[153]

AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH.

MIOS NA CIÙINE.

VII. AIREAMH.

COMHRADH NAN CNOC.

Lachunn Bàns na gillean aleigeil an analach am fasgadh Creag-an-fhithich an déigh an fheannag bhuntàtachurSeorus-nan-Long astar beag uapa, agus Seonaid-mhór agabhail a nuas an cladach agus adlùthachadh ri Seòrus.

Seòr.
Nam faicinn thu tighin,
S fios agam gur bhiodh ann,
Gun éireadh mo chridhe
Mar dhéireadh aghrian air aghleann.
O Fàillirin ìllirin uthoro àillirin ò;
Si meudail-sa Seònaid òg,
Banarach fheòlmhor nam .

Banarach cheòlmhor nam a bàill leam a ràdhainnfàiltort a Sheònaid— ’s math a fhuair thu mach cùil nan gillean.

Seòn. ’S furasda do chùil-sa fhaotainn a mach fhads a tha fannan soirbheis ann a ghiùlaineas air a sgiathabh boladh an tombaca agus fàile na tearra.

Seòr. So so a Sheònaid dean suidhes innis domh ciod a thagad ad mhurlaig.

Seòn. Tha agam faochagans cailleagans maorach-bàns bàirnichs mùsgain; ’s ma thrusas tusa connadhs ma dh-fhadaidheas mise gealbhan beag ann an so taobh na craige, gheibh thu do chuid diubh.

Seòr. Dean suidhes mi sinchuir mi buachaille nan laogh a dh-iarraidh éileig a lasadh mo phìobas bidh en so a thiota. Nach dean thu suidhe! tha thu co fhiadhaich, mhoiteil, choimheach ri seann ròn. So so, dean suidhe!

Seòn. ’S tu féin a bheireadh an coimeas bòidheach. So matà, ciod a thagad ra ràdhainn? ’S ladhach fasgach achùil so féin, air chùl gaoithes ri aodann gréine.

Seòr. ’Seadh a Sheònaid, far ann faic thu gach neachs nach faic neach thùOs bòidheach an ràidhe an t-earrach! tha tùs achéitein mar gum biodh e adeanamh balachan dhiom féindheanainn caoineadh no dannsa air acheart àm so. Is mìorbhuileach cumhachd an earraich! adùsgadh càil an t-saoghails na h-uile acaochladh fiamhan snothach a dìreadh tre chuislibh nan craobhabhiolaire, na seamragans na neònainean atogail an cinnna h-eòin bheaga bhuchullach bhachullach òr-bhuidh abeadradh o phreas gu preas asuirdhes asùgradh gu mireagach éibhinn


[154] na h-uain bhòidheach gheala amires acleasachd air an réileinagus aghrian fhlathail bhoillsgeil adèarsadh gu fial caoimhneil air an t-saoghal mhór! —An cualthu riamh a Sheònaid an t-òran bòidheach

Chì mi na h-eòin, chluinn mi na h-eòin,
Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach bhinne
Chì mi na h-eòin chluinn mi na h-eòin

Seòn. ’S fhada bhuaithe sin, ach a Sheòruis tha thu cur iongantais ormcha bfhiosrach riamh mi gun robh cumhachd labhairt agad mar tha mifaicinn a thàcha labhradh am ministeir no fear-na-h- Airde féin na bfhèarr! —ach cuin thainig spiorad na bardachd ort?

Seòr. Chan eil fios agam ciod an spiorad a thann, ach a Sheònaid cuimhnich thusa so, bha mise ceithir bliadhna gun earrach fhaicinns gun eun a chluinntinn, gun bhlàs no teas gréine fhaireachdainn, ach fuachd as dùdlachd as geamhradh as gaillionn, sneachdas reothadh.

Seòn. Nach robh na gruagaichean Eisgimòthach lem brigsean leathraich agad gu labhairt riutha?

Seòr. Coma Sheònaid cia dhiù bhà no nach robhcha chluinn thusa mar bha sin; “an rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe.”

Seòn. Air mfhocal cha ghluais e mo chridhe-sa ged robh làn tighe dhiubh agad, ’ sin dòmhsa?

Seòr. Ud ud! a Sheònaid, thubhairt gun gluaiseadh? ach stad, ciod an deifir a thort? freagair mi aon fhocals na biodh dol a nùll no nall air aghnothuch, ach freagair mi gu glan soilleiram pòs thu mi?

Seòn. Am pòs mi thu! seann sgrog bodaich; a sheann rògairese pòsadh as lugha tha tighin fainear dhuit— ’s fhada on chuala miChan fhuiling am brocna shlochd ach e féin.”

Seòr. Broc ann no as, tha iomad slochd is fuaires is gainne na mo shlochdsatha mo sgillinn Shasunnach an ceann gach latha dhéireas mo thaobh agammo chead luidhe no éiridhfhuair mi croit agus gheibh mi mart, ch bhleódhnas i?

Seòn. Sgillinn Shasunnach!! Dheanadh sin rud-eiginn do dh-aon fhear, achs beag achuid dithis i, mar thuirt Alasdair Uaibhreach mun t-saoghal. —Do chroit, a Sheòruis; matàs beag fios a thagam féin ciod an fheudail a chuireas tu oirre mur cuir thu ròin oirre, no na mathghamhna no na muca-mara bhleódhnas do bhó? sin rud nach urradh mise ìnnseadhach a dh-aona chuid chan eil mart ann am buailidh a leigeadh leatsa do chròg adhairceach a chur air a sine; feuch gum bi buarach làidir agad, oir cha seasadh seana mhart maol Gallda amhàidseir féin fo dchròig. So so, éireamaid suas far am bheil Lachunn bàns na sgalagan.

Seòr. Chan éirich ceum gus an innis thu dhomh an gabh thu mi. So a nis, a Sheònaid eudail, labhair am focal; an gabh thu mi?

Seòn. Uisd a Sheòruis! na labhair focal tuilletheid mi leat chum na faidhreach di-màirt so tighins labhraidh sinn an sin ra chéile.

Seòr. Théid, théid a Sheònaids chì thu ciod a bhios aig Donull


[155] abhùth no aig CliùdanDo làmh, a Sheonaid!

Seòn. Sin i agad ach na fàisg i, ach sguir do dshuairceas, agus thugamaid Lachunn oirnn.

Seòr. Dean suidhe a Lachuinn thu féins na gillean, ’s theid mi air maghart le eachdraidh an taobh-tuath.

Lachunn. Matàs ni sin gu h-ealamh, agus is ro thaitneach leam urrad dhéigh a bhi aig Seònaid chòir air fiosrachadh mu na gnothuichean sinha ha !

Seòn. Coma leibhse dhiù, a Lachuinn, tha chùis adol gu math mur faod mi éisdeachd ri spleadhraich Sheòruis cho math ribhse.

Seòr. Bha na h-Eisgimòthaich a choinnich sinn air tùs anabarrach faicilleach, amharusach, eagalach; ach chuir sinn fios air seana chearcaill iaruinn, agus thug sinn mìr do gach fear dhiubh, agus ged a bòr a bhiodh annan t-òr bu deirge dreach, cha burrainn iad a mheas ni bairde na rinn iad. Thug so misneach dhoibh agus ghluais iad thun na luinge.

Seòn. Ciod bu choltas doibh? An robh iad dubh, no odhar, no geal?

Seòr. Matà cha robh na truaghain idir granndatha mòran do chaoimhneas agus do dheagh-nàdur ra fhaicinnnan gnùis. ’S beag nach robh cumadh an aodainn cruinn; bhan sùileans am falt dubh mar it an fhithich, an gruaidhean làn reamhar pluiceach, agus an craicionn uireads a burradh dhuinn fhaicinn deth air dhath achopair.

Lach. Na chuir an long-mhór iongantas orra?

Seór. Chuir, ’s cha biongantach sin; daoine truagha aineolach nach fhaca maide a bfhaide na làn an dùirn a bhata, ’s nach fhaca soitheach no long riabh, cha bioghnadh idir iongantas a bhi orra. Ràinig iad toiseach na luinge air an eigh, agus asmuainteachadh gur creutair beò bha innte, chuir gach fear dhiu a làmh air a shròin, chróm iad ain cìnn agus chuir iad fàiltoirre agus thòisich iad ri labhairt rithe, afeòraich, mar dhfhiosraich sinnna dhéigh sin, cia as a thàinig i agus cean a bha idol. Shaoil cuid diu gur eun mòr a bhinnte, agus gum biad na siùil na sgiathan.

Buachaille. Tha mi deanamh dheth nach tuigeadh an long Shasunnach aGhailig thuathach a bhaig na creutairean bochda.

Seòr. Tamull an déigh sin fhuair sinn an tàladh air bord air an luing. Bha na h-uile na aobhar-iongantais. Smuaintich fear dhiu gum burrainn da aon de na h-acraichean móra thilgeadh air a ghualainns a giùlan air falbh! Nuair chunnaic iad na seòladairean aruith a suas gu bàrr nan crann, thog iad aon iolach ghairdeachais, adannsas aleumraich mar gum biodh iad as am beachd. Achse s chuir a dh-iongantas orranuair a chunnaic iad sgàthans a dhamhairc iad ann. Ghabh iad eagal an toiseach, leumadh iad air an aiss air an aghartdh-amhairceadh iad cùl an sgàthain! Cha dealghadh iad ris air chor air bith, ’s a leithid do ghàiricichs do ghlaodhaich cha chuala mi riamh, gus an robh cuid diu atuiteam air làr le sgìos.

Seòn. An dthug sibh biadh dhoibh?

Seòr. Air tathais a Sheònaid,


[156] leig dhomh mo sgeul ìnnseadh a lìon beagan as beagan mar a dhith an cat an sgadan. Thug sinn biadh dhoibh, ach biad sin abhuidheann àilgheasachcha be h-uile biadh a chordadh riùcha robh suim aca don bhiadh a bfhearr a bhagainn. Chuir iad aran agus feòilnam beul agus na nithe bu mhìlse bha againn ra thairgseadh, ach ghrad thilg iad a mach iad le sgreamh agus déisinn! achnuair thairg sinn ùille nan ròn doibh agus meall geire, shluig iad e mar gum bu bhainne blàth na buaile bhiodh ann. ’Sen t-aona bhiadh bu taitniche leó slige den ùilleadhmeall do shaill ròinblonag muice-mara cho grods a thogradh e, agus gun bhruicheadh gun deasachadh.

Seòn. Ubh uthabh! Marbh-phaisg air na trusdair.

Seòr. Na h-abair sincreutairean co neò-chiontach neo-lochdachs a chunnacas riamhachs éigin domh aideachadh gu bheil iad co salach, ’nan dòigh ithe agus nas sailche gu mòr, na aona mhuc a chunnaic mi riamh. Suidhidh iad aig am biadh air an làr, gun soitheach gun spàin, ach ag itheadh sailles blonag lobhta nan ròn air an ùrlar, agus ag imlich a suas na fola mar a dheanadh madadh.

Seòn. An e gu bheil thug ràdhainn nach bruich iad ni air bith ach gun itheadh iad amh e?

Seòr. ’S iadsan a ni sincha leigeadh iad greim feòlanam beul a bha air a bhruicheadh, agusna dhéigh sin uile bha iad geur, tuigseach, glic, seòlta, tapaidh. Nuair nach burrainn doibh fiosrachadh air bith thoirt seachad dhùineadh iad an sùilean— ’nuair nach tuigeadh iad sinn chuireadh iad an corragannan cluasan. Bha anabharra spéis aca do cheòlghluaiseadh iad air an aiss air an aghart, aturraman le mòran de choltas toilinntinn.

Lach. An robh thunan tighean a Sheòruis?

Seòr. Matà bhà gu tric, ’s air mfhocal biad sin na tighean seasgair. Bha iad air chumadh cupa no cuachs a beul foidhpe, air an togail le sneachdtaobhain an toabh-stigh do dh-aisnean na muice-mara, agus an sneachd air a charnadh os a cheann air an taobh muighs air a bhualadh gu daingeann ra chéile; toll no dhà aleigeil a mach na deathcha, agus dorus air an imir thu dol a stigh air do smògan; agus anns na frògan so tha an teaghlach uile a chòmhnuidh, fir as mnathan as clann agus an uile fheudail, ’siad sin na coin a thaca a tharruing nan slaod; agus chì thu sean agus òg, fir agus mnathan as pàisdean as coin ag ithe comaidhs ag imlich an ùrlair le chéile.

Seòn. Fhalbh, sguir dheththoir thairis dachuala sinn gu leòir mun dòigh ithe; ach a Sheòruis abheil iad pòsda ra chéile?

Scòr. Sin thuSheònaidam pòsadh— ’se sin tha tighin fanear dhuit-sa; thà iad pòsda, achs ann air aonta no gu ceann ùine shuidhichte, fad thrì no ceithir no sèa bliadhna a réir mar a chordas iad; am boirionnach a thana banntraich agus aig am bheil clann tha meas mòr oirre, agus gheibh i leth-dusan ròn mar thochar on fhear.

Sgalag. Air mfhocals e sin an dòigh phòsaidh as fearr a chuala mi riamh, muinntearras bliadhna no trì bliadhna; phòsainn


[157] am màireach air achùmhnanta sin.

Lach. Uisd! ’s mór achulaidh-bhròin a leithid éisdeachd.

Buachaille beag. Ciamar tha iad amarbhadh nan ròns gun ghunnaichean aca?

Seòr. Tha fhios agad gu bheil sagheamhradh eigh air amhuir air fad. Ni iad tuill tromhn eigh agus suidhidh iad afaire nan ròn fad lathanan sìneadh taobh an fhasgaidh den toll, agus co luathsa chuireas an ròn suas a cheann grad sparraidh iad lann ann. Chunnaic mi fear a mharbh leth dusan diu air aon latha mar so, agus tha ribeachan aca maraon a tha iad acur na h-uile oidhche airson nan sionnach agus bheathaichean eile, agus tha iad anabharrach seòlta agus innleachdachan glacadh bheathaichean don t-seòrsa so agus gu h-àraidh air glacadh éisg.

Sgalag. Ciod an seorséisg a thaca?

Seòr. Am pailteas bradain. Chunnaic mi Caiptein Ros agus a dhaoine atarruing chiad agus trì ciad bradan aig bun aibhne le aon sgrìb lin; agus tha aona bhuaidh an lorg an fhuachd sna cearnabh sin, nacheil feum air salunn. Chan eil aca ach an t-iasg no feòil nan ròn a chur fodha san t-sneachda gu math domhain, agus gleidhidh e bliadhnaichean gun ghrodadh.

Sgalag. Ach an dràinig sibh am Pole, cridhe an taobh tuath?

Seòr. Matà rainig acheart àite, air acheud latha de mhios-meadhoin an t-samhraidh.

Buachaille. An robh am Pole a nis anabharrach ard?

Seòr. Ard, a bhurraidh! ’Bheil thu air bharail gu bheil maide ard mar gum biodh crann soithich, ann? Chan eil: cha robh uiread agus monadh no cnoc ann, ach aon fhàsach fiadhaich creagach.

Sgalag. Ciamar thuig sibh gun robh sibh an déigh cridhe na h-airde-tuath a ruigheachd?

Seòr. Feuchaidh mi ri sin a dheanamh soilleir dhuit, ged is cinnte nach bi e furasda dhomh a sparradh ann ad chlaigionn-sa nach do smuaintich air an leithidean sinn do ghnothuichean riamh. Tha fios agad matā snàthad na combaist, no an tarung-art, gun amhairc i gu glan tuathail, cia air bith àite sam i, cumaidh ise a gob ris an taobh-tuath. Nisnuair a ràinig sinn fìor chridhe an taobh tuath no am pole, charuich i a nùlls a nall gun suim do dh-aird seach aird. Mar chàireadh tu i air aphinne mar sin sheasadh i, ach gun robh a gob a ghnàth ag iarraidh lùbadh a sìos ris an talamh. Dhfheuch sinn an déigh sin seòrsùr snàthaid a bhagainn, agus sheas i sin gu dìreach, gob na h-airde-tuath ris an talamh agus an ceann eile calg-dhìreach os a cheann, mar so adearbhadh dhuinn gun robh an airde-tuath, no an cumhachd dìomhair dorcha tha astiùradh na taruing-art ceart fodhainn sacheart làraich air an robh sinn aseasamh.

Sgalag. A dhuine chridhes neònach sin féin!

Lach. ’S tu dh-fhaodas sin a ràdhainn; ’s beag is leur dhuinn de dhìomhaireachd an t-saoghail mhóir!

Seòr. Thog sinn càrn mór chlach san àite, ’s cha robh sin doirbh ra dheanamh oir bha pailteas chlachan ann. Thìodhlaic sinn botul fon charn anns an


[158] robh sgrìbhte eachdraidh aghnothuich so; agus an déigh aon iolach ard chridheil a thogail, phill sinn thun na luinge.

Lach. Agus cia mar fhuair sibh dhachaidh?

Seòr. Cha bann gun fhios domh. Ghabhadh sin seachduin ga ìnnseadh; ach ciod a thagad airbéiginn duinn an long fhàgail. Chruinnich an eigh co dómhails co teanns nach robh dol as. Cha robh againn air ach an dara cuid fuireach geamhradh eile sna cearnabh oillteil sin, air neo an long fhàgail agus oidhirp a thoirt air na bàtaichean a shlaodadh thairis air an eigh agus amhuir fhosgaìlte ruigheachd mar a bfhèarr aburrainn duinn; agusse so a rinn sinn. Dhealaich sinn ris an luing an déigh na nithe a bfheumala na chéile thoirt leinn. Choisinn sinn amhuir mhór fhosgailte mu dheireadh, an déigh iomad saothair, gleachd agus spairn. Bha sinn air ar claoidh le saothair, fann, lag agus breòite. ’S gann a bha duinenar measg a burrainn ràmh a ghabhailna làimh. Bha sinn air ar meileachadh leis an fhuachd agus an impis toirt thairis agus tuiteam air ùrlar nam bàtaichean.

Mu dheireadh ceud mhìos an fhogharaidh, còrr agus trì mìosan an déigh an long fhàgail, bha sinn uilenar suains na bàtaichean ach aon fhear a bha ri faire. ’S ann mu cheithir uairean samhaduinn a chunnaice, mar shaoil e, long, fad air astar. Ghrad dhùisg en Caiptein, agus air dhàsan sealltainn leis aghloine fhad-sheallaich, chunnaic e gun teagamh gur long a bhann. Dhùisg en sgioba air fadthog sinn na siùila mach na ràimh, agus thug sinn oirnn chum na h-àird anns am facas an long.

Chaill sinn sealladh air an luing so, ach thainig eile san t-sealladh. Chaill sinn sealladh oirre-se mar an ceudna; ach mu dheireadh mhothuich sinn long eiletighin fo làn sheòlnar coinneamhràinig sinn i, agus le mór shòlas agus mór thaingealachd do Dhia, dhìrich sinn cliathach na luinge agus bha sinn aon uair eile am measg luchd dùthcha agus chairdean.

Chan fhacas sgioba riamh air clàr luinge coslach ruinn.’ S gann a bhan craicionn féin oirnn; ach cha robh caoimhneas no caomhalachd a burrrain iad a chleachdadh nach dfhuair sinn. Beagalach an coltas a bhoirnnfiasagan fada bhliadhna dh-aois air gach aon againngun aodach ach seana chraicinnna cnaimhean atighin troimhn chraicionn, oir feòil cha robh ann; agus neul abhàis féin air gach aodann. Thàinig an oidhches fhuair sinn mu dheireadh leapaichean blàtha tioram, agus ma bha aonnar measg nach dthug cliū agus buidheachas do Dhia airson a chaoimhneis-gràidh agus an tèaruinteachd a dheònaicheadh dhuinn, bu duine truagh gun tuigseagus an Tighearna thoirt maitheanais da!

Achs mìorbhuileach cumhachd achleachdaidh. Bha sinn uile cho cleachdte ri leapannan don t-sneachda agus mill eidhe far cinns nach dfhuair sinn tàmh no lochd codail air na leapannan seasgair a fhuair sinn san luing. Air mo shon féin béigin domh mo leaba fhàgail agus luidhe air na clàrabh cruaidhe mun do dhùin mi sùil.


[159]

Lach. Matà mo mhìle mìle beannachd ort a Sheòruis! —ach innis so dhomh mun dealaich sinn; an robh beachd air bith aig na h-Escimòthaich mu shìorruidheachd no mu Chruithear an t-saoghail?

Seòr. Gu truagh cha robh, fhads a burrainn duinne an tuigsinn; ach, eudail eudail, ’s iomadh aons na cearnabh so nacheil co math giùlan riutha! Tha iad caoimhneil ran cloinns ram pàrantan; cha ghoid iad, chan eil mèirle de sheòrsa sam bithnam measg; roinnidh iad an lòn gu cridheil toileach ris achoigreach; tha iad fialaidh blāth-chridheach, làn tlus agus caoimhneis.

Gun tugadh an Tighearnana dhòigh féin agusna àm féin mun cuairt an latha anns an cluinn iad sgeul an àigh, agus an soilleirich gathan an t-soisgeil na cearna fuar agus dorcha sin!

So so! éireamaid.

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text7
<< please select a word
<< please select a page