THA sinn fior dhuilich nach deach againn air a’ “Chòmhradh” a leanailt anns an àireamh so. Cha’n e idir nach robh e deas, ach leis nach ’eil eòlas air bith aig na clò-bhualairean air a’ Ghàilig; shuidhich iad ghnothuichean eile ’na àite, agus cha b’ urrainnear atharrachadh gun mhóran costais. Bheir sinn gu cinnteach, seachad e air toiseach an ath Theachdaire.
Chùm an t-aobhar ceudna as an àireamh so deagh chùnntas ROB RUAIDH mu Thigh-Eiridinn rìoghail Ghlascho, ach gheibhear san ath Theachdair esan cuideachd.
Fhuair sinn cùnntas mar an ceudna air Tigh-Tèarmuinn no Tigh-Dìdein Ghlascho a thatar an dràsd a’ togail. Ged is ann airson mhèirleach òga agus na h-uile seòrsa bhéistean tha an tigh so, a chostas dusan mìle punnd Sasunnach, g’a thogail, cha ’n eil teagamh nach dean e móran feum do’n bhaile. Bheir sinn seachad an cùnntas a fhuair sinn air a’ cheud chothrom.
Cluinnidh OSAG uainn gun dàil.
Tha sgeul “Ciod air bith a b’àill libh” ’an lamhan an luchd-rannsachaidh, ach ’s e ar barail gu ’n cluinn e uainn san ath Theachdaire.
Ma tha fadal air a’ “Ghille Charrach” fuirgheadh e co foighidneach ’s a dh’ fhaodas e car aona mhìos eile, agus cha b’ ioghnadh leinn ged a bheirteadh beagan do’n pheasanachd as.
Na biodh fadal air an “Tuathach Chuaileanach;” cha ’n eil sinn idir ’ga dhì-chuimhneachadh.
Cuiridh sinn Dàn A. M. J. san ath àireamh.
Tha òran “Cìbeir na Guala Seilich” ann na lamhan an luchd-rannsachaidh.
Fhuair sinn earran do eadar-theangachadh an dàin mhaisich “Oidhche shathuirne a’ Choiteir” aig Burns am bard Gallda. Tha ’n dàn so cho anabharrach gasda sa’ Bheurla ’s gur gann tha fiughair againn ’fhaicinn fo shnuagh co taitneach sa’ Ghàilig. Tha eadar-theangachadh Bardachd ’na ghnothach fìor dheacair, agus chum na h-uile cothrom a thoirt do’n duin’ -uasal a chuir d’ ar n-ionnsuidh e, cha chuir sinn a mach e gus am faigh sinn an earrann eile. Tha cuid de ’n ranndachd nach ’eil uile gu léir cho mìn ’s bu mhath leinn. Ma theid aige air a dheanamh cho math ris a’ Bheurla toillidh e anabharra cliù, agus fhad ’s a bhios e ’nar comas-ne gheibh e sin.
Fhuair sinn dà chunntas mu mhurt nan Eigeach anns an uaimh. Cha’n eil an dà chùnntas idir a’ cordadh, agus feumaidh sinn uime sin beagan forghais a dheanamh mun cuir sinn an céill a h-aon diu.
Fhuair sinn litir o “Tharacul Udlaidh” mu theagasg nan Balachan ann an èolas nan âireamh, agus a’ comharachadh a mach na dòigh air am bheil so r’a dheanamh. Tha meas againn air a litir, agus a thaobh na hiomaguin a th’ air chum math nam Balachan tha sinn am barail gur duine math e; ach có thug an t-ainm grànnda so air? Cha chuala sinne riamh ainm a bheireadh bàrr air ann an gràindead mur deanadh ainm a’ bhaile aige féin e, “Cùil-na-Brùide.” Cha’n eil sinn ach dìreach iar faotainn a litreach o chionn leth-uair—tha i tuille ’s anmoch airson a’ mhìos so, ach chî ar luchd-leughaidh air an ath mhìos na tha air ’aire.
Tha mion-chunntas mu ghnothuichean Eaglais Ghaidhealach Bhaile-Bhóid air an àm so ’ga chur an ordugh, agus foillsichidh sinn e gun dàil.
Tha sinn am barail nach do dhìchuimhnich luchd-leughaidh an t-seann Teachdaire fathaist “CUAIRT A’ MHINISTEIR GHALLDA;” agus is ann le mór thoilinntinn tha sinn ag innseadh dhoibh gu’n do gheall an duin-uasal ceanalta bha roimhe ’ga sgrìobhadh tòiseachadh as ùr, agus cuairt a thoirt duinn an ceann gach mìos; agus cha mhór nach ’eil eachdraidh nan Fineachan deas chum a cur a mach.
Tha iomadh aon eile d’ ar cairdean nach urrainn sinn a fhreagairt air an am so. Gabhadh iad ar leisgeul.
title | 23 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |