MEUDACHD AGUS CUDTHROM LONG-CHOGAIDH CHEUD GUNNACHA-MORA.
BIDH clar-uachdrach na luinge so mu 160 troidh air fad, 50 air leud; gabhaidh i mu 60,000 troidh no 1500 tunna fiodha g’a togail 84 Tunna cainb airson siùil agus buill di; bidh aice 4 acraichean agus 4½ Tunna anns gach aon diu, agus chosdadh a’ cheithir 1660 Punnd Sasnnnach, a thuilleadh air feadhain is eutruime. Bidh 1000 fear air bord, a dh-fheumas 8800 pùnnd san latha eadar bhiadh agus dheoch, agus do réìr so gabhaidh iad còrr agus 320 Tunna airson turus-cuain 3 mìosan.
Bidh 30 de ghunnacha-móra a ghabhas peileir 42 pùnnd air a clar-uachdrach; cothromaichidh gach gunna dhiu 6100 punnd no an t-iomlan diu 183,000 punnd. Air an dara clàr bidh 30 a ghabhas peileir 24 Punnd, cothromaichidh gach aon diu 5.100 punnd no an t-iomlan diu 153,000 pùnnd. Air a’ chlàr ìochdrach bidh 26. a ghabhas peileir 12 pùnnd agus cothromaichidh iad so 76,000 punnd. A thuilleadh orra so bidh 14 air a’ chlar uachdrach airson peileir 6 pùinnd agus cudthromaichidh
Gabhaidh gunna a’ pheileir 42 punnd 22 pùnnd fhùdair airson gach urchuir, agus càch do réir sin; cha bu mhór ged a bhiodh 100 lòd aice airson gach gunna—bidh an so mata goirid o 200 Tunna eadar fhùdar agus pheileirean. Cha ’n eil dairireach a loisgeas i nach ’eil i a’ frasadh mu thimchioll còrr agus Tunna pheileirean, cia uamhasach r’a smuainteachadh e; cha b’ ioghnadh ged nach biodh e so-fhaotainn na sheasadh rithe.
Tha sinn a nis r’a chuimhneachadh a bhàrr air na dh’ ainmich sinn cheana, gu’m bi aig gach luing dùblachadh de shiùil, de bhuill agus acfhuinn de gach seòrsa, a ghabhadh mòran ùine g’an ainmeachadh air leth; (agus nach biodh soirbh r’a dheanamh ’nuair bhios aig luing 74 gunna, 1400 ulag ’na h-acfhuinn) bidh mar an ceudna fiodh agus tèarr agus calcadh nî-nach suarach; agus bidh ann na h-airm eutrom mar tha claidhean, biodagan agus dagaichean, agus cudthrom na sgioba gu h-iomlan, ni nach beag; air chor agus nach lugha na 2, 160 Tunna a bhios aice air bord a bhàrr air a slige ’s a h-acfhuinn a tha ’n greim; agus ’na dhéigh so uile tha am meall uamhasach so air a chur taobh sam bith is miann leis an stiùradair mar nach biodh innte ach birlinn!
INNLEACHDAIR.
Caolas Eisdeil, 1836
title | 3 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |