[145]

RIGH ALFRED.

BHA’N rìgh ainmeil so ’nam measg-san bu ghlice, a bfhèarr, agus a bfhiùghantaiche a rìoghaich riamh san tìr so: agus bhachaithe-beatha ro-chomharaichte. Bha aig gach uair da bheatha a gnothach féin air a chur air leth. Roinn e an agus an oidhchenan trì earrannaibh le ochd uairean do gach aon diubh; agus ged a bha e gu mór air a chlaoidh le galar cràiteach, cha do ghabh e ach ochd uairean eadar chadal, theachd-an-tìr, agus shrâidimeachd; agus ochd uairean eile do leughadh, do sgrìobhadh, agus ùrnuigh; agus an treas earrann do ghnothaichibh na rìoghachd. Bhan duine mór so co mothachail air feumalachd aimsirs nach bu mhiann leis earrann air bith dhi a mhi-bhuileachadh; agus gum béiginn da cùnntas ìocadh Dhàsan a bhuilich air i. Agus gu cìnnteach ma bhaleithid-san de dhuine, anns an inbh a bàirde air thalamh, ann am measg gach buairidh le socair, pailteas, agus toilinn-


[146] tinn, mar so cùramach gu banas-tighe mhath a dheanamh airaimsir, agusùine gu h-iomlan a bhuileachadh ann an cùisibh feumail, nach nàr mìchiatach a thig e dhoibhsan aig nacheil a shamhuil sin de chulaidh-bhuairidh, an aimsir a struidheadh ann an dearmad agus mi-bheus? An déigh da nàimhdean an ruaig a chur air féin agus airfheachd, agus ega fholach o na Lochlannaich, bha e féin agus a theaghlach air ro bheagan lòin, mar chì sinn o na thachair air latha àraidh. Thainig bleidire dhionnsuidh a lùchairt bhig a dhasluchadh déirce; thuirt abhàn-righinn ris, nach robh aca ach aon bhuilionn arain, a bha ro bheag air an son féin agus an càirdean a bha air ionnsuidh chum lòn fhaotainn, ge nach robh mór fhiughair aice gun soirbhicheadh leò; ach thuirt an righ rithe, “Thoir leth na builinn don duine bhochd. An Ti a bha comasach air cóig mìle a shàsachadh le cóig breacagan agus iasg, tha e làn-mhurrach air sinne a riarachadh leis an leth eile den bhuilinn.” Fhuair an duine bochd a bhloidh féin; agus chaidh luigheachd iomchuidh ìocadh airson aghniomh fhiùghantaich so, le a luchd-muinntir a thighin dachaidh tróm-luchdaichte le goireasan iomchuidh.

title13
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page