[182]

LEABHRAICHEAN ÙRA GAILIG.

CLARSACH NAM BEANN, le Eóghan MacCola.

Chuir ùghdar an leabhair so mar fhiachaibh oirnn barail a thoirt air an earrainn Ghàilig da leabhar. ’Se ar dleasnas don luchd-leughaidh so a dheanamh, agusse ar dleasnas cuideachd barail fhìor a thoirt, gun chlaon-bhreith gun leth-bhreith. Tha dara leth an leabhair so ann am Beurla agus an leth eile saGhàilig. ’Ses luach dha 4s. 6d.; do neach nach urrainn an chànain a thuigsinn, uime sin, than leabhar daor.

ThaClàrsach nam Beanncosmhuil ri tìr nam beannlàn chnocabh as ghlacabhsìthein bòidheach an somonadh grànnda an sud; ann an so cluinnear ribheid cheòlmhor na smeòraich aseinn sìos na gréineròcail an ròcais agus rocadaich an fhithich an sud.

Faodaidh fìor chlàrsair fhaicinn a thiota nacheil anns an fhear-chluiche ach foghlumaiche, achs foghlumaiche nam faigheadh e teagasg o mhaighstir math, agus gun gabhadh se e, a bhiodhna onair don cheòlraidh. Tha na teudan math, ach bfheairde cuid diubh an gleusadhs an teannachadh. Bheir sinn dearbhadh air so: faic taobh duilleig 97.

O càitem beil coimeas do mluaidh dom luaidh?
Mar ròs air uchd eala thagruaidh, a gruaidh;
Clàr-aghaidh bu ghile
Nam bainnega shileadh
Noghrians i gu laidhes achuans achuan.”

Chan eil amadan san dùthaich nach deanadh rann cho math ri so! Tha na coimeasan mi-nàdurra. riamh a chunnaic ròs air uchd eala? riamh a chunnaicaghrianan àm dol fodha air dhathbainnega shileadh?” Tha eg radhainn a rithist gu bheil a mìn-ruisgnisgile nan t-aol nan t-aol.” Abramaid gu bheil so fìor, ach riamh a shaoil gum bu mhaise e? no abramaid gur maise e, ach nach uamharra bàsail an coimeasan t-aol?”

An -tòran gaoil air fonnMáiri Bhàn Ogtaobh d. 220, chan fhiach e a leughadh; chan eil mìneads chan eil tomhas ann.

Chan eil neach a chuireas a mach leabhar nach bu chòir dha aon de thrì cuspairean a bhi aige san amharc; ’s iad sin fiosrachadh, toilinntinn, no eòlas a thoirt seachad. OChlàrsach nam Beannchan fhaigh sinn moran fiosrachaidh no eòlais, ach air chinnte gheibh sinn toilinntinn o chuid dhi. Chan eil inntinn air bith a chaidh a thilgeadh ann am molltair cheart nach dean toilinntinn ri smuaintibh arda air an seinn ann am briathrabh snasmhor réidh. ’Se so a rinn bardachd Oisein ainmeil feadh an t-saoghail; agus ma bhios MacCola beò gus am bi e co liath ri Oisein, agus gun tig eiginn mórna charamh, bàsSeònaideile mar gum beadh, s urrainn innseadh ciod gus an tig e?

Cha bhardachd focail a chur an eagaibh a chéile; achs bardachd achainnt sin a ghluaiseas ar n-aignidhean no acas ann an ranndachd no nach h-ann; agus feumaidh sinn aideachadh gu bheil móran de so air a sgapadh air feadh leabhair MhicCola. ThaDàn Loch-dubhaich,” — “Rannan air bàs Banacharaid,” —agusRannan Cumhaidh,” taghta. Mar dhearbhadh air so faicibh ann an dàn Loch-Dubhaich,

Amhuil as naoidheanna chadal
Gu ciùinan uchd dubhach a mhàthar,
Stric tathair, an cuan. fo bhruaillean,
As tusanad shuain ceart làmh ris.”

A choirud san caidil achuairt-ghaoth,
Cha tearc annad ruagadh daimh chròice
S Mactallaga fhàgail fein bodhar
Afreagairt nan gadhar san tòireachd.”

So rann cho snasmhor smuains a sheinn bard Gaelach o làithibh Dhonncha Bhàin! Cha ruig sinn a leas a bhi taghadh o naRannan air bàs Banacharaid


[183]

oir tha iad uile fìor thaitneach, agus thug sinn seachad iad cheana san Teachdaire.

O naRannan Cumhaidhcuiridh sinn dithis an céill.

“ ’Nuairse urlar fliuch na h-uaighe
Thaig mo luaidh mar leaba-phòsaidh
Nuairsem bàs fear-bainnse muain-sa,
nach sileadh cuan de dheòiribh?

Càiteil sibhs’ —a luchd an tuaileis?
Deanaibh uaill, —nach tric gu diomhain,
Bàill leìbh meudail dheanamh fuar rium?
Feuch mar dfhuair sibhnochd ur n-iarrtas!”

Chan eìl àitagainn do thuilleadh. Theireamaid a dhaon fhocal ri MacCola, gabh air taghaidh; buaidh leat! Bi beachdail, ach san àm cheudna bi iriosal so-theagaisgte.

MACTALLA.

title10
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text7
<< please select a word
<< please select a page