COIMHLIONADH COMHARAICHTE FAISNEACHD.
BHA treas righ Alastair na h-Alba a’ fiadhach goirid o bhaile Bhurntisland agus maille ris bha fàidh no fiosaiche Gallda bha fìor ainmeil, (Thomas the Rhymer.) Bha ’n rìgh a’ marcachd air each anabharrach meanmnach eireachdail a fhuair e mar ghibhteamas; bheachdaich am fiosaiche gu sònruichte air an each agus thuirt e gu’m biodh an t-each sin ’na aobhar-bàis do’n rìgh ciamar sam bith a thachradh e. Ghrad las fearg an rìgh, leum e gu làr, mharbh e’n t-each le ’chlaidheamh; agus thuirt e ris an fhiosaiche gu’n d’ rinn e nis ’na fhàidhe bréig’ e.
Uaireiginn an déigh sin bha ’n rìgh a’ fiadhach mar a bha e roimhe agus anns a’ choimhearsnachd cheudna, agus air dha tighin gu h-obann dlùth air craimhneach an eich a mharbh e, agus a bha nis air gealachadh leis an aimsir, ghabh an t-each a bha e a’ marcachd sgaoim, agus mum b’ urrainnear a cheannsachadh leum e thar craig, agus chaidh an dà chuid an rìgh agus an t-each a mharbhadh—mar so gu fìor chomharaichte a’ coimhlionadh na fàisneachd!
title | 16 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |