BÀN-RIGHINN SEMIRAMIS.
“DE na tha ’mhnathan agam uile,” arsa Righ Ninus[B’e Ninus mac Nimroid a thog Tùr Bhabeil. ] ri Semiramis, “is tusa ’s docha leam. Cha’n ’eil a h-aon diubh a thàla’s mo chridhe le gaol coltach riutsa—cha’n ’eil a h-aon diubh cho sgiamhach no cho màlda, agus air do shon-sa dhealaichinn riutha uile.”
“Thugadh an Rìgh an aire ciod a tha e ’g ràdh,” arsa Semiramis, “ciod a theireadh e nan gabhainn-aig ’fhocal e?”
“S e do bheatha” arsa Ninus; “oir fhad’s a mhealas mi fiamh do ghàire-sa tha mi caoin-shuarach mu’n t-saoghal.”
“A réir a’ choltais mata,” arsa Semiramis, “nan iarrainn ort e gu’n cuireadh tu air falbh a h-uile bean a th’ agad, ’s gu’n deanadh tu mise ’nam Bhàn-righinn air Asiria.”
“ ’Nad Bhàn-rìghinn air Asiria!” arsa Ninus, “nach ’eil thu ’d Bhàn-righinn air Asiria mar thà, am feadh is tu annsachd agus deò-ghréine an rìgh?”
“Cha’n ’eil idir,” arsa Semiramis, “cha’n ’eil annam’ ach tràill air am bheil an rìgh an gaol; cha mhi idir a tha rìoghachadh, oir ma bheir mi òrdugh cha teid a chur an gniomh gus am faicear thusa.”
“Tha thu ’smuainteachadh, a réir a’ choltais, gu bheil sòlas mòr fuaighte ri bhi ’rìoghachadh.”
“Thà, do neach aig nach robh fios riabh ciod è.”
“Am bu mhath leatsa deuchainn a thoirt dà? An gabh thu m’ àite-sa car beagan làithean?”
“Thoir an aire, O’ Righ! nach tairg thu tuille ’s a’ chòir, —thoir an aire nach dean thu nì d’ an gabh thu aithreachas.”
“Aithreachas!” ars’ an Righ ’s e ’ga pògadh; “Tha mi rithist ag ràdh, am bu mhiann leat a bhi car aon latha a’d bhàn-righinn air Siria? Ma ’s miann tha mo làn cheadsa agad.”
“Am feud mi gach ni’s àill leam a dheanamh, gun ghrabadh?”
“Gach ni is àill leat, bheir mise suas dhuit, ré aon latha iomlan, m’ uile chumhachd, agus an t-slat-rìoghail òir so.”
“C’uin mata?”
“Am màireach, ma thoilicheas tu.”
“Am màireach bitheadh e,” arsa Semiramis, ’s i leigeil a’ cinn air gualainn an Rìgh, mar gu’m b’eadh a’ toirt taing dha, agus ’s an àm cheudna ag iarraidh maitheanais airson a leanailt cho fada.
Cha luaithe thainig an ath mhaduinn na ghairm Semiramis a mnathan-comhaideachd. Dh’ àithn i dhoibh a h-éideadh cho rìomhach ’s a bha ’nan comas; cha luaithe ’thubhairt na bha e deanta; thainig i gu Nìnus le crùn air a ceann, a’ deàlradh le òr, le daoimanan, ’s leis gach seòrsa de chlacha luachmhor, air a sgeudachadh mar bhain-dia! Ma bha i àillidh roimhe bu cheud àille ’nis i ann an sùilibh Nìnuis. Dh’ orduich e a thiota gach mac màthar d’a luchd-frithealaidh do’n lùchairt, agus an t-slat rìoghail a thoirt chuige. Cha luaithe thubhairt na bha e deanta. Thainig e fein an sin a steach agus Semiramis air làimh aige g’a càradh air an righ-chathair. Cho luath ’s a chunnaic na h-ofigich an rìgh thuit ìad air an aghaidh gu làr a’ deanamh aoraidh. Dh’ iarr an righ orra éiridh, agus thubhairt e riutha gu’n robh iad ri ùmhlachd agus géill a thoirt do Shemiramis, re aon latha iomlan, mar do’n righ féin; ghabh e’n sin an t-slat-rìoghail oir, agus thug e i do Shemiramis. “A Bhan-rìghinn” ars’ esan, “gabh so, is comharradh air cumhachd rìoghail e, cuir do chumhachd a nis an céill—dean na’s âill leat, cha’n eil neach an so nach ’eil ’nad chomas—is tràillean dhuit gu léir iad; air son an righ dhe cha’n ’eil ann, fad aon latha, ach do ghille-coise.” Ma tha mac màthar ann an rìoghachd Asiria a bheir eas-umhlachd do d’ òrdugh, buin ris mar ’thoilicheas tu—dìreach mar gu’n tugteadh eas-umhlachd do’n righ”!
Air dha so a ràdh thuit e sìos air a ghlùinibh, a’ deanamh ùmhlachd do Shemiramis. Shìn ise, le fiamh-ghàire a’ làmh dha agus phòg e i. Thainig an sin na cùirtearan, ’s na buirdeisich, a lìon fear a’s fear, gach aon a’ toirt a mhionn gu’m biodh e dìleas do’n Bhàn-righinn fad aon latha. Nuair a bha’n ùpraid thairis mhol Ninus a Bhàn-righinn agus dh’ fharraid e dhi cia mar thachair e gu’n do ghiùlain sî i féin cho stòlda, ’s nach d’ rinn i uiread a’s fiamh-ghàire fad na h-ùine?
Am feadh a bha iadsan a’ toirt am mionn làn-ùmhlachd a thoirt di bha inntinn Semiramis a’ ruith air cìod an ni ’chuireadh i m’ an coinneamh a dheanamh. “Cha’n ’eil àrd-chumhachd agam” ars’ ise “ach car aon latha agus tha mì ’cur romham buil mhath a dheanamh dhe.”
Rinn an rìgh gàire, cha robh Semiramis riamh cho sgiamhach ’na shùilibh. “Faiceamaid,” ars’ esan, ciamar a sheasas tu àite an
“Thigeadh àrd-chomhairliche an righ an so!” arsa Semiramis le guth oscarra.
A thiota bhan’ t-àrd-chomhairliche san làthair, le dithis fhear-comhaideachd.
“Sgrìobh!” arsa Semiramis, “Thugadh uachdaran caisteal-dìdein Bhabiloin suas a chomannda do’n neach a liùbhras so dha, ar neo ’s bàs da a thiota. Fill suas an t-òrdugh so; seulaich e le seula an rìgh agus cuìr a’m làimh-s’ e. “Sgrìobh a rithist! Thugadh fear riaghlaidh nan seirbhiseach suas a chommanda do’n neach a liùbhras so, ar neo ’s bàs da a thiota—Fill suas e, seulaich e le seula an rìgh, agus thoir a’m làimh-s’ e.
Sgrìobh a rithist! Thugadh seanalair an airm a tha sa’ chàmpa fuidh bhallacha Bhabiloin suas a chomannda do’n neach a liùbhras so, ar neo ’s bàs a thiota dha e.” —Fill suas, seulaich agus cuir a’m làimh-sa ’n t’ òrdugh sin.”
’Nuair a bha so seachad, chuir i na trì litrichean ’na broilleach. Ghlac uamhunn gach neach a bha san lùchairt, agus cha robh an rìgh féin gun ioghnadh air.
“Cluinnibh!” arsa Semiramis. “An ceann dà uair an uaireadair thigeadh a h-uile neach, agus stàta a bhuineas do’n lùchairt le tiodhlac do m’ ionnsuidh mar is cubhaidh ’nuair theid rìgh ùr a chrùnadh, agus rachadh fleagh mhòr ullachadh airson an fheasgair. —A nis, gach neach mu chùl a ghnothaich! Na fuirgheadh neach ach mo sheirbhiseach dìleas Nìnus. Tha agam ri mo chomhairle ’chur ris-san mu ghnothaichean na rìoghachd.” ’Nuair chaidh iad uile mach. “Tha thu ’faicinn a nis,” arsa Semiramis “cho math ’s a dhiongas mi m’ âite.”
Rinn Nìnus gàire. “Mo bhàn-rìghinn àluinn,” ars’ esan, “tha thu ’diongadh t’ àite cho math, ’s gu bheil thu ’cur iongantais orm. Ach, mur mì-mhodhail do d’sheirbhiseach fharraid, ciod tha thu ’dol a dheanamh ris na h-òrduighean a dh’ àithn thu ’sgrìobhadh agus a sheulachadh?”
“Cha bu bhàn-rìghinn mi nam biodh mar fhiachabh orm freagairt airson ma ghnìomharra. Ach o’n a dh’ fharraid thu e, tha ’mhiann orm mi féin a dhìoladh air na trì oifigich.”
“A dhìoladh! c’arson ag dioghaltas?”
“Innsidh mi sin. Cha’n ’eil aig ceannard a’ chaisteil ach aon sùil, ’s cha’n eil uair a thachras e orm nach cuir a eagal orm. Tha gràin mo chridhe agam air ceannard nan seirbhiseach, a chionn gu’m bi e ’maoigheadh maighdeannan is maisiche na mise ’chur chugadsa; agus seanalair an airm, tha esan a’ faotainn tuille ’s a’ choir de d’ chomunn-sa. Cha’n fhaighear a latha no ’dh-oidhche thu ach anns a’ chàmp.”
“Ro-mhath, ro-mhath,” arsa Nìnus, agus e gàireachdaich. “ ’s gasd’ an riasan sin.”
Thainig a nis na stàtacha ’s na h-urracha a steach, ’s gach fear agus tiodhlac aige ’chum na bàn-righinn. Thug cuid dhi clacha luachmhor, cuid eile blàithean agus measan, ach na tràillean aig nach robh dad r’a thabhairt cha d’ thug ìad seachad ach ùmhlachd. B’ ann diu so triùir bhràithrean a thainig le Semiramis o Chaucasus, agus a shàbhail a mnathan-comhaideachd o thigeir. ’Nuair thainig iadsan dlù do’n rìgh-chathair, ars’ ise, “Am bheil tiodhlac idir agaibhse d’ ur bàn-rìghinn?”
“Cha’n eil agamsa,” ars’ an ceud fhear, O bhàn-righinn! ach mo bheatha ’chum do dhìon.”
“Cha’n eil agamsa,” ars’ an dara fear “ach mo chlaidheamh, a mharbhadh do naimhdean.” “Cha ’n eil agamsa,” ars’ an treas fear, “ach an ùmhlachd agus an t-urram air an airidh do làthaireachd.”
“A thràillean” arsa Semiramis, “Is sibhse ’thug chugam na tiodhlacan a’s luachmhoire na càch uile, agus cha di-chuimhnich mise e. Thusa ’thairg do chlaidheamh gu m’ dhìon, thoir an litir so gu seanalair an airm, feuch ciod a ni e air do shon. Thusa ’thairg do bheatha leagadh sios ’n am aobhar, thoir an litir so gu ceannard a’ chaisteil, feuch ciod a ni e air do shon. Thusa ’thairg dhomh an ùmhlachd agus an t-urram a bhuineas do m’ làthaireachd, thoir an litir so gu ceannard nan seirbhiseach no luchd-frithealaidh na lùchairt, feuch ciod a ni e air do shon.” Cha robh Semiramis riabh cho àluinn agus cho rùnach a’m beachd Ninuis ’s a bha i ’nis. Thainig fear d’a luchd-comhaideachd a steach agus o nach d’rinn e’n graide rud faoin air chor eigin a dh’ àithn i dha, dh’ orduich i’n ceann a sguidseadh dheth; cha luaithe ’thubhairt na bha e deanta!
Cha do chuir so smuairein air Ninus, lean e féin ’s i féin air seanachas gus an robh a’ chuirm deas. B’ i sin a’ chuirm a bha sòghail, ròiceil, cosgail! Nuair thainig Semiramis do’n t-seòmar mhór, thug fear de na seirbhisich dhi air trìnseir ceann a’ chullaich, no a’ chaillteanaich eas-umhail. “Ro mhath” ars’ ise, “cuir air ruinn bior iaruinn e ann an cùirt na lùchaìrt, far am faicear e, agus seas làmh ris ag éigheach ris gach neach a theid seachad, ‘Bha’n duine leis am bu leis an ceann so beò trì uairean roimhe so, ach a chionn nach-d’ thug e làn-ùmhlachd do dh-àithne na Bàn-righinn chaidh a cheann a sgaradh o’ choluinn. ’”
Bha ’nis am bòrd air a chuibhrinneachadh, ’s gach nì deas, shuidhich Semiramis na maithean an aghaidh gach riaghailt a chunnacas riamh roimhe; chuir i Ninus aig casaibh a bhùird, cha d’ rinn Ninus ach gàire ris a so, ni, ’nuair chunnaic càch shuidh iad sìos gach aon far an d’ iarr i air. Chuir i ’nan suidhe làmh rithe féin an triùir bhràithrean bochd á Caucasus. “An d’ rinn na ceannardan” ars’ ise “mar dh’orduich mi dhoibh?” “Rinn, O Bhànrìghinn!” ars’ an triùir bhràithrean.
Thug an t-ard ghille-buird a’ cheud mhias do’n Righ mar bha ’chleachdadh aige, ach nuair chunnaic Semiramis so dh’orduich i a thiota a sgiùrsadh!
’Nuair bha ’chuìrm mhór a nis dlù air bhi thairis, dh’eirich Semiramis, agus ars’ ìse, le guth oscara,— “A mhaithibh, agus ’uaislibh! Tha aon stàta s a’ chomunn nach d’thug tiodhlac a chum na Bàn-righinn an diugh.”
“Có esan?” arsa Ninus, ’s e fàs gruamach, “ ’s éigin peanas a thoirt as.”
“S tusa féin, a Ninuis, an ceart duine, ciod an tìodhlac a thug thusa do’n Bhànrighinn an diugh?”
Dh’éirich Ninus o’n bhòrd, ’s chaidh e chum na Bànrighinn, a chur cagar ’na cluais. “Faicibh” ars’ ise “aon d’a h-ìochdarain a’ cur tàmailt air a’ Bhànrighinn!” “Tha mi air mo ghlùinibh ag iarraidh maitheanais ort a Bhànrighinn àluinn,” ars’ an rìgh, “thoir maitheanas domh; agus” ars’ esan ann an guth ìosal, “b’ fhèarr leam gu’n robh crìoch air a’ ghnothach so.”
“Ciod?” ars’ ise, “am b’ àill leat gu’m biodh crìoch cheana air mo rìoghachd? Ach cha’n eil, tha dà uair an uaireadair gun ruith do m’ ùine fathast, agus tha mi ’cur romham buil mhath a dheanamh dhiu. Eirich” ars’ ise ri Ninus, “cha’n eil maitheanas air do shon; dean deas airson bàis!”
“A bhean aimlisgeach,” arsa Ninus, ’s e fathast air a ghlùinibh— “ach cha’n fhada ’mhaireas so, tha do thoil féin agadsa ’n diugh ’s bidh i agamsa ’màireach.”
“Cha bhi corruich ort, tha dòchas agam,” ars’ ise, ann an leth-chagar, “ged bheir mi aon ordugh eile seachad.”
“Cha bhì” ars’ esan.
“A chaillteanaich,” ars’ ise le àrd-ghuth,” deanaibh greim air an duine so, eadhon air Ninus!”
Rinn Ninus fiamh ghàire ’s leig e leò greim a dheanamh air.
“Thugaibh a mach do’n chùirt e” ars’ ise, “biodh gach nì deas, agus fanaibh gus an toir mise ordugh dhuibh.” Thuirt i’n sin ris an triùir bhràithrean bochda ann an cagar, “gach fear g’a phost.”
“A Bhànrighinn àluinn,” arsa Ninus le fiamh-ghàire, tha’n latha tighin gu crìch, ’s tha earbs’ agam gu’n cuir thu crìoch mhath air,” agus esan ’an dùil fad na h-ùine nach robh i ach ri fala-dhà.
“Tha ’mhiann orm sin a dheanamh,” arsa Semiramis; “ ’Illean, ’sguidsibh an ceann deth,” Mum buileach a bha’m focal as a beul thug ceann an rìgh glag air an t-sràid! bha ’m buille cho grad ’s gu’m faicte fiamh a’ ghàire fathast air a ghnùis!
“A nis,” arsa Semiramis, “is mise bànrighinn Asiria; agus firionn no bainionn nach dean mar dh’iarras mise, theid a cheann a’ cheart rathad a chaidh ceann a chailteanaich eas-umhail, agus ceann an rìgh!”
’Sin agaibh, a Theachdaire, sgeul a thachair o chionn mu thuaiream trì mìle bliadhna! Theagamh gu’n abair cuid de mhnathan na Gaeltachd nach ’eil ann ach spleódhraich. Cha’n ’eil a fhreagairt agam ach “ma’s a breug uam e ’s breug chugam e.” Tha fios aig an t-saoghal gu’m b’i Semiramis a a rinn Babilon ’na bhaile cho barraichte mhòr ged rinn Nebuchadnesar a dhà uiread ’s a rinn ise.
Air mo shon féin deth tha mi ’n amharus gu’m bu Bhana-Ghael Semiramis; bhuineadh i do na beannta móra ris an abrar Caucasus. Tha Herodotus, neach a sgrìobh 400 bliadhna roimh theachd Chrìosd, ag ìnnseadh mu bhlàr fuileachdach a thugadh air na sléibhtibh sin, agus is ann uaithe so a theirear Caucasus no cath-uca riutha. Tha mnathan ’san dùthaich sin a dheanadh an ni ceudna an diugh, agus mur biodh an soisgeul, againne theagamh nach b’ fhèarr sinn na iadsan.
MACTALLA.
Ceud mhìos an t-Samhraidh, 1836.
[Chaidh no leanas air an ath dhuilleig a thoirt o Eadar-theangachadh (nach ’eil fathast crìoch- naichte) air leabhar àraidh sam bheil Gràs agus Fìrinn no Glòir agus Lànachd an Fhir-shaoraidh air am foillseachadh o Shamhlaidhibh an t-Seann-Tiomnaidh, agus gheibhear bladh gach Caibdeil de ann am briathraibh aithghearr o mhìos gu mìos anns an Teachdaire.]
title | 4 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |