NAIMHDEAN NA H-EAGLAIS.
A Theachdaire Ghaolaich.
Tha e a’ fadadh tomhas nach gann de shòlas ann am chridhe bhi cluinntinn gu bheil an Teachdair a’ soirbheachadh, agus gu bheil a chairdean dìleas a’ sìor dhol ’an lìonmhorachd. Tha làn chinnt agaibhse nach ’eil sinne ’faicinn phaipeirean-naidheachd anns na cearnaibh iomallach so, agus ge do bhiodh iad air an leughadh dhuinn is ro ainneamh iad ’nar measg a thuigeadh lide dhiubh. Air an aobhar sin bhiodh e anabarrach sòlasach leinne gu’n tugadh sibhse dhuinn o àm gu àm cùnntas soilleir aithghearr mu na gnothaichean cudthromach tha dol air an aghart anns an rìoghachd—air mhodh sònruichte san Eaglais. Ma chreideas sibh mise, cha ’n eil e chum buannachd sam bith do luchd-àiteachaidh nam beann a bhi lionadh duilleagan an Teachdaire le duanagan air an eadar-theangachadh o ’n Bheurla. Tha gu leòir againn do dh-òrain is blasda agus is mìne na duanag eadar-theangaichte a nochd a gnùis reasgach Shasunnach riamh air taobh duilleige. Thugaibh dhuinne nithe a sgapas air falbh an tiugh-dhorchadas tha ag iadhadh mu’r tuigse agus cha ’n iad nithe dh’ fheudas diogailte dhùsgadh agus an càirein a rùsgadh, ach nach toir lòn do’n inntinn air am feud beò chìocras a bhi an geall air eòlas tarbhach.
Chuala sinne le mór chràdh-cridhe agus le h-ioghnadh, gu bheil buidheann lìonmhor, gharg, ghuineideach do mhinisteirean anns an taobh deas, air dol ann an co-bhoinn, gu’n do chuir iad iad fèin fo mhionnachadh agus fo mhallachadh, nach toir iad cadal d’ an sùilibh no clò-chadal d’ an rosgaibh, gus an tilg iad bun os-ceann gach clach agus maide ann an eaglais na h-Alba—gus an saltair iad le’n casaibh air a turaidean arda, air a ballachan naomha, agus air a lùchairtean uasal—gus an glan-spùinn iad i dhe ’n oighreachd bhig a dh’ fhàgadh aice leis na daoine naomha, urramach, a dhóirt gach braon do fhuil an cridheachan caomha chum a togail, o chionn dà cheud bliadhna. A réir an sgeòil a chuala sinne, tha na daoine so a’ bruadar gu bheil e peacach mi-reusonta, agus calg-dhìreach an aghaidh a’ Bhìobuill gu’m biodh eaglais sam bith air a cumail suas le uachdarain na rìoghachd—gur i eaglais na
Ma cheadaicheas an t Ard-riaghlair do ’na spùinneadairean cruaidh-chridheach so an rùintean puinnseanta ’chur an gniomh, agus Sion a ghràidh a shaltairt fo’n casaibh neo-ionnlaidte, O! ciod a dh’éireas dhuitse a dhùthaich bhochd nam beann? —a dhùthaich mo dhùchais—a dhùthaich mo leanabais—a dhùthaich mo ghaoil, mo shinnsearachd, agus m’ aoibhneis—anns an d’ fhosgail mi an tùs Litir-dhìlib mo Shlànuigheir—anns an cuala mi an toiseach an fhuaim tha aoibhneach ait, agus air am bheil grian an àidh a’ deàrsadh an diugh le neart agus le soillse nach ’eil coitchionn ann an Eilean Bhreatunn?
O! ciod an sgal goirt—a’ ghaoir mhuladach—am fàsgadh-dhòrn, agus an cràdh-cridhe, bhitheas r’a fhaicinn agus r’a chluinntinn ann ad ghleanntaibh uaigneach, agus air do shraithibh uaine, an uair anns an dean na creachadairean farmadach so buaidh chaithream os do cheann, agus an abair iad mar thubhairt muinntir o shean, Aha, Aha, thug sinn buaidh! O! is e sin an latha tha duibh-nialach, an latha tha sgalach, an là anns am faicear na deòir ’nan tuiltean a’ ruith le gruaidhean do mhac aosmhor, an latha anns an taisbean gnùis t’òigridh chalma shubhailcich tomhas do dhubhachas nach do luidh riamh roimhe orra; an latha bhitheas dhuitse mìle uair nas cianaile, agus nas sgriosaile, na ged shéideadh anail chruaidh reòta Greenland, fad na h-oidhche, ann am mìos meadhonach an fhogharaidh, air t’ achaibh bhòidheach fo’n làn déis! Ach cha do chaill sinn idir ar misneach, cha do mheataich ar cridheachan fhathast. Tha Ceannard mór ar Sioin làn chomasach air comhairlean Ahitopheil a thiunndadh gu amaideachd, agus air an dòchas baoth a thur-mhealladh. Tha ar cairdean mu dheas lìonmhor, fòghluimte agus gaisgeil, agus tha mo chridhe a’ dannsadh le aoibhneas
A nis a Theachdaire, tha mi a’ rùnachadh an trómpaid a shéideadh gu h-ard, agus caismachd shoilleir a thoirt do m’ luchd-dùthcha mu’n chùis so, a chum nach bi iad nas fhaide air am mealladh leis an dream a dh’ éirich an aghaidh eaglais na h-Alba. Tha cuid dhiubh so a’ dol mu’n cuairt ’nar measg-ne ’nan ruagalaichean miodalach, a’ gabhail orra gur e ar math tha aca san amharc, a’ faotainn aoidheachd uainn gu cridheil, agus air a’ cheart àm a’ sealgaireachd oirnn, agus ag iarraidh ar tarruing air falbh o’n eaglais sin tha ni’s gràdhaiche leinn na fuil ar cridheachan. Biodh e aithnichte dhuibhse air fad, a luchd-àiteachaidh nam beann, an uair a chì sibh fear ’an t-seòrsa so ’dol mu’n cuairt gu bheil e air a chur a mach le buidhinn tha ri spàirn gach latha chum bhur n-eaglais a sgrios. Cha’n eil teagamh nach bi e sìbhalta car tamuill ’nur measg, ach thugaibh an aire, leigibh leis searmonachadh do na cnuic, na tugaibh bhur gnùis dha. Ach s’ éiginn domh ìnnseadh dhuibh nach ’eil na Baistich do’n t-seòrsa so, ni mò tha na Methodists dhiubh—cha do thog iad so an guth an aghaidh eaglais na h-Alba.
A nis, a Theachdaire, ma tha mise ’mearachd anns na nithibh a’ labhair mi, cuiribh ceart mi, oir cha’n eil mi ach aineolach.
Ma bheir sibh àite do’n litir so anns an ath Theachdaire, bidh mi fada ’nur comaine, agus feudaidh e bhi gu’n cluinn sibh uam an ùine ghearr—Slàn leibh!
Is mise bhur seirbhiseach dileas
AILEIN NA BEINNE.
AIRD-AN-TIOBAIRT, Mios deireannach an earraich, 1836.
title | 6 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |