidhean a ghluais ann an inntinn Hofer aig achòmhdhail so, feudaidh sinn ann an tomhas a smuainteachadh, ach chan fhurasdachur an céill. Fhuair na Frangaich a nis lamh-an-uachdar, agus chleachd iad abhuirbeachd a boillteala do luchd-àiteachaidh nam beann. Loisg iad fhichead baile beag, agus a h-aon anns an robh mu thimchioll seachd ceud tigh. Anns abhlàr mu dheireadh a chaidh a chur aig àite ris an abrar Brixen far an do sheas ann am buillsgein achatha a bhean ri taobh a céileamhaighdeann ri taobh a h-athar no an fhleasgaich ris an robh i air réiteach. Chaidh trì cheud gu leth bean a sgathadh sìos agus a shaltairt gu hàs leis amharc-shluagh! agus gach duine air am faighteadh greim rachadh fheuchainns am peileir a chur troimhe gun dàil. Fhuair an curaidh Hofer as, an uair so fhathasd, agus le cridhe tùrsach bha e nis acaoidh cor tìr a ghràidh ann am bothan beag fada gu h-ard anns na beanntaibh agus ochd no naoi mhìltean o ionad còmhnuidh. Cha robh fios aig neach airaite-falaich ach aig a mhnaois a h-aon no dha da chàirdean bu dìlse. Thainig iadsan o àm gu àm ga fhaicinn agus atoirt teachd-an-tìr leò ga ionnsuidh. Cha do smuaintich a bhean gun robh e san Tyrol idir, gus am faci e. Bhachuid bu mhò am barail gun dthug e Vienna air; agus chuir an t-impire iomadh teachdaireachd dhìomhair ga ionnsuidh ag asluchadh air teicheadh, ach fhreagair esan a ghnàth, Chan eil e san Tyrol na ni foill orm. Ach bhà san Tyrol na rinn foill air. Air do na Frangaich a mhaoidheadh air duine dam bainm Staffel gun rachadh am peileir a chur troimhe san aite-sheasaimh san robh e mur brathadh e dhoibh an t-ionad san robh Hofer am falach, dhfhalbh ena fhear-iùil le buidhhinn shaighdearan a dh-ionnsuidh an àite. Air an fhicheadamh latha de mhìos mu dheireadh agheamhraidh sabhliadhna 1810 mu ghlasadh an latha, chuairtich na saighdearan am bothan. Nuair chuala Hofer an tartraich leum e dh-ionnsuidh an doruiss an cuilbhearna làimh nach do mhearachdaich ach ainmic a cuspair. Thog e uair ra ghualainn i achnuair a chunnaic e gum bu diomhain da oidhirp a thoirt air dol as dhfhosgail en dorus gu neo-sgàthach, agus air do dh-aon den
[117] bhuidhinn fheòraich è, fhreagair e gun fhiamh, “Is mise Andreas Hofer, tha mo bheatha ann ad làimh, caomhain mo bhean agus mo leanaban.” Chaidh a ghlacadh agus glas-làmh a chur air féins air a mhac, giullan mu dhà bhliadhn-deug a dh-aois, agus thugadh air falbh iad cas-ruisgte air feadh an t-sneachda gu baile san Eadailt dam bainm Mantua, a bha san àm sinan lamhan nam Frangach. Chaidh fheuchainn sabhaile so, agus bhachuid bu mhò toileach a bheatha a chaomhnadh, ach samhionaid sin thainig teann ordugh á Paris (ceanna-bhaile na Frainge) a thilgeadh, an taobh a stigh de cheithir-uaire-fichead. Air an fhicheadadamh latha de cheud mhìos an earraich mu aon-uair-deug thainig freiceadan shaighdearan a thoirt air falbh Hofer gu bhi air a thilgeadh. Bha mòran da luchd-dùthcha air an cuibhreachadh saphrìosan cheudna, ’s an uair a bha esan aig imeachd seachad orra air a shlighedh-ionnsuidh an ionaid sin far an robh e ra chead siorruidh a ghabhail den t-saoghal-sa, lùb iadsan an glùn ann an ùrnuigh aguls acaoidh, agus chruinnich cuid eile dhiu a fhuair cead dol ma sgaoil mun cuairt da, ag iarraidh a bheannnachd dheireannaich; agus chualas iomadh aon ag ràdhCiod is ciall da so? am bheil an duine sin a chuir an cath an aobhar a dhùthchas nach do thog a làmh riamh ann am blàr gus na thog e urnuigh ra Chruithfhear, am bheil e air an dòigh so ri bhi air a thilgeadh mar fhear drochbheirt?” Bha Hoferna aonar ciùin, sìochail, gun ghruaim. ’Nuair a ràinig en t-àite san robh e ri fulang shìn e mach a lamhan gu beanntabh a ghaoil a bhag éiridh san t-sealladh gu gorm ris an speur. Sheas -shaighdear-dheug a machchuireadh Hofer mun coinneamh beagan cheumannan uapathairgeadh nèapaiginn da ga ceangal ma shùilean ach dhiùlt e a gabhail, ag ràdhTha mim sheasamh ann am fianuis an Ti a chruthaich mi, agus mar so tiomnaidh mi manamna làimh.” Labhair en sin focal no dhà ti ceannard nan saighdearan, dan dthug e mar an ceudna beagan bhonn airgid, agus a rithist atogail a làmh ris na beanntabh, thuirt e le guth daingeann réidhGabh cuimseLoisg!” Cha drinn na ceud sèa urchraichean ach a leònadh gu trómthuit e air a ghlùnchaidh sèa eilelosgadh agus fhathasd ghleachd e ris abhàs, gus na chuir an t-oifigeach beul-dois a ghunna ra cheann, agus thuit Andreas Hofer an gaisgeach flathail ard-inntinneach, gun deò air an raon.

Chaith esan a thaga sgrìobhadh so beagan uine le mór thoil-inntinn san Tyrol abeachdachadh le deòthas air a beanntabh arda-a glinn fharsuing agus a h-aibhnichean mòra, agus cha robh ach caoimhneas agus fiùghantachd ag amas air air gach laimh o na laoich chruadalach threun a thag àiteachadh nam beann sin. Nuair a bha en sin chunnaic e litir a sgrìobh Hofer a dhionnsuidh a mhnatha beagan uairean roimh a bhàs air a sgrìobhadh ann an làimh shocraich réidh a bha adearbhadh gun robh an inntinn misneachail ciùin, agus ann an spiorad caomh truacanta thaobh a naimhdean a bhaleigeil ris gràdh inntinn a Chreidmhich. Feudaidh sinn mar an ceudna aràdh nach eil bothan san tìr àluinn sin anns nach faicear an crochadh ris abhalla dealbh duine chalma fhoghaintich— ’fheusag aruigheachd a chrios agus cuilbhear fadan a làimhagus is e sin Andreas HoferWallace an Tyrol.

T. nan T. T. T.

titleAndreas Hofer agus Luchd-Aiteachaidh na Tyrol
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text5
<< please select a word
<< please select a page