BLAR CHORUNNA.
AIR A LEANAILT O’N N VI. mh AIREAMH.
ANNS a’ bhruaillean so dh’ orduich Moore do Chaiptein Hardinge e’ghreasad nan Guards air an aghaidh chum cuideachadh leis a’ chuideachd eutruim againne; ach gu mi-fhortanach ’nuair a chunnaìc an t-oifigeach a bh’ air ceann na cuideachd eutruim againne Hardinge agus na Guards a’ dlùthachadh air an cùlaobh, tharruing e sinne air ar n-ais ann am mearachd, a’ saoilsinn gu’n robh na Guards ri lasachadh a thoirt duinn gus am faigheamaid ar n-anail a tharruing. Aig a’ cheart mhionaid so bha ’chuid mhór againn gun fhūdar gun luaidh a loisgeadh aon urchuir; ach leis na loisg sinn roimhe bha mo ghuala co dubh ri fóid mhòine le oibreachadh mo mhusgaid; oir loisg mi anns a’ chuid a chaidh seachad de’n bhatailt ceud peileir ’s a h-ochd, agus fhuair mi nis uibhir eile ach cha do chosg mi iad uile.
Thug Seanalair Moore fa’ near mearachd an oifigich, agus ghlaodh e le guth dòchasach, “A Ghaelaibh ainmeil, dlūthaichibh gu luath r’ar cómpanaich, tha fūdar a’s luaidh gu leòir a’ tighin air an aghaidh d’ ur n-ionnsuidh, agus am fad ’s a tha ur béigneidean agaibh na géillibh!” Bha Caiptein Hardinge agus Sir Iain Moore ann an teis-meadhoin a’ bhatailt aig an ām so, air cùlaobh nan Gàidheal ’s air beulaobh nan Guards, agus chuir iad an comhairle car mionaide r’a chéile—oir cha b’ àm seasaimh e ’nuair bha gunnaiche-móra nam Frangach a’ treabhadh mar sheisrich mu’n cuairt an àite san robh iadsan ’nan seasamh, a’ togail mill as an talamh a bha ’cur tulgadh air ioma ceatharnach foghainteach ’nuair a bhuaileadh iad e! Aig an ām so bhuail peileir gunna-mhóir an Seanalair Moore sa’ ghualainn chlī, a’ toirt leis pàirt mhór de fheòil na gualann agus pàirt de’n chnàimh, agus a’ fāgail na làimhe an crochadh gun lūs ris an fheòil. Thuit e bhàrr
Nuair a dh’ innis Caiptein Hardinge dha gu’n robh na Gàidheil a’ buadhachadh, dheàlraich a ghnùis le gairdeachas, ged is cinnteach gu’n robh e a’ fulang mòran cràidh o na creuchdan a dh’ ainmich sinn cheana. Ged a bha e a réir gach coltais r’a fhàgail ann an dùthaich a nàmhuid air a sgaradh o arm a ghràidh agus o’n t-saoghal, bha inntinn a’ ghaisgich ghasda so agus ’iomaguin mu’n bhlàr agus mu chliù a luchd-dùthcha ag éiridh fad os ceann gach claoidh a bha e air an ām sin a’ fulang. Thainig a charaid an Seanalair Greumach, mòrfhear Lynedoch a nuas g’a chuideachadh, agus iar faicinn a’ choslais fhoghaintich ghaisgeil a bh’ air ’aodann bha e ’n dòchas nach robh an leòn ach faoin, gus am fac’ e mar bha ’ghualann agus a bhroilleach air am fosgladh agus a’ cur na fala uapa mar fhuaran làidir aig éiridh á mòintich, agus bha e furasd’ fhaicinn gu’m bu diomhain tòiseachadh r’a casgadh. Dh’ aontaich e bhi air a ghiùlan ann am plangaid gu cùlaobh an fheachd. Nuair a thogadh e o’n talamh thainig a chlaidheamh ’an luib a làimhe air dhòigh ’s gu’n do shniomh e mu’n cuairt air. Thòisich Caiptein Hardinge r’a fhuasgladh as a’ chrios ris an robh e’n crochadh; ach thubhairt an seanalair le guth ciùin modhail, foighidneach mar a b’ àbhaist da, “Tha e cho math mar a thà e, b’ fhèarr leam e dhol a mach as a’ bhlàr leam.” Ghiùlaineadh e le sèanar de’n reisimeid-duibh agus cuid de réisimeidean-dìon’ an rìgh. Bha coltas an t-seanalair co fhearail mheanmnach agus gu’n d’ thuirt Caiptein Hardinge ris, gu’n robh e smuainteachadh nach biodh an leòn marbhteach, agus gu’m biodh e air a chaomhnadh do’n arm ’s do’n dùthaich; ach thug an seanalair sùil mhuladach air an leòn agus thubhairt e. “Ni h-eadh, a Hardinge, tha mi a’ mothuchainn gu bheil sin eucomasach.” Nuair a bha na saighdearan ’ga ghiùlan air an guaillibh cho-éignich e iad uair agus uair tionndadh leis chùm ’s gu’m faiceadh e aon sealladh d’a luchd-dùthcha a’ cogadh gu gaisgeil mun rachadh e as am fraharc am feasda. Bha toil mhòr aige bhi ’g éisdeachd ri toirm na gunnaireachd, agus ar leam gu’n robh e toilichte ’nuair a dh’ fhàs an toirm ni bu laige ’s ni b’ fhaide air falbh, oir an sin bha e cinnteach gu’n robh an nàmhuid a’ teicheadh.
Bha Coirneal Wynch an déigh a leònadh ’ga ghiùlan ann an carbad, agus dh’ fheòraich e có bh’ anns a’ phlangaid, agus air dha fios fhaighinn gu’m be’n ceannard Sir Iain Moore a bh’ ann chomhairlich e dhoibh a chur anns a’ charbad. Dh’ fheòraich an seanalair de shaighdear Gàidhealach a bha làmh ris
Iar cluinntinn cor an t-seanalair bhrūchd na ceannardan eile air an nàmhuid mar thuil fhogharaidh a’ roladh o mhullach nam beann, gu bhi dìolta fhad ’s a bha sin comasach airson bàs a’ churaidh a thuit gu glòrmhor ’am meadhon buaidhe mar rinn Wolfe, ainm eile nach searg ’am Breatunn a chaoidh nan cian!
Ghreas Coirneal Sydney Beckwith ’nar n-ionnsuidh leis an 95 réisimeid, (Rifles) agus chuir iad so cho fad’ air an ais an nàmhuid ’s gu’n d’thug iad leó cuid d’a ghunnaiche-móra; agus ghabh Seanalair Paget an sàs annta ’gan sgathadh sìos gus an deachaidh e troimh an arm Fhrangach air a tharsuinn, an rùn dlūthachadh a stigh ris na Gàidheil a chum riutha le dealas ana-cuibheasach, agus chunnaic mi uair a’s uair béigneidean nan Gàidheal ’nuair a mhearachdaicheadh iad broilleach Frangaich, a’ togail smùidean do’n ghainmhich air an robh sinn a’ coiseachd.
Thug na Frangaich aon ionnsuidh eile oirnn le bristeadh a stigh air na réisimeidean fo sheanalair Manningham agus seanalair Leith. Bha sinne aig an àm so air mullach a’ chnuic o’n do sgiùrsadh o chionn ghoirid na Frangaich le réisimeid rìoghail nan gunnaiche-móra.
Ghabh buidbeann diu nis le foill a stigh troimh dhoire dlù air baile Bhelanzos, a’ cheart slighe bha againne r’a ghabhail, agus ghrad thoisich iad ri losgadh oirnn gun fhios againne cia as a bha na peileirean a’ tighin a bha ’bagairt ar léir-sgrios. Aig an àm so bha ’m feasgar a’ ciaradh, air chor agus eadar sin agus dùmhlachd na coille nach bu leur dhuinn iad, ged a bha deagh shealladh acasan oirnne ’nar seasamh air a’ chnoc; ach mu dheireadh thuig sinn mar bha ’chùis agus thill Coirneal Nichols air a shàil leis an réisimeid a bha fodha féin agus thainig e air an cùlaobh. Faodaidh neach sam bith barail a thoirt air staid nan cealgairean Frangach so. Eadar tairneanach nam musgaidean agus an stàilinn ghuineideach a bha sinn a’ sàthadh ’nam measg, sgaoil sinn as a chéile iad agus theich iad air gach bealach, agus gu firinneach “am fear nach fanadh r’a bhogha cha ’n fhanadh r’a chlaidheamh.” Bha ’m blàr crìochnaichte agus an t-arm Breatunnach air a chrùnadh le buaidh mu shèa uairean, agus thuit an oidhche gu doirbh dorcha.
Anns a’ bhlàr so bha na Frangaich ann an àireamh 20 mìle ’nuair nach robh ann dhinne ach 14 mìle; agus nì eile thug sàr chothrom dhoibhsan, bha am marc-shluagh againne uile air bord mun do thòisich am baiteal, agus cha robh ùine aca teachd air tìr; agus osbàrr bha aca cuid de na gunnaiche-móra chuir an seanalair chum cuideachadh leis na Spàintich, ach a thug na Frangaich bhuapa air a’ cheud ionnsuidh, a’ sgapadh nan Spàinteach mar bhaidne chaorach; agus leis na gunnaichean so rinn
’Nuair a chuireas sinn staid an dà airm mu choinneamh a chéile, na Frangaich air an sàsuchadh le biadh, fo làn-uidheam le eudach, agus ’an sealbh gach cothrom a b’urrainn eich agus gunnaiche-móra thoirt doibh, agus an àireamh mhór shaighdeirean a bh’ aca thar na bh’ againne; an t-arm Breatunnach air an làimh eile, ann an staid le bochduinn nach creideadh duine sam bith gun fhaicinn, gun airgiod, gun bhiadh, gun aodach, an déigh móran d’am mnathan d’an cloinn agus d’an companaich fhàgail meilichte anns an t-sneachda as an d’thainig iad féin leis an fhìor éiginn: an cridheachan an impis sgàineadh le mulad agus le farran a’ meòraich air a liugha dealachadh muladach a chunnaic iad agus nach b’urrainn iad am feasd a chur as an cuimhne—an naoidhean a’ deoghal broilleach reòta a mhàthar a bhàsaich anns a’ ghaillinn—an companaich ’nan stocan dearga ’nan sìneadh san t-sneachda air fannachadh ’s air meileachadh, agus iomad sealladh cianail eile; tha mi ’g ràdhainn ma bheachdaicheas sinn air a’ mhùthadh a bha eadar staid an dā airm, gur mìorbhuileach an gnothuch na Breatunnaich a thoirt buaidh! Chaill iad gach ni bha aca, agus feudar a ràdh gu’n robh iad a dh’ easbhuidh gach ni a bhuineadh do shaighdear, ach an inntinn ardanach ghaisgeil nach strìochdadh gus an deò dheireannach. Co luath s’a chunnaic iad an nàmhuid m’an coinneamh dh’éirich an spiorad Breatunnach co uaibhreach ’s a bha i riamh, agus chuir mire-chatha gu ruaig gach smuain chianail agus gach dóruinn!
Chaill sinne anns an ruaig mhi-fhortanaich so mu thuaiream sèa mìle fear agus mu’n àireamh cheudna de na h-eich; ach cha robh ar call sa’ bhlàr ach faoin, mu thuaiream ochd ceud, ach chaill na Frangaich os ceann dā mhìle! Smuainticheadh duine sam bith air so, a leithid do bhuaidh leis an arm Bhreatunnach anns an staid san robh iad! Ciod nach deanadh na daoine so ann an tìr an dùchais ’nan seasamh air fearann an sìnnseara leis a’ chothrom-pailteis bu chòir a bhi aig fir-chogaidh?
Cha do chaochail an seanalair gus an robh am blār seachad. ’Si cheud cheist a chuir e, “An do ghabh na Frangaich an ruaig?” Dh’ fheòraich e so de gach aon a chaidh a stigh g’a sheòmar, a’ leigeil ris cho toilichte ’s a bha e a chluinntinn gu’n robh iad iar teicheadh. “Tha mi ’n dòchas gu’m bi muinntir Shasunn toilichte. Tha mi’n dòchas gu’n toir muinntir mo dhùthcha ceartas domh.” Thionndaidh e’n sin ri Coirneal Anderson a charaid agus a chompanach osceann bliadhna thar fhichead, agus thuirt e ris “Anderson, tha fios agadsa gu’m b’e mo mhiann-sa bàs fhaighinn air an dòigh so. Chì thu mo chairdean cho luath ’s is urrainn duit—innis doibh gach nì—abair ri m’ mhàthair” —aig ammeachadh a mhàthar dh’fhàilnich
Chualas gu tric e ag ràdh gu’m bu toil leis a bhi air adhlacadh anns an àite ’san éireadh dha tuiteam. Mar so bha caisteal Chorunna air a shònruchadh, agus chuir a chuid oifigeach gun dàil mu thimchioll an dleasnais mhuladaich so. Chaidh uaigh a chladhach dha leis na béigneidean air mullach balla dīona a’ chaisteil. Cha robh ùine aca air ciste-mhairbh a dheanamh; ach dh’ fhill oifigich an naoi réisimeid agus an fhreiceadain duibh e ’na phlangaid le ’chleōca-cogaidh air ’uachdar, agus air an dōigh so dh’ adhlaic sinn e le solus no gealaiche agus ar lòchrain gu fann a’ lasadh. Cha do labhradh focal—sheall sinn an aodann a chéile agus airsan a bha ’na shìneadh mar fhear-cogaidh a’ leigeil a sgìos ’na chleòca. Chaidh an t-searmoin a dheanamh le ministeir an airm—cha chualas fuaim gunna no druma mar is gnàth aig adhlacadh saighdeir; ach gu tosdach tūrsach dh’fhàg sinn e sìnte ’na chadal deireannach.
’Si uaigh an t-seanalair Sir Iain Moore an t-aon ni is mò bheir a dhùthaich dhachaidh gu cridhe saighdeir, a tha r’a fhaicinn aig Corunna. Tha i air mullach an tùir agus ’se meall de thalamh tha anns an tùr shean-aimsireil so. Tha gunna-mór pràis aig gach oisinn di leis an fhocal MARSEILLES gràbhailte orra.
Bha Moore air a mheas le ard uaislean Lunnuinn agus le luchd comhairleachaidh an righ cha ’n e amhàin mar dhuin’ -uasal air gach seòl, ach bha earbsa gun tomhas aca ’na sheòltachd agus ’na thapachd mar shaighdeir, agus leis gu’n d’ thug an t-arm an dā chuid gràdh agus urram dha, mheudaich so gu mór a chliù. Saighdear a bheireadh bārr air Sir Iain Moore cha do choinnich riamh peileir air achadh batailt; air a’ chuid is lugha b’e sin barail an airm, agus bha e gu mór air a ghràdhachadh le muinntir Bhreatunn air fad. Rugadh e ann an Glascho anns a’ bhliadhna 1760; agus chuir muinntir a’ bhaile so suas mar chnimhneachan air, a dhealbh snaidhte, ann an éideadh-cogaidh, anns a’ chearn de’n bhaile ris an abrar sa’ Bheurla George’ Square.
B’e seann diùc Earraghael a fhuair a stigh do’n arm e fo’n treas righ Deòrsa. Sheirbhisich e ann an Innsean na h-aird-an-iar; ann an taobh tuath agus deas America; san Olaind; san Eiphit; ann an Corsica; ann an Eirinn; san Fhraing; agus cha ruig mi leas a ràdh ann am Portugal agus an Spàind. Slàn leibh. Is mi ur seirbhiseach ûmhail.
SAIGHDEAR GAELACH FO’N ITEIG DHEIRG.
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |