[121]

AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH.

MIOS A’ MHÀIGH.

VI. AIREAMH.

SUIPEIR AN TIGHEARNA.

’Fhir-ullachaidh an Teachdaire,

BHITHINN fadanur comain nan tugadh sibh cearb den Teachdaire do dhà na trì dh-fhocail; agus, on tha iad mu ghnothach anabarrach cudthromach, mar is tràithes ann as fèarr.

Tha fios agaibhse cho maths a thagamsa, gu bheil móran asuidhe aig bòrd an Tighearna do nach buin suidhe aige, —ami-bhuileachadh an òrduigh naoimh, agus mar so ag an-tromachadh an cionta féin. ’S aithne dhomh féin iomadh aon, —daoine pòncail tuigseach cuideachd, —ach a dheasbhuidh eòlais spioradail, a ghabh an comanachadh a chionn gun cualiad an clann aleughadh anns an t-sèathamh caibdeil do shoisgeul Eòin, far am bheil Iosa ag ràdh, “Gu deimhin deimhin a deiream ribh, mur ith sibh feòil Mhic an duine, agus mur òl sibhfhuil, chaneil beatha agaibh annaibh. Esan a dhitheas mfheòil se, agus a dhòlas mfhuilse a ta abheatha shiorruidh aige,” agus mar sin sìos. Dhfheòraich mi dhiu ciod a bha iad atuigsinn leis anaranagus anfhìonanns an àìte so? “Thàarsiadsanaran agus fion achomanachaidh, a tanan samhladh air corp agus fuil Chriosd.” Nis chan eil an teagamh as lugha nacheil ceudan, nan labhradh iad an inntinn, anns abheachd cheudna! ach cha ruig mi leas ìnnseadh dhuibhse gur beachd meallta e. Tha e fìor, da rìreadh, gu bheil an t-aran agus am fìon, ann an suipeir an Tighearna, ’nan samhladh air corp agus fuil Chriosd, ach chan urrainn gur h-e so is ciall doibh anns an earrainn so: nam bè cha rachadh a h-aon a thèarnadh nach do ghabh comanachadh, agus their nacheil angaduichea cheusadh maille ri Criosd sàbhailte? ’s cha do ghabh e riamh e, agus, feudaidh dòchas a bhi againn, iomadh aon a bhàrr air; cha mhò bhiodh a h-aon caillte a ghabhadh e, ach tha e soilleir on aona-caibdeil deug don litir a chum nan Corintianach, gum feud daoinen comanachadh a ghabhail, agus a bhi, fad na h-ùine, “aig ithe agus ag òl breitheanais dhoibh féin,” agus is cùis mhulaid gur lìonmhor iad a thà!

Tha seadh no dhà aig an fhocal feòil anns aBhìobull. Tha e ann an aon àitaciallachadh an nàduir choirbte, thruaillidh, a ta air a bhreth leinn (Rom. vii. 5.) —ann an àiteile nàdur daonna Chriosd, a bha buailteach do anfhuinneachd, agus mar sgàile da nàdur diadhaidh, mar a bhan roinn-bhrat do dh-àirc achoimhcheangail, agus do


[122] chathair na tròcair: (Eabh. x. 20.) —agus anns an àite so, ’se tha sinn ra thuigsinn leis, chan e aran agus fion achomanachaidh ach an t-iomlan do Chriosd, ’fheòil agusfhuil, ’se sin mar dhia agus mar dhuine, air a chur ruinn le creidimh.

Tha e soilleir on deicheamh rann thar an fhichead don chaibdeil so féin gur h-e so am beachd ceart. “Is e so an t-aran a tha teachd a nuas o nèamh, chum as gun ith neach dheth, agus nach faigh e bàs.” Dìreach mar gun abradh Iosa, “Gu deimhin deimhin a deiream ribh gur mise dorus nan caorach;” se sin, an aon t-slighe trid an urrainn peacaich chaillte teachd gu Dia, —an t-aon dorus a chum na fìor eaglais, co acair thalamh no ann an glòir: oir chan urrainn gum buin iad don aon non aon eile mur deach creideamh slàinteil oibreachadhnan anam le mspiorad-sa. Is cunnartach an ni a Theachdaire na sgriobtuirean a ghabhail ann an seadh mearachdach!

Ach, ler cead-sa, ’s gann gun dùraichd mi sgur, gus an nochd mi don chuid as aineolaiche do mluchd-dùthcha ionmhuinn dan còir dol gu bòrd an Tighearna. Chan ann dàsan a bhios ri mionnachadh, ri mallachadh, ’s ri briseadh na sàbaid; —chan ann dàsan a bhios ri braid, ’s ri strìopachas, agus adeanamh fearas-chuideachd do pheacadh: chan ann, achs ann dàsan a tana fhìor Chrìosduidh, —dhàsan a chaidh ath-ghineamhuinn agus a bhreth a rithist, dhàsan a taanam ateachd beò air creidimh.

Nuair a chuir ar Slànuighear an t-òrdugh so air chois, cha robh a làthair ach càirdean dìleas; oir ged bhan traoightear an comaidh ris mun t-suipeir choitchionn, tha Eoin aig innseadh, “an uair a bhan t-suipeir thairis, air don diabhul a nis a chur an cridhe Iudais Iscarioit Mhic Shimoin esan a bhrath, (Eoin xiii. 2) gur h-ann a fhuair iad an comanachadh. Tha so soilleir cuideachd o rann 26 don cheart chaibdeil; far am bheil e air a ràdh, “Agus an uair a thum en greim thug se e do Iudas Iscariot;” agus a rìsan sin an déigh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e mach air ball.” Dhfhàg Iudas, uime sin, an comunn mum buileach a bham t-suipeir choitchionn thairis. Air amhodh cheudna, tha e air ìnnseadh dhuinn ann an Gniomh II. gur creidmhich amhàin a bhagabhail comanaich, agus than t-Abstol Pòl aig iarraidh air daoineiad féin a cheasnachadh, nodhearbhadh, mun ith iad den aran, agus mun ol iad den chupan so.”

Nis, a Theachdaire, ’si mo bharail féin, nacheil neach a leughas a Bhìobull, ma leigeas e lechoinnseas an fhìrinn a labhairt, nach feud a dheanamh a mach co acis Criosduidh e no nach h-eadh; mur feud, carson a bhiodh an spiorad asparradh oirnn sinn féin adhearbhadh?” Theagamh gur h-e ùrnuigh acheud obair ris am faighear an t-anamnuair a bheanas an Spiorad ris. Nuair a chì eamaideachd féin le bhi cluiche cho fada mar gum beadh, air bruaich ifrinn, chan urrainn e gun ghlaodhach, “A Thighearna ciod is àill leat misedheanamh?” Ma tha tlachd aig manam ma anns an dleasdanas so is comharradh math e; ach mureil, cha ruig mi leas dol nis faidecha Chriosduidh mi! Theagamh gur h-en ath ni air an toir an t-anam gràsmhor làmh, teannadh ri comhairle thoirt


[123] air muinntir eile, —ran cuireadha dhfhaicinn ciod a rinn an Tighearna airsonanama;” ach mun gabh duine de dhànadas air féin a bhitairgseadh daoineile a stiùradh anns aghnothuch chudthromach so a bhuineas dan slàinte shìorruidh, is còir dha bhi anabharrach cinnteach gu bheil e féin air an t-slighe cheart, agus gun drinn e gach rannsachadh agus dearbhadh air féin a bhana chomas; oir gu cinnteachs mi-chiatach a thig e do dhuine bhi meachranachd mu ghnothuichean a choimhearsnaich, ’nuair tha e ma-dhaoite adeanamh dearmad air na nithibh ceudna a bhuineas nis ro-shònruichte dha féin. Ann an gnothuichean spioradail is an-danachd eagallach so; ged tha sinnan amharus gur e tha air uairibh atachairt a thaobh aineolais, agus cion mothuchaidh air cudthrom na cùise. An déigh sin uile chan eil teagamh nacheil e iomchuidh dhoibhsan a tha da rìreadh murrach a thaobh eòlais agus cràbhaidh, gach cuideachadh a thanan comas a dheanamh ri gach aon a thuigeas iad a bhina fheum; agusnuair chì iad anama prìseil adol a dhì air gach taobh dhiu, coltach ri iasg na h-aibhne Iordain, a bhios ri cluiches ri cleasachd, gun omhail gum bheil an sruthgan tarruing don Mhuir-mhairbh; —agusnuair a chì iad cho sonas a dhfhaodadh iad a bhi nan gabhadh iad ri tairgse na slàinte, leaghaidh an anam le truas. ’S e so achràidh anam fìreanta Lot o gu ,” —Ruith sruth dheur sìos oshùilibh an t-Salmadair a chionn nach do choimhead iad lagh Dhé (Salm 119. 137.) —Bha doilgheas air Pòl, agus cràdh-cridhe an còmhnuidh; nih-eadh, cha mhór nach dùraiceadh se e féin a bhi air a sgaradh o Chriosd airson a chàirdeana luchd-dàimh a réir na feòla. (Rom. ix. 2. 3.) An dfhairich mise matà riamh an iomaguin so mu manam féin no mu anama dhaoine eile? Ma dhfhairich, agus ma than obair adol air a h-aghaidhs math an comharradh e: ach mur dfhairich, a réir coltais nach Criosduidh fathast mi.

Mar so, ma theid sinn gu sgàthan an fhocail chì sinn ar fior choltas; chan eilan cainnt dhaoine ach sgàthan bréige.

Dhfhaodainn an ceasnachadh a leantuinn ni bfhaide, ach on a leig mi fhaicinn an dòigh, tha dòchas agam gun dean gach leughadair e féin e, mun teid e tuilleadh gu bòrd an Tighearna. Mur dean, cuimhnicheadh e gurni eagallach tuiteaman làmhan an bheò!” Agus gun teid a churna chuimhne air latha mór aBhreitheanais gun dfhuair en rabhadh-sa.

Glascho, 1836.

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page