[131]

I.

AN CEUD ’S AN DARA ADHAMH.

’NUAIR dhearc an Cruithear air tùs air na nèamhan adeàlradhnan uile ghlòir, agus air an talamh, aitna àilleachh féin, bha iasg san fhairge, eunlaith san athar, agus ainmhidhean samhachair; ach cha robh bith aig creutair reusonda, is iomchuidh araon chum riaghladh thairis air oibribh eile achruthachaidh, agus conaltradh a chumail ra Chruithear. “Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine do dhuslach na talmhainn agus shéid e ann an cuinneinibh a shròine anail na beatha; agus dhfhàs an duinena anam beò.” Gin. ii. 7. ’S iad so briathran Mhaois, agus tha sinn a rithist afiosrachadh o Phòl gun robh an ceud duine dam bainm Adhamh, “ ’na shamhladh air an Ti ud a bha ri teachd.” Rom. v. 14.

A nis gabhamaid beachd air na cùisibh sin sam bheil samhladh aig acheud ris an dara Adhamh, agus cha deacair an toirt fanear, co dhiù a bheachdaichear air Adhamh mar an ceud duine, an ceud athair, non ceud cheann-cùmhnanta; agus mosgladh ar smaointean mun ghlòrmhor ud a sgaoileadh amach cho tràagus ar n-ioghnadh mu dhoimhneachd roimh-eòlais Dhé a dhorduich cùisean air sheòls gum biodh eachdraidh acheud duine a bha on talamh, mar fhàisneachd air an dara duine an Tighearna o nèamh.

An toiseach, a thaobh cruthachaidh ar ceud sinnsir; be Adhamh an ceud duine ann an saoghal nàduir, ’s air dha bhi air a dhealbh on duslach le làimh aChruitheir féin, bha e gun athairs gun mhàthair, a gus ann an seadh sònruichte goirear dhe Mac Dhé. Luc. iii. 38. Bu chreutair nuadh e, aig nach robh coimeas no ionannan oibribh faicsinneach Dhé, oir bhaphearsa, a tha co-sheasamh do chorp faicsinneachs do dh-anam neo-fhaicsinneach, air a dealbh a réir ìomhaigh Dhé, a tha gu h-àraidh aco-sheasamh ann an eòlas, ann am fireantachd agus ann an naomhachd. Anis nach soilleir gur h-e Criosd, an dara Adhamh, an ceud-ghin am measg móran bhràithrean ann an saoghal nan gràs, air dhà bhi gun athair mar dhuinegun mhàthair mar Dhia. Dhealbhadh a chorp (cha bann on duslach ach ann an dòigh cho mhìorbhuileach) agus cho luaths a dhaonadh anam reusonda ris am broinn na h-Oighe, ghabhadh le chéiliad on cheart àm sin an aonachd ri pearsa dhiadhaidh aMhic; agus gu h-iomchuidh ghoireadh don naomh sin a rugadh leatha, Mac Dhé. Luc. i. 35, an nuadh a chruthaicheadh air an talamh.” Ier. xxxi. 22. Chan fhaod naoimh no aingil coslas ris an Diadhachd agairt mar dhfhaodas an duine Iosa Criosd, oir de na h-ainglibh don do ghoireadh deàlradh glòir an Athar agus fìor-ìomhaigh a phearsa? no ris an dthubhairt an t-Athair uair air bith, “Is mo Mhac-sa, an diugh ghin mi thu?” Eabh. i. 3. 5. Dhfhaodadh samhladh a bhi aig Adhamh ris aChruithear mar thaig an ìomhaigh air achùinne ris an rìgh air achathair, ach tha coslas Iosa ri Dia mar an samhladh a thaig oighrechruin ra athair rìoghail air dhà bhi araon cosmhuil ris agus den aon nàdur agus den aona ghnè, agus ged thig gach samhladh ro ghèarr air pearsa Immanueil


[132] a làn-sgaoileadh a mach, theagamh gur h-e dlù-cheangal anamas cuirp Adhaimh an samhladh as soilleire air cùis cho dìomhair, agus than Spiorad Naomh féing a thoirt so fanear san Tiomnadh Nuadhnuair ghoirear leis an fheòil da dhaonnachd agus an spiorad da dhiadhachd. San fheòil dhfhoillsicheadh esan spiorad dhfhìrinnicheadh e. 1 Tim. iii. 16. San fheóil bha e air a chur gu bàs; agus tren spiorad bha e air a bheothachadh. 1 Pead. iii. 18. On a be Adhamh acheud duine chruthaich Dia, mar sin be ceud-athair nan uile dhaoine, a tha air am brethna ìomhaigh mar tha iad ateachd don t-saoghal nàdurras atarruing anail na beatha, agus is amhuil sin a tha gach aon a thateachd do shaoghal nan gràs atarruing am beatha spioradail o Iosa Criosd an t-Athair sìorruidh; tha iad agiùlanìomhaigh agus is ann air a dhainmichear an teaghlach uile air nèamh agus air talamh. 1 Cor. xv. 48.; Eph. iii. 15. Ach ged is e Adhamh ceud-athair achinne dhaonna, chan è athair gach linn; ach is e Criosd fìor-athair a naomh gu léir, a thas gach linn afaotainn uaithe solus na beatha, mar thaghealachs na reultan on ghréin. Rinneadh an ceud Adhamhna anam beò chum beatha nàdurra thoirt dhoibhsan nach dfhuair i; ach rinneadh an dara Adhamhna spiorad a bheothaicheas, chums gun tugadh e beatha dhoibhsan a chaill i, agus a chum an cuirp bhàsmhor a bheothachadh aig ais-eirigh nam fìrean. Oir mar ann an Adhamh a ta na h-uile afaghail abhais is amhuil sin a nithear na h-uile beò ann an Criosd.

A rithist be Adhamh ceud righ an t-saoghail, oir rinn Dia e beagan ni bìsle na na h-aingil, agus chrùn se e le glòir agus le h-urram, chuir e gach fochosaibh, caoraich agus buar agus ainmhidhean na machrach; eunlaith nan speur agus iasg na mara a shiùbhlas air slighibh nan cuan, Salm viii. 58. Ach bu diombuan an uachdaranachd so a bhaig rìgh na talmhainn, oirair dha bhian urram cha do mhair e.” Ach ann am pearsa Chriosd, a thana Dhia agusna dhuine, than ceud thighearnas a bhuineadh don duine air a làn aiseag, oir rinneadh cna cheann thar nan uile nithe don eaglais anns na h-ardaibh agus anns na doimhneachdaibh.” Ged a bfharsuing uachdaranachd Adhaimh cha robh i uile-choitcheann, ach tha rìoghachd Chriosd ariaghladh thar nan uile nithe agusair fàsuachdaranachd agus air a shìth cha tig crìoch.” Is. ix. 7.

Bheir sinn a nis fanear pòsadh ar ceud athar. Chunnaic Dia nach robh e math gum biodh an duinena aonar; agus thilg sen tróm-chadal e, dhfhosgail ethaobh, thug e aisinn as; agus dhealbh e bean uaithedhùin en lot; agus air don duine dùsgadh, dhaidich en tiodhlac ro phrìseil so a bhina cnàimh da chnàmhaibh agusna feòil da fheòil. Air an aobhar sin, arsa Maois, fàgaidh fearathair agus a mhàthair agus dlù-leanaidh se ra mhnaoi. A nis is eachdraidh fhìor so; ach than t-Abstol ag ràdh gum bheil na briathran air an labhairt mu Chriosd agus man eaglais, Eph. v. 32. agus thugamaid so fanear. Dheònaich an dara Adhamh dol gu cadal abhàis chum bith agus beatha thoirt da chéile ghràdhaich an eaglais as màthair dhoibhsan a ta da rìreadh beò. Cha bann le h-aois no le h-euslaint a thilgeadhan cadal a’


[133] bhàis e, ach ledheòin féin, agus a réir roimh-eòlais agus rùin shuidhichte Dhé. Dhfhosgladh a thaobh le sleagh agus on lot ruidh uisgagus fuil, “chums gun cuireadh ena làthair féin eaglais ghlòrmhor, gun smal gun phreasadh, gun air bith dan leithidibh sin.” Eph. v. 29. ’Nuair dhùisg e o phràmh na h-uaighe leighiseadh a lotan agus nochd se e féin mar ghaisgeach buadhar, chunnaic e do shaothairanama agus bha e toilichte. Dhaidich en dàimh a bheadar e féins an eaglais, agus ghabh se ian ceangal-pòsaidh siorruidh, ach bfhuileachdachs bu daor i don Fhear-shaoraidh ghràsmhor, ach bhaghradh dhi gun choimeasnuair dhfhàg eAthair air nèamh agus a mhàthair air thalamh agus dhlù-lean e ra chéile neo-airidh. Dhfhàg en eaglais Iudhach san do thogadh e chums gun dlù-leanadh e ris an eaglais Chinnich a bha ri bhi air a tional o mheasg gach sluaigh.

San aite mu dheireadh, be Adhamh an ceud cheann-cùmhnanta sheasan ionad achinne-dhaonna, agus tha chuis so comharraichte ann an iomadh earrann don sgriobtur; agus mun do liùbhradh an lagh do Mhaois is cinnteach gun dthugadh lagh do dh-Adhamh, do bhrìgh gun do rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, agus dhfheumadh gum biodh lagh ann tren drinn am bàs so rìoghachadh, oir cha chuirear peacadh á leth duine far nacheil lagh, Rom. v. 13. Bhan lagh ann mata mun dfhuaimeadh e o Shinai, eadhon lagh nan oibre anns an robh Adhamh ri seasamh air a shon féin agus airson a shliochd, ach tha fios againn air an ni mhuladach sin a thachair. “Ach mar tre easumhlachd aon duine a rinneadh mórannam peacaich, is amhuil sin tre ùmhlachd aon duine, a nithear mórannam fireanaibh.” Rom. v. 19. Thug an ceud Adhamh eas-umhlachd don reachd a beutruime, ach thug an dara Adhamh ùmhlachd don àithne bu chruaidhe. Air don cheud Adhamh a bhina dhuine, mhiannaich e bhi mar Dhia; air don dara Adhamh a bhina Dhia fhuaradh e an cruth mar dhuine. Thug an diabhul ionnsuidh air acheud Adhamh saghàradh agus thug e buaidh air; thug e ionnsuidh air an dara Adhamh san fhàsach ach cha dthug e buaidh, ’Nuair bhris Adhamh aon àithne bha e ciontach don iomlan; ach air don dara Adhamh an lagh a choimhead uile dhardaich se e agus chuir e urram air. Cho luaths a tha sinne teachd don t-saoghal mar chloinn do Adhamh, tre ghineamhuinn nàdurra, tha sinn abàsachadh airson peacaidh nach burrainn sinn a chur an gniomh; ach cho luaths a tha sinn ateachd gu bhi nar cloinn do Chriosd tre ath-ghineamhuinn tha sinn beò tre fhìreantachd nach bu chomasach sinn féin oibreachadh amach. Ann an Adhamh tha sinn air ar dìteadh airson aona pheacaidh, ach ann an Criosd tha sinn air ar fireanachadh o lochdaibh gun àireamh. Sacheud leabhar don Bhìobull chì sinn cho neo-chomasachs a bhan ceud Adhamh air beathas air sonas aiseag da shliochd, agus mar a dhfhògradh e féin o chraoibh na beatha; ach, san earrainn mu dheireadh don leabhar naomh, tha sealladh againn air an dara Adhamhan ionad nis glòrmhoire nan gàradh sona, agus ecur an céill, “Don ti a bhuadhaicheas bheir mise ra itheadh do chraoibh na beatha a tha ann am meadhon phàrrais .” Taisb. ii. 7.


[134]

Gu ma beannaichte gun robh ainm ar , a chionn gun deachaidh an ni sin a chaill an ceud Adhamh a làn-aiseag dhuinn leis an dara Adhamh; oir mar ann an Adhamh a rìoghaich am peacadh chum bàis, mar sin rìoghaich gràs tre fhìreantachd chum na beatha maireannaich, tre Iosa Criosd ar Tighearna. Rom. v. 21, a thainig chan emhàin chums gum biodh beatha againn acha chums gum biodh i againn ni bu phailte.” Eoin x. 10.

A. M.

An Calbh Muileach.

Gheibhear eachdraidh Noaih a réirs mar a bha ena Shamhladh air an t-Slànuighear, air an ath mhìos.

title5
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page