[164]

TIGH-EIRIDINN RÌOGHAIL GHLASCHO.

THEAGAMH nach rud mi-thlachdmhor le luchd-leughaidh an Teachdaire duilleag dheth a lìonadh le eachdraidh (gearr mar is éigin di a bhith) an tighe so; ’s iomadh Gàidheal a fhuair furtachd ann, agus is toilinntinn leam a ràdh, gu bheil iad cuimhneachail air.

Air an naoidh-la-deug den mhios Mhàigh sabhliadhna 1792, stéidhicheadh au tigh so agus dhfhosgladh e airson euslan air an ochdamh la do dhara mios agheamhraidh 1794: aig an àm so be àireamh nan leapaichean ochd fichead, agus bu leòir iad, ach, mar a tha fios agaibh, dhfhàs sluagh Ghlascho co lìonmhors gum béigin a mheudachadh gu mór.

Thogadh an earrann a thag amharc gu tuath sabhliadhna 1815; annsan tha ceithir fichead, agus diubh so bha fhichead air an cur fa leth airson luchd fiabhruis. Ann an ceann bheagan bhliadhnachanna dhéigh so thromaich am fiabhrus co grad agus gum facar feumail le luchd riaghlaidh an tighe, tigh-eiridinn fiabhruis a chur air dòigh, a tha nis crìochnaichte.

Chaidh an ceud earrann deth-san a thogail sabhliadhna 1826, an dara ann an 1832, an treas ann an 1834, agus air abhliadhna so cheangladh an dithis thighean ra chéile: ann an cruaidh-chas gabhar a stigh don dithis cùig ceud euslan agus le socair ceithir cheud gu leth.

Tha gach tinneas gabhaltachgan cur don tigh ùr agus gach seòrsa eile don t-seann tigh: thogadh tighean air abhliadhna so anns a bheil a rùn air lighiche, comhairle, agus cungaidh-leighis a thabhairt a nasgaidh do bhochdan an chuid abhaile agus na dùthcha mun cuairt. Anns gach aon do sheòmraichean móra nan euslan (wards) tha ochd leapaichean deug, agus aig acheann a stigh tha tri seòmraichean beaga airson euslain àraid: anns gach aon diubh so tha àite-gealbhain, solus guail (gas) asoillseachadh, aite-ionnlaid, agus gach goireas eile; tha na leapaichean a dh-iarunn le ùrlair fhiodha no chainbhais, an t-aodach-leapach glan agus taitneach, air a chur a dh-ionnsuidh an tigh-nigheadaireachd nuair a than t-euslangam fàgail air chor agus gu bheil gach oidhirpga thabhairt air glainead agus furtachd.

Tha cùig ard-lighichean ateachd chum an tighe gach latha a dhfhaicinn nan euslan agus maille riùsan sgaoth fhòghlumaichean òga; tha a rithist seachd lighichean òga acòmhnuchadh san tigh, ullamh chum freasdal aig gach àm.

Tha leth-cheud banaltrum ann; eadar luchd agus luchd oidhche; tha abhanaltrum afreasdal bho sheachd uairean samhaduinn gu deich san fheasgar agus na h-oidhche bhon àm so gu seachd samhaduinn: a bharr orra so tha mòran sheirbhiseach eile ann; agus ag amharc thairis air an arm bhoirionn so air fad, tha mathair-teaghlaich, saBheurla Matron.

Chan eil caomhnadh air seòrsa béidh na dibhe a bhitheas feumail do na h-euslain, mar a tha fìon, uisge-beatha, branndai, portair.


[165]

A cheithir bliadhna na taice so chosg an deoch osceann cùig ceud punnd Sasunnach.

Tha ministeir asearmonachadh an t-soisgeil uairs gach seachduin agussi barail mhóran gum bu choir e bhi chomhnuidh san tigh chum comhairle spioradail a thabhairt aig gach uair feuma; tha so ri tachairt gu h-aithghearr.

Chan eil ministeir aidmheil air bhith co mi-sgàthach ris an t-sagart Phàpanach; roimh fhiabhrus, breac, no tinneas eile chan eil egabhail fiamh.

Tha na maighstirean-guail ro chuimhneach, oir chuir iad a stigh air abhliadhna so còrr agus trì cheud cairt: tha mìle cairtgan losgadh na bliadhna.

Tha an t-uisgetighin a nasgaidh; theagamh ga bheil cuid do luchd-leughaidh an Teachdaire aineolach gun imrear dìoladh ann an Ghlascho airson an uisge.

Ged tha gach goireas, iomchuidheachd, aire agus sgilgan tabhairt mar so, gidheadh gheibhear iad a chàineas e, ach chan eil an t-àireamh so mór: ’s aobhar-ghearain cuid, nacheil an dìlsean aca, cuid gu bheil droch bhanaltrum aca; feudaidh so tachairt a meag móran, ach is ainmig e; cuid eile leis an drugadh mi-thoileachas-inntinn agus a leanas riutha ged chuireadh iad do lùchairt rìgh; agus tha cuid eile is fàth an gearain an t-ocras. Tha cuimhnagam gu math air éisdeachd gearan diubh so bho chionn iomadh bliadhna. “Cha robh miarsesanach beagan láithean a stigh nuair a fhuair mi achuid a bfhèarr don fhiabhrus, agus thainig toil do bhiadh dhomh ionnus gun robh mo mhionach air a tholladh leis an acras; bha mifaighiun cuach bhrochain as bhainne moch agus anmoch, a thuillidh air dìnneir, ach bu bheag air ùrlar mo stamaig iad; bheirinn da-bhliadhnach muilt air chùmhnant achuach a bhi mheud eile.” Is beag a shaoil e gun deanadh a bheag no mhór a gheòcaireachd aig an àm so an t-acras a chur deth agus lan a dhroma don fhiabhrus a churna àite; so mar a gheibhar iad.

Bhon a dhfhosgladh an tigh ann an 1794, ghabhadh a stigh 63,577 euslan, dhfhàg dhiubh so, gun bhi air an leigheas, 12,030, shlànuicheadh 45,899 agus bhàsaich 5,374.

Bha air acheud la don bhliadhna 1835, 260 a stigh, air an mu dheireadh 274 agus bha 3534 fo chungaidh-leighis na bliadhna; dhiubh so chaidh 2435 a shlànuchadh, 263 a chur am feabhas, 15 do-leigheas, bhàsaich 359 agus dhfhàg achuid eile len toil féin.

Den àireamh so bha 1359 gu tinn le fiabhrus, 716 bhoirionn agus 643 fhirionn: mar so tha sinn afaicinn gu bheil na boirionnaich nis buailtiche don fhiabhrus san áite so na na fir.

Chaidh ceud-gu-leth a ghearradh, airson sgiorraidhnean, do chuid làmh, do chuid cas agus do chuid buill eile. Tha mòran atighin a stigh air an losgadh; ’s bitheanta leò bhi air an lotadh mar an ceudna le nathair Mhic-talla; thugadh tri boirionnaich ann an aon a stigh; an déigh dhoibh amhisg a ghabhail, smuaintich iad gum fiachadh iad aphìb-thombaca agus ann an àm a lasaidh, ghabh an aodach teine,


[166]s mar so loisgeadh iad: cha do sheas a h-aon diubh.

Ghabhadh a stigh 72 leis abhric nàdurra; dhiubh so bhàsaich I8, agus is duilich leam a ràdh gum bu Ghaidheil as na h-eileanaibh achuid mhór dhiubh; is reusan da so, gu bheil pàrantansna cèarnaibh so adeanadh dearmad air breac achruidh a chur air an cuid cloinne; is mór an fhreagairt a tha aca ri thabhairt. Tha cuid eile ri dimeas air an t-sochair so, “ ’s minicarsiadsana chunnaic sinn iad air an deachaidh breac achruidh a chur agabhail na bric nàdurra agus afalbh leatha, an gairdeanan ag at agus alionnachadh gus an do chailleadh iad agus an coluinnean abristeadh a mach bho mhullach gu bonn; faodaidh so tachairt le mi-ghnàthachadh agus neo-aire, ciod nach feud tachairt ri leithid sin? chan fhaca mise riabh aon urra san dòigh ud, ni a h-aon a ghabh breac achruidh afalbh leis abhric-nàdurra; tha iad ann a thaga gabhail gun teagamh, agus mar an ceudna a tha gabhail na bric-nàdurra uair, oir bha h-aon diubh so a stigh am bliadhna: ach tha iad ainmig le chéile. Le faicill chan eil cunnartna cur, ionnas gum feud gach bean choìr san dùthaich so a dheanamh. Theagamh gu bheil dream ann nach eilga cur bho neo-iomchuidheachd; acasan tha leisgeul, gedsi mo bharail féin gun rachadh aig ministeir na sgìreachd (far nacheil lighiche) air a faotainn as aGhalldachd aig gach àm do na cèarnaibh as iomallaiche. Tha dòchas agam gun gabh gach aon a tha ciontach dhe so comhairle agus nach bi uiread adh-aodannan bòidheach nan caileagan Gàidhealach air am breacadh leis aghalar ghràineil so. Tha cosdas an tighe na bliadhna mu thiomchioll cùig gu leth mìle agus an tighin-a- stigh mu thimchioll : tha an calpa mu cheithir mìle deug punnd Sasunnach.

Tha cead aig gach aon a phàigheas sgillin ar fhichead Shasunnach, euslan a chur a stigh, agus tha cuid apàigheadh cuid tuillidh, am fòghlumaiche seachd puinnds a deich, agus tha daoine iochdmhor afàgail dhìleaban gach bliadhna, cuid diubh so a ruigeas suas air mìle punnd Sasunnach: ’se tabhartas as a fhuaradh air abhliadhna chaidh seachad, ceud punnd Sasunnach bho Fhear Dhiùra.

Saoilidh sibh gun teagamh air bith, gur h-ionann gach cungaidh-leighis, a tha air an gnàthachadh anns au tigh so don Ghall agus don Ghàidheal, agus mar is bitheanta tha so fior, ach an gabhar iongantas nuair a their mi gu bheil aon luibh againn a thatabhairt mòran fuasglaidh agus comhfhurtachd do na Gàidheil agus gidheadh anns nacheil feum air bith don Ghall; is e bu chòir dhomh ràdh gur ann a ni i móran coire dha; (oir tha eud mòr air nuair a tha e cluinntinn na Gàiligga labhairt ris na h-euslain) is i an luibh so aGhàilig. ’S mòr an toilinntinn agus an sòlas a bheir focal tlusmhor no dhà don Ghàidheal euslan ann an àite aineoil; ’s minic a chunnaic mi leis a so, an inntinn lag agus ìosal atogail gu grad agus an urra afaighinn faochaidh, seadh, nach robh e comasach dha fhaotainn bho chungaidh-leighis sam bith. Tha bàigh mhòr aig aGhàidheal da dhùthaich, a luchd-dùthcha agus


[167] do chainnt a dhùthcha. Bho chionn latha dhomh bhi am measg nan euslan, chaidh mistigh do sheòmar anns an robh triùir Ghàidheal ris an robh micleachdadh Gàilig a labhairt; bha fear diubh air bheag Beurla, ach air dol mòran ann am feabhas air chor agus nach drinn mi ach sgeul a ghabhail de. Nuair a chunnaic e mifalbh mach, “chan eil thu,” arsesan, “ ’g am fheuchainn an diugh idir, agus gur dŏcha leam far an saltair thu na na bheil eadar talamh agus athar do na dochtairean Gallda.”

Se gàradair na luibh so an Teachdaire, agus is còir do gach Gàidheal a cur anns gach gàradh, a chùm agus gun sgaoil i: ’s mór am feum a than Teachdairedeanamh am measg nan euslan; tha gach seòrsa leughaidh ann, air chor agus gu bheil enan comas roghainn a ghabhail; tha beagan diubh nach urradh a leughadh ged tha iad eòlach air Beurla a leughadh, agus is mór an nàire dhoibh; tha dòchas againn, nuair a gheibh iad leabhar Mhictalla gum brosnaichear iad gu leughadh Gàilig.

ROB RUADH.

title3
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text7
<< please select a word
<< please select a page