DEUCHAINNEAN SPIONNAIDH AGUS SEOLTACHD.
O NACH ’eil naigheachdan cudthromach ann, bheir sinn seachad beagan de’n fhaoineachd a tha ’s na pàipeirean. B’ àbhaist do na Gàidheil a bhi glé thoileach an spionnadh, an luathas agus an seòltachd fheuchainn, agus cha’n eil teagamh nach cual’ a’ chuid a’s lìonmhoire dhiubh gu bheil deuchainnean de’n t-seòrsa so a’ tachairt gach bliadhna ann an siorrachd Pheairt fo riaghladh maithean na cearna sin; agus gu bheil a leithid cheudna air a chumail suas ann an taobh deas na h-Alba.
Fhuair sinn cùnntas air deuchainn de’n t-seòrsa so a thachair air a’ mhìos so chaidh, ann an Sasunn, ann an siorramachd Northumberland a tha an taice ri oirthir na h-Alba, agus anns am bheil daoine anabharrach calma foghainteach, agus bheir sinn cùnntas aithghearr air beagan de na h-euchdan a’s comharaichte chaidh a dheanamh.
Troidhean. Oirlich.
Le cruinn-leum thar cabar air a thairngeachadh ri dà phost
’s e fear a b’ airde, 4. 0.
Leum-roit thar a’ chabar cheudna, 5. 0.
Tha seors’ eile leum aig na Gaill ris an abair iad Hop, Step, and Leap,’se sin leum air aona chois, sìnteag, agus cruinn-
leum—air an dòigh so gun réis a ghabhail rinn am fear a
b’ fhaide, 27. 3.
Agus le roit no le réis rinn e. 35. 10.
A’ tilgeil air uird-eutruim anns an robh 10¼ puinnd chud-
throm le aon làimh, chuir am fear a b’ fhaide e, 129. 1.
Agus ord tròm nan 16 puinnd 90. 4.
Ann an caithe na cloiche, no mar a bha acasan peileir cruinn
16 puinnd chuir am fear a b’ fhaide e, 37. 10.
Agus peileir mór nan 22 punnd, 32. 6.
Ciod air bith meas a bhios againn air na gnothaichean eile, air chìnnte cha mhór an leum air airde cóig troidhean—am measg dhaoine tha comharraich airson a leithid so, mar tha luchd-àiteachaidh oirthirean Alba agus Shasunn air a bhi o chionn ioma linn, agus airson gach seòrsa tapachd a bhuineas do ghaisgeach. Shaoileamaid gur h-iomad cìbeir sa’ Ghàidhealtachd a dheanadh a cho math; ach cha bhi fios ’dé bhios san truaill gus an tairngear e. Bha ioma deuchainn eil’ ann; am measg chàich bha iad a’ tilgeadh air comharadh 200 slat uapa agus ’s e tuathanach a Chloinn-Leòid a’ thug buaidh.
title | 22 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |