DAN DO LOCH-DUBHAICH.
Fâilt’ ort, a Loch-dubhaich bhòidheich!
Nam b’ fhear-dàin a réir mo dhùrachd
Mise ’n diugh, gu toileach, sàr-ghrinn,
Fhìor Loch-âluinn bheirinn cliù ort.
Amhuil a’s naoidhean ’na chadal
Gu ciùin’an uchd dubhach a mhàthar,
’S tric d’ athair, an Cuan, fo bhruaillean
A’s tusa ’nad shuain ceart làmh ris.
A bheanntan a phògas na reultan,
Cha ’n eil sibh gun aobhar bhi pròiseil,
’S gu’m faigh sibh bhi ’coimhead ’ur n-àilleachd
Gach lath’ ann an sgàthan co òirdheirc.
A bhuachaille bhig air an raon ud,
Cia air tha, le ioghnadh, do shùil-sa?
Tha feudail, gu cinnteach, fo’n aigean—
Seall thusa ’m beil agad do dhiù fein.
A’ tional nan dearc air a’ bhruthach,
Eisd! éisd ciod as bruidhinn do’n phàist’ ud?—
“Tha coille ’an ìochdar Loch-dubhaich!
A bhràthair, ’bheil cnuthan a’ fàs oirr’ ?”
A Dhùin [Caisteal Donnain. ] ud a dh’éireas o’n charraig,
Rinn aois ioma sgar ann ad chliathaich
A thannaisg nan làithean a thréig sinn,
Cha ’n ioghnadh ’nan déigh ged a liath thu!
’S tu ’n sin ann ad aonar ’nad sheasamh
“Mar Oisein ’an deaghaidh na Féinne,”
Tim bheag agus leanaidh tu càirdean—
A dhùin, tha lamh-làidir an éig ort.
O’ Easan’! a’s binn-fhuaimneach siubhal
Gu far ’eil Loch-dubhaich a’ bruadar,
Cha ’n ioghnadh leam idir le ’r crònan
Ged chumadh sibh ’n còmhnuidh ’na shuain e.
A Choir’ ud ’san caidil a’ chuairt-ghaoth,
Cha tearc annad ruagadh daimh-cròice’
’S mactalla ’ga fhàgail féin bodhar
A’ freagairt nan gadhar ’san tòireachd.
Ciod è gad tha ’chàileachd-san fallain,
Ciod è ged mar dhealan tha ’luathas,
’Se siùbhlaiche ’n fhirich a ghéilleas—
’Se foill, a laoich thréin, a thug buaidh ort.
O c’ àit ’eil na badanan uaine
’S an cluinnear o’n chuaich a ciad oran?
’S an cinn anns a’ gheamhradh na flûrain,
Mar Dhùil ann am broilleach Eudòchais?
O c’ àit’ ’eil na h-òighean a’s gile?
O c’ àit’ an tric filidh ri dàn doibh?
O c’ àit’ ach mu bhruachaibh Loch-dubhaich—
Slàn leat, a loch shubhaich! nis slàn leat.
Taobh Lochfìne Mìos a’ Mhàigh, 1836.
title | 10 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |