[123]

MU AINMEANNAN NAN AIRDEAN.

EARIARDEASTUATH.

AN AIRD’ AN EAR.

THA mi alàn-chreidsinn gu bheil móran dar luchd-dùthcha nach do smuaintich riamh ciod is ciall do na focail sin, no ciamar fhuair iad na h-ainmeannan sin.


[124]

Tha comh-aontachadh mór ra fhaotainn eadar achànain Eabhraich agus aGhàilig anns achùis so, mar anns gach cùis eile, aleigeil ris duinn an dlùth-chairdeis a bha eadar riutha. ’Nuair a rinn na h-Iùdhaich an urnuigh ri Dia, bann len aghaidh a ghnàth ris an aird-an-Ear. Chan eil Iudhach air thalamh nach ann ris an aird-an-Ear, ris an aird anns an éirich aghrian a thaaodannan àm urnuigh. ’S ionann am focal a thaig na h-Iudhaich sachainnt Eabhraich airson an aghaidh, mu chomhair, fa chomhair, agus am focal a thaca airson na h-aird’ -an-Ear. Mar so sa55 salm aig an 20mh rann— “Shìn e mach a làmhnan aghaidh-san a bha an sìth ris:” ’se an ceart fhocal tha aireadar-theangachadh an sonan aghaidh-san, ’se so am focal a tha air a chleachdadh ann an leabhar nan Aireamh 23 chap. 7. “o bheanntaibh na h-airdan ear.” Tha am focal ceudna air a chleachdadh ann an iomad àite eile airson na h-airdan-Ear. Tha am fear-aoraidh aseasamh no air a ghlùinean adeanamh urnuigh ri Diathaaghaidh ris an aird’ -an-Ear. Ged is e an aird’ -an-Ear is àbhaist leinn an is a ràdhsen aird’ -an-oir am focal ceart— ’s e so am focal tha aca ann an Eirinn— ’s e so am focal tha aca san Laidinn airson éirigh na gréineoriens. Amhairceadh duine sam bith a stigh do dh-fhoclair Eirionnach agus chì e gur h-e oir a tha aca airson na h-airdan Ear, agus na dùthchannan oirthear airson rìoghachdan na h-aird’ -an-Ear, ceart mar anns an Laidinn orientalis. Chan eil teagamh nach ann o so a thugadh òr mar ainm air amhiotailt phrìseil sin. Tham focal Eabhrach airson òir aciallachadh deàlradh boillsgeil àillidh: mar so tha e air a ràdh mu éirigh na gréinenar seann dàna féin, gu bheil i ag òradh mullach nam beann. ’S e is ciall don aird’ -an-Ear, no an airdan oir, an airde bhoillsgeanta, ghlòrmhor, dheàlrach, as am bheil aghrian ag éiridh, agus le a gathan àillidh ag òradh nan sléibhtean, an t-saoghail, agus airde nan speur.

AN AIRDE DEAS.

Smuaintich leat féin matà, am fear-aoraidh air a ghlùinean agusaghaidh ri aird’ -an-òir, ’sin airde deas an airdair a dheas-làimh. ’S e an t-aon fhocal tha san t-seann Tiomnadh sachainnt Eabhraich airson na làimhe-deise agus na h-àirde-deise: mar so Ier. 22. 24mh agus Salm 89.13. ’S e am focal tha ann an so aireadar-theangachadh deas làmh agus làimh dheis an ceart fhocal tha aireadar-theangachadh an àirde-deas ann an Iosua 15. 1. agus Ecsod. 26. 18. agus ann an iomadh àit eile. Anns achainnt Eabhraich mar anns achainnt Ghàidhealaichs e an t-aon fhocal tha aca airson na làimhe deise agus airson na h-àirde deise; ’s i an airde-Deas mata an airde tha air deas-laimh an fhir-aoraidhnuair a thaaghaidh ris an aird’ -an-ear.

AN AIRDAN IAR.

An déigh na thubhairt sinn cheana tha so nis soirbhe ra thuigsinn. Iar, ’s e sin cùl no cùlaobh, no tàrr air bith. O so tha am focal Iar-bhuille, ’s e sin buille on taobh-cùil, agus Iarball. “Thainig e siar orm” ’s e sin thainig e air mo thaobh-cùil, Leis a so tha e soilleir gu bheil am focal so aird’ -an-Iar aciallachadh airde-cùil an fhir-aoraidh a ta ag amharc


[125] ris an aird’ -an-ear; agus air feadh an t-seann Tiomnaidhse an t-aon fhocal tha air a chleachdadh airson taobh-cùil duine, agus airson an aird’ -an-Iar, mar ann an dara leabhar Sham. 10. 9. ’Se am focal tha anns an rainn sin aireadar-theangachadhair a chùlaobh” ’se am focal ceudna tha air a chleachdadh airson na h-aird’ -an-Iar anns gach earrann den Bhiobull mar ann an Gin. 28. 14. Anns an rainn sin tha e air a ràdh. “sgaoilidh tu mach a dhionnsuidh na h-aird’ -an-iar agus na h-aird’ -an-ear.” Dhfhaodadh e bhi air a sgrìobhadh, sgaoilidh tu mach romhad agus air do chùl.

AN AIRDE TUATH.

Is airidh air ar smuainteachadh gur e an t-aon fhocal a ta aciallachadh na laimhe-clì sachainnt Eabhraich agus aciallachadh an taobh-Tuath. An airde-Tuath, ’se sin àirde tuath no tuaidheal an fhir-aoraidh thag amharc ris an aird’ -an-ear. Gin. 24 .48 agus 48 .18. ’Se am focal tha an sin aireadar-theangachadh an làmh-chlì an ceart fhocal a ta ann an àiteachan eile aireadar-theangachadh an taobh-tuath no an àirde-tuath.

Se am focal tha aca ann an Eirinn airson na làimhe-clìthe an tuath lamh. Duine tuaithealach, ’se sin duine ciotach no duine cearr-lamhach tuaitheal, ’se sin tha dol cearr an aghaidh cuairt na gréine, rathad clìs ni h-ann deiseal.

Mar so mhìnich sinn ainmeannan airdean nan speur, agus is soirbh ra fhaicinn an tuigse agus an seadh a ta annta seach na h-ainmeannan Beurla; agus is airidh air ar smuaintean an comh-chordadh tha eadar an t-seana chànain Eabhraich agus an t-seana chànain againn féin.

C. C.

title2
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page