[138]

DÙIL RI EARRACH.

Ged bhios gruaim neòil as fuar-ghaoth tuath,
Cur bacadh air an Earrach chaomh,
Bidhghrian as Nàdurfaotuinn buaidh,
S thig fiamh-ghàirEarraich air gach taobh.

S nin gealladh tha o linn gu linn,
Atabhairt caochladh aìmsir leis,
An geamhradh sgiùrsadh as na glinn,
S thig iochd as ceòl, as blàths as teas.

Tha fireantachd achùmhnaint bhuain,
Ra choîmhlionadh a chum gu seas,
Oir fhads a mhaireas tìr as cuan,
Bheir Earrach agus Samhradh meas.

Oir thig gach caochladh chum ar feum,
S bidh geamhradh air na creidmhichteachd,
Ach thig an t-Earrach ceum air cheum,
A bheir dhoibh beatha, blàths, as iochd.

Tha geamhradh, ’s Earrach iomchuidh dhuinn,
Is leur don phobull iads gach càs
Bidhn geamhradhsgrios gach salchar fuinn,
As anns an Earrach fàsaidh grâs.

Ged bhios gach craobh sagheamhradh lóm,
Nuair dhìreas snodhach as gach friamh,


[139]

S a thig an t-Earrach torach tróm
Cha dìbîr duilleach, bladh no biadh.

Ach ma bhios craobh gu deimhinn marbh,
Cha chaochail céitein chaoidh a snuadh:
Neo-thoirbheartach, ge aosmhor garbh,
Secuibhrionn, teine millteachs tuadh.

Dhia! aom an t-Earrach le do thruas,
O n bha ar geamhradh tróm fo neòil;
Is taom do dheàlradh blàth a nuas
A ni do ghràsa dhuinn mar cheòl.

title9
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page