EACHDRAIDH MU AINDREA M‘ILLE-DHUINN. Pàpanach Eirionnach, A’ cur an céill iomad conaltradh a bha eadar e féin ’s an sagart.
Chuireadh an leabhar beag so a mach an dara h-uair o chionn ghoirid le buidheann chràbhach ann an Glascho tha gabhail móran saoithreach agus a’ fulang móran costais chum eòlas criosdail a chraobh-sgaoileadh feadh na rìoghachd. ’S ainmic a chunnaic sinn leabhar beag bu taitniche na so. Tha e gu ro mhath air eadar-theangachadh; agus r’a reic ’an Glascho airson sea sgillean. ’Se ar barail gu’n teid cuibhrionn diu a chur do’n Ghàidhealtachd agus gu’n faighear iad aig reiceadairean an Teachdaire.
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |