[140]

MU RANNSACHADH NAN SGRIOBTUIREAN.

Rannsaichibh na sgriobtuirean, oir a ta sibh a’ saoilsinn gu bheil abheatha mhaireannach agaibh anntasan, agus is iad sin a ta toirt fianuis mu mthimchioll.” Eoin. v. 39.

Ged tha fios aig gach neach aig abheil a bheag sam bith de dh-èolas air aBhìobull gu bheil sgriobtuirean an t-seann Tiomnaidh atoirt fianius mu thimchioll Chriosd, agusga chomharrachadh a mach mar neach sònruichte a bha ri teachd chum saorsadh oibreachadh a mach airson sliochd caillte Adhaimh, gidheadh than fhianuis tha iad atoirt móran nis mionaideiche agus nis soilleire na thachuid as motha den t-sluagh atoirt fanear. Ann an dòchas, matà, gum biodh ena ni taitneach le luchd-leughaidh an Teachdaire, bheir sinn oidhirp air cuid de bhriathran nam fàidhean mu thimchioll an t-Slànuigheir a chur gu h-aithghearr fan comhair; agus a nochdadh dhoibh cionnas, agus cuin, a bha iad air an coimhlionadh.

Bha e, mata, air a roimh-aithris leis na fàidhean.

I. —GUN ROBH MESSIAS RI TEACHD.

Fàidheadaireachd. Gin. iii. 15. tha e air a ràdh mu shìol na mnatha, ’se sin Criosdbruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shâil-san.” Chaneil teagamh sam bith nach ann mu Chriosd tha Dialabhairt ri h-Abram ann an Gin. xii. 3.; xxii. 18.; xxvi. 4. se tha Isaiah aciallachadh leglòir an Tighearnaxl. 5. “agus foillsichear glòir an Tighearn, agus chì gach uile fheòil i le chéile.” Agus Hagai ii. 7. “agus crathaidh mi na h-uile chinnich, agus thig miann nan uile chinneach.”

Coimhlionadh. Bhan fhàidhearachd so air a coimhlionadh ceithir mìle bliadhnan déigh don cheud chuid dhi bhi air a labhairt. Gal. ii. 4. “Ach an uair a thainig coimhlionadh na h-aimsir, chuir Dia a Mhac féin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fuidhn lagh.” Eoin iii. 8.; Luc. ii. 10.

II. —AN T-AM SAN TIGEADH E.

Fàidh. Gen. xlix. 10. “Cha dealaich an t-slat rìoghail ri Iudah, no lagh-thabhartair o eadar a chosa, gus an tig Siloh, agus dhàsan géillidh na slòigh.” Bha am Messias ri tighinnuair bhiodh fiughar ris an cumantas, agus a bhiodh sìth fad an domhain gu h-iomlan. Bha e ri teachd am fads a bhiodh an dara teampullna sheasamh, agus seachds tri fichead seachduin( ’se sin 490 bliadhna) an déigh an teampull a thogail. Hagai ii. 69. ; Dan. ix. 24, 25; Mal. iii. 1.

Coimh. Nisnuair thàinig Criosd, bhan t-slat-rìoghail air dealachadh ri Iudah, oir bha na h-Iudhaich foidh chìs aig na Rómanaich Luc. ii. 13; Eoin. xix. 15. Bha sìth fad an t-saoghail uile. Bha fiughair aig na h-Iudhaich ri neach sònruichtethighin san linn sin, Mat. ii. 110.; Marc. xv. 43; Luc. ii. 25, 38; Eoin. i. 1945; agus, nis iongantaiche, bhan fhiughair cheudna aig na Cinnich mar tha Suetonius agus Tacitus, sgrìobhairean Rómanach, a cur an céill.


[141]

III. —CO UAITHE BHA E RI TIGHIN.

Fàidh. Bha e ri tighin o Eubh. Gin. iii. 15; o Abram agus oshliochd, Gin. xii. 3.; xxviii. 14; o Iudah, Gin. xlix. 10; o Iese, Isaiah xi 1; o Dhaibhidh, Salm cxxxii. ii.; Jerem. xxiii. 5.

Coimh. Ma bheachdaicheas sinn air na h-earrannan a leanas den Sgriobtur, chì sinn mar bha na briathra so air an coimhlionadh Gal. iv. 4.; Mal. i.; Eabh. vii. 14; Rom. xv. 12.

IV. —GUM BIODH E AIR A BHREITH LE OIGH.

Fàidh. Isaiah vii. 14. “Feuch, bithidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Immanuel mar ainm air.”

Coimh. Mal. i. 24, 25, “Agus air mosgladh do Ioseph as a chodal, rinn e mar a dhiarr aingeal an Tighearn air, agus ghabh e da ionnsuidh a bhean: agus cha daithnich e i gus an drug i a ceud-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.” Luc. i. 2635; Mal. i. 22, 23.

V. —CAITAN ROBH E RI BHI AIR A BHREITH.

Fàidh. Micah, v. 2. “Agus thusa a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iudah, gidheadh asad thig a mach a mionnsuidh-sa neach a bhiosna uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a mach o shean, o làithibh na siorruidheachd.”

Coimh. Luc. ii. 47. “Agus chaidh Ioseph mar an ceudna suas o Ghalile, á baile Nàsaret, do Iudea, gu baile Dhaibhidh, dan gairmear Betlehemagus tharladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choimhlionadh làithean a h-inbhe, chum i bhi air a h-aisead. Agus rug i a ceud-ghin mic,” &c. Mat. ii. 1, 46, 8. Eoin vii. 42.

VI. —GUN ROBH FAIDH, ANN AN SPIORAD AGUS CUMHACHD ELIAS, RI TEACHD AIR THOISEACH AIR, AGUS RI SLIGHE ULLACHADH ROIMHE.

Fàidh. Mal. iii. 1. “Feuch, cuiridh mise mach mo theachdair, agus ullaichidh en t-slighe romhamiv. 5. “Feuch, cuiridh mise do bhur n-ionnsuidh Eliah. am fàidh, roimh theachd mhóir agus uamhasaich an TighearnaIsaiah, xl. 3.

Coimh. Mat. iii. 1, 3. “Agus anns na làithibh sin thainig Eoin Baiste, asearmonachadh am fàsach Iudea, agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas; oir a ta rìoghachd nèimh am fagus. Oir is e so an ti ud mun do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an a ghlaodhas anns an fhàsach, ullaichibh slighe an Tighearna, deanaibh a cheumanna dìreach.” Mat. xi. 14. “Agus mas toil leibh a ghabhail, is e so Elias a bha ri teachd.”

VII. —GUN ROBH AM MESSIAS RI BHINA FHAIDH.

Fàidh. Deut. xviii. 15, 18. “Togaidh an Tighearna do Dhia suas fáidh dhuit o dmheadhon féin, o dbhràithribh, cosmhuil riumsa,” &c.

COIMH. Luc. vii. 16. “Agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh. Dhéirich fàidh mòrnar measg-ne.” Mat. xxi. 11. “Agus thubhairt an sluagh, Is e so Iosa am fàidh o Nasaret Ghalile.” —Eoin ix. 17; vi. 14.; vii. 40.


[142]

VIII. —GUN DAIGHNICHEADH AM MESSIAS A THEAGASG LE MIORBHUILEAN MORA.

Fàidh. Isaiah, xxxv. 5. “An sin fosgailear sùilean nan dall, agus bithidh cluasan nam bodhar air am fosgladh. An sin leumaidh am bacach mar fhiadh, agus seinnidh teanga abhalbhain.’ Isaiah, xliii. 7; xxiii. 3.

Coimh. Mat. xi. 4, 5. “Fhreagair Iosa, agus thubhairt e riù, Imichibh agus ìnnsibh do dh-Eoin na nithe a ta sibh acluinntinn agus afaicinn: A ta na daill afaotainn an radhairc, agus na bacaich ag imeachd.”

IX. —CIONNAS A BHA AM MESSIAS RI DOL A STEACH GU FOLLAISEACH DO IERUSALEM.

Fàidh. Sechar. ix. 9. “Dean gairdeachas gu mór, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim; feuch tha do rìgh ateachd a dionnsuidh; is firean agus slànuighear e; iriosal, agus amarcachd air asail, agus air searrach, mac na h-asail.

Coimh. Mat. xxi 7. “Agus thug iad an asail agus an loth leo, agus chuir iad am falluinnean orra, agus chuir iad esanna shuidhe air am muin.” xxi. 4, 5.

X. —GUM BIODH AM MESSIAS BOCHD, AGUS TAIR AIR A DHEANAMH AIR. GUM BIODH E AIR A BHRATH LE AON DEDHEISCIOBUIL FEIN, AIR SON DEICH-BUINN-FHICHEAD AIRGID, LEIS AM BIODH FEARANN ACHRIADHADAIR AIR A CHEANNACH.

Fàidh. Isaiah, liii. 3. “Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoinibh; ’na dhuine dhoilghiosan, agus eòlach air bròn,” &c. Salm, xli. 9. “Eadhon fear mo shìth, as an dearb mi, esan a dhith do maran, thog e a shàil amaghaidh.” Zech. xi. 12, 13. “Mar sin thomhais iad air son mo luach, deich buinn fhichead airgid. Agus thubhairt an Tighearna rium, tilg a chum achriadhadair e: luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leò-san. Agus ghabh mi na deich buinn fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an tigh an Tighearn, a chum achriadhadair.”

Coimh. Luc ix. 58. “Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus nid aig eunlaith an athair, ach chaneil àitaig mac an duine anns an cuir e a cheann fuidhe.” 2 Cor. viii. 9; Eoin, xi. 35; Luc. xxii. 3, 4. “An sin chaidh Satan ann an Iudas dan co-ainm Iscariot, a bha do àireamh an fhir dheug.” Mat. xxvi. 15. “Agus choird iad ris air dheich buinn fhichead airgid.” xxvii. 5, 7. “Agus air tilgeadh uaithe nam bonn airgid anns an teampull, dhimich e, agus chaidh e, agus chroch se e féinagus air gabhail comhairle dhoibh, cheannaich iad leo fearann achriadhadair,” &c.

XI. —GUM FUILINGEADH E PEIN AGUS BAS AIRSON PEACAIDHEAN AN T-SAOGHAIL.

Fàidh. Isaiah, 1. 6. “Thug mi mo dhruim don luchd-bualaidh.” liii. 5, 8. “Ach lotadh e airson ar peacaidh-ne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan, —le a chreuchdaibh-san shlànuicheadh sinneghearradh as e o thìr nam beò, airson easaontais mo shluaigh-sa bha e air a throm-bhualadh.”


[143]

Coimh. Eoin. xix. 1, 2, 3. “An sin air an aobhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs se e.” Marc. xv. 19, 25.; 1 Phead. ii. 23, 24.

XII. —GUM BIODH FANOID AIR A DHEANAMH AIR.

Fàidh. Salm xxii. 7, 8. “Ni iadsan uile a chì mi gàire-fanoid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh. chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh se e, a chionn gu bheil tlachd aige ann.”

Coimh. Mat. xxvii. 39. “Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, acrathadh an ceann.” Luc. xxiii. 35. “Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h-uachdarain fanoid air maille riùsan, ag ràdh, shaor e daoine eile; saoradh se e féin, mas e so Criosd, aon taghta Dhé.” Mat. xxvii. 43. “Chuir e a dhòigh ann an Dia; saoradh e a nis e ma tha toil aige dha.”

title11
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page