DAN SPIORADAIL
O’n 8mh Salm Deug.
A’m éiginn ghairm mi air mo Thriath,
Ghlaodh mi gu h-ard le m’ ghuth ri Dia,
Gu ’chluais chaidh m ’urnuigh suas
Dh’ éisd Dia gu caomh,
A ’theampull naomh
A’s ghabh ri m’ àmhghar truas.
An talamh ’sin do chrathadh leis,
Na beannta ghluais o’n stéigh le ’threis’,
Do bhrìgh gu robh air fearg;
An cruinne-cé
Chriothnaich gu léir
A’s chrathadh e gu garg.
A ’bheul ’s á ’shròin do chaidh a mach
Mór-lasair agus ceò fa seach,
A’s rinneadh milleadh leò;
Chaidh tein’ á ’bheul
A shearg am feur,
A’s éibhle las gu leòir.
O ’chathair thainig Dia a nuas,
Eadhon o ’chathair rìoghail bhuan,
Na nèamha fodha lùb;
Air dorchadas
Shocruich e ’chos
A’s sheas e air gun diù.
Air cherub mharcaich e gun chaird
Le sgiathaibh sgoilt’ na nèamhan ard,
’S air iteig fòs do chaidh,
Mar iolair luath,
Aig éiridh suas,
Gu h-ard air bhàrr na gaoith’.
Mar ionad dîomhair uime féin
Dubh-dhorchadas do chruinnich e,
’S leis chòmhdaich se e féin;
Bu phàilliun dò
Uisge na sgò
A’s neulta tiugh nan speur.
Gu h-obann theich na neulta as
O’n lasadh dheàlrach bha ’na ghnùis,
’S air thoiseach air do chrath
E meas, a’s fhras
Clach-shneachd gu bras,
A’s éibhle dearga teth.
Seadh thilg e ’nuas le ’ghairdean treun,
Gu bras a shaighde guineach geur,
’S mo nâimhde sgap air fad,
Tein’ -adhair mòr
Do thilg e orr’
A’s thug e buaidh gu grad.
OIGFHEAR.
title | 8 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |