[143] SEANN SGEUL GAELACH.
O CHIONN còrr a’s ceithir cheud bliadhna, dh’ éirich còmhstri mhòr eadar na Cuimeanaich agus Clann-an-Tòisich, aig an robh oighreachd mhath goirid o fhearann a’ Chuimeanaich, Iarla Bhàideanach agus Athuill. Bha ban-Iarla a’ Chuimeanaich, a réir na h-aithris na bana-gheòcaire anabarrach; agus a chum an cìocras so a shàsachadh gu’m b’ éiginn di buntuinn gu ro-chruaidh ris an tuath bhochd. Theirte gun itheadh ì seipein smior gach aon là air a dìnneir, a bhàrr air iomad goireas sòghar annasach eile. Le ’leithid sin de strògh agus de ana-caitheamh, chlaoidh i a cuid tuatha co mór ’s nach robh iad ’nan urrainn na màil a dhìoladh, no ’m fearann a shaoithreachadh, ionnas gu’m b’ éiginn di dol a dh’ aslachadh faoidhe air a coimhearsnaich shaoibhir. An déigh dhi an dùthaich imeachd ag iarruidh faoidhe, dh’ innis i d’a fear an soirbheachadh a bha ’n co’ -lorg a turuis, agus gu’n d’ thug Mac-an-Tòisich mór Thiréni dhi dà-bhà-dheug agus tarbh. ’S ann a dhùisg an fhialachd shomalta so, an àite a thaingealachd, a dhiumb, ’fharmad, agus a chorruich ri saoibhreas a choimhearsnaich. Bha sgàth air r’a bheartas, agus do thaobh sin chuir e roimhe gu’n cuireadh e as da; ’s a chum sgàil a chur air a’ ghniomh mhi-chneasda sin, chuir e ’n céill gu’n robh an t-uasal sin tuille ’s mór aig a mhnaoi. Air leis gu’n robh so ’na dheagh leisgeul, agus ’na chion-fàth freagarach air connspoid. Bha e nis a’ feitheamh nam fàth chum a rùn a chur ’an gniomh, ni a fhuair e gu grad a dheanamh, le caisteal an duin’ eile aig Tomafùir a chuairteachadh, (àite bha goirid o Bhlàr-Athull), mu mheadhon oidhche, ’nuair a mharbh iad an teaghlach gu h-iomlan, eadar fhirionn agus bhoirionn, a bha ’nan suain-chadail gun fhiamh gun amharus. Le so a dheanamh ghabh e sealbh air a chuid fearainn, a bha ni bu mhò na bha aig aon duin’ -uasal eile bha san dùthaich.
Bha dlù do mhùr Mhic-an-Tòisich seann duine a chòmhnuidh, aig an robh greim beag fearainn uaithe, air nach robh de mhàl ach boineid
[144] ùr uair sa’
bhliadhna:
agus thug a mhaighstir an t-
seana bhoineid dha an àm an té ùr fhaotainn;
agus air a shon sin theirear Croit na-
Boineid ris an fhearann sin gus an latha ’
n diugh.
Bha ìoghnadh air an t-
seann duine co sàmhach ’
sa bha talla mùirneach a mhaighstir,
sa’
mhaduinn an déigh a’
chasgraidh mhuladaich sin,
agus chaidh e a dh’
fhaicinn an aobhair.
Cha luaithe chaidh e stigh na chunnaic e cuid de na cuirp bheubanaichte gun deò air an ùrlar.
Le mòr ioghnadh agus uamhunn leis na chunnaic e,
làimhsich e gach aon fa leth dhiu,
a dh’
fheuchainn an robh iarmad beatha ann an aon sam bith dhiubh,
ach bu diomhain a shaothair,
Air a lìonadh le mulad,
thog e suas a’
chreathall,
a bha bun-
os-
ceann air an ùrlar,
agus fhuair e’
n leanabh-
beag foidhpe,
ris an abradh iad am brìdeach Eôghan,
agus le mór shòlas thuig e gu’
n robh e beò,
ach ro lag le cudthrom na creathlach agus an aodaich.
Ghrad rug e air,
agus ghiùlain e e chum a sheanar a thaobh a mhàthar,
Mac-
Glaisein Ionar-
bhac,
a chuir gu grad air falbh leis e gu dlù charaid de shliochd Dhiarmaid ann an Earraghàel,
chum nach biodh e mar fhad làimhe do’
n Chuimeanach,
far an d’
fhuair e a dheagh àrach.
Bha e ’
na ghnàthachadh aig an t-
seann duine thug an sin e dol gu tric g’
a fhaicinn;
ach a chionn gu’
n robh na Cuimeanaich co cumhachdach san àm sin an Albuinn,
mheasadh feumail a chumail an cleth gu’
n robh an leanabh beò,
ach gus am fàsadh e suas,
agus gu’
m biodh e airson ’
athair a dhìoladh.
Ged a bha e car ùine lag,
gun mhór chinneas,
thainig e air aghaidh,
agus dh’
fhàs e gu làidir eireachdail,
agus bha e ro theóma leis a’
bhogha,
nì a thug mór mhisneach d’
a sheana charaid,
an dùil gu’
n d’
thugadh eaicheamhail a mach airson na sean fhalachd.
Air àm àraidh chaidh a g’
a fhaicinn,
agus chunnaic e co math ’
s a bha e air a’
chusbaireachd;
thuirt e ris gu’
n robh broilleach an fhir a mharbh ’
athair ni bu leatha na’
n comharadh ud—
ni a chuir mòr ìoghnadh air an fhleasgach,
nach cuala riamh roimhe iomradh air.
Ghrad leig an seann duine ris an diùras,
leis gach dùrachd a bha ’
na chomas,
mu thimchioll a chairdean agus ’
oighreachd.
Dh’
éisd an t-
òg-
fhlath le ro-
aire ris an sgeul,
agus air dhà bhi air a bhualadh gu goirt ri aithris a’
chràidh,
bhrùchd e ’
mach le àrd bhas-
bhualadh agus a’
bras shileadh nan deur;
agus thaosg e mach ’
inntinn agus a rùn ’
an uchd an t-
seann duine.
Air dha a nis a bhi làn-
fhiosrach air na thachair,
bha fadal air gu dol a bhuannachd oighreachd ’
athar ’
s a sheanar,
agus a dheanamh dìoghaltais air naimhdean an-
iochdar a thighe.
Cha ’
n urrainnear a chur an céill an sólas a thug e do’
n t-
seann duine meud na h-
iomaguin a bh’
air an fhleasgach gu bhi ’
triall g’
a dhùthaich féin.
Dh’
asluich iad le chéile air a chairdibh iad a chur ceathuirne leò a bheireadh aghaidh air a nàimhdibh,
agus dheònaich iad an iarrtas,
le ceithir-
fir-
fhichead a chur air falbh maille riutha,
fo’
n làn armaibh agus ràinig iad tigh MhicGhlaisein,
a sheanair,
a chaidh leò agus ochdnar thaghta fo’
n làn armaibh maille ris.
Uaithe sin ràinig iad coille Urard-
bhig,
far an d’
fhuirich iad gu sèimh sàmhach gus an do chuir iad fios a dh’
ionnsuidh banaltrum Eóghain.
Chaidh e féin g’
a h-
ionnsuidh,
agus rinn e cagar aig a dorus;
dh’
fheòraich i có a bh’
ann aig uair co anmoch?
Fhreagair e gu’
n robh
[145] a dalta Eoghan Macantòisich.
Tha ’
n guth coltach r’
a ghuth,
a deir i;
ach ma shéideas tu t’
anail a stigh romh tholl na glaise,
tuigidh mi ’
n sin gu cìnnteach ma ’
s tù th’
ann.
Rinn e sin,
agus thuig i gu grad gur e féin a bh’
ann;
agus bha i ro ait a chionn i ’
ga fhaicinn.
Chaidh a mhuime chur a dh’
fhaighinn sgeul mu’
n Chuimeanach,
agus phill i leis an teachdaireachd gu’
n deach e le ’
chuid daoinibh gu drochaid Teilt,
mu thimchioll mìle air asdar,
a thoirt àbhachd dha féin agus d’
a chuid daoine.
Le so a chluinntinn roinn Macantòisich a chuid daoine ’
nan dà bhuidhinn,
agus bha M‘
Glaisein air ceann an dara buidhinn,
a chumail freiceadan air Caisteal Bhlàir,
agus bha Eòghan air ceann na buidhinn eile maille ris an t-
seann duine,
nach do dhealaich idir ris,
agus chaidh iad air tòir a’
Chuimeanaich.
Co luath ’
s a thuig e gu’
m bu nàimhdean a bha ’
ga iarraidh,
theich e dh’
ionnsuidh a chaisteil,
far an do choinnich a’
bhuidheann eil’
e,
a mharbh móran diubh mun do thàr iad as,
agus lean iad an ruaig a mach Gleann-
Teilt,
a’
marbhadh agus a’
leònadh mòran diubh—
Chaidh an t-
sròn a chur de dh-
fhear aig allt ris an abrar o’
n latha sin Allt-
na-
sròine—
lotadh fear eile sa’
bhroinn aig Allt-
nam-
marag.
Am feadh a bha iad mar so air an ruagadh suas an gleann le M‘
Glaisein,
ghabh muinntir Eóghain falach-
talandadh orra,
agus thachair iad riutha aghaidh-
mu-
chnoc.
Tha e air a ràdh gur e’
n seann duine a bha do ghnà air thoiseach,
agus ann am briathraibh smachdail ghlaodh e,
Sud agad do nàmhuid an Cuimeanach agus ma leigeas tu as e toillidh tu bàs cladhaire fhaotainn.
Chuir Eóghan gu grad a bhogha air lagh,
agus chuir e ’
n t-
saighead troimh chridhe a’
Chuimeanaich.
Thuit e air lic leathain ri taobh na slighe,
far an do thog iad,
mar bu ghnà,
càrn chlach mar chuimhneachan air an euchd,
ris an abrar Carn a’
Chuimeanaich gus an là ’
n diugh.
Their na Gaeil ris na cùirn sin,
Cuirn na falachd.