[170]

DUILLEAG NAM BALACHAN.

A chinn na Soillse,

On chuir thu h-ugam an fios mu dheireadh, ghabh mi do chomhairle, agus ràinig mi Càradal. —Rinn am fear-teagaisg mo bheatha, theid min urras, agus mar a thubhairt thusa, a dhiùlannaich chòir, is ann a thachair. A dhaindeoin cogarsaich Iain nam fiacla daimh, a thug ionnsuidh air mo ghrabadh, is feairrde mi gu bràch am mìos a chaith mi am bruth an labhruis; agus a bhàrr air na ni na dhionnsaich mi dhomh feins do mchloinn, thu dòchas agam gun dean e ro mhòran don òigridh Ghàidhealta gu choidheanta, agus mar an ceudna don t-seana mhuinntir, do nach deachaidh riabh, mar a chaidh dhòmhsa, eigse an àireamh a theagasgnän cainnt dhùchasaich féin. An uair a sgriobh mi h-ugad acheud litir, bha min dùil gun rachadh agam air gach , a chur sios gu réith mun ealaidh tharbhaich so, ann am bhriarachas féin; ach, cha bfhada bha mi fo cheannsal an fhir-iùil gus an dfhuair mi làn-dearbhadh gun robh mi fadam mearachd. An àite tòiseachadh aig aon, , trì, smss,[’s mar sin sios. ] mar bha rùn orm, ’s mar a chaidh a theagasg dhomh ann an Sgoil Iain-Mhic-Cumra saCheireamh Dhoilleir, ’s ann a thug esan orm gun dàil stéigh na cùisa ruigsinn, agus togail gu fòil air a sin, uigh air n-uigh, gus an do dhiongmhaltaich e mi air na bunasan; no, mar a theireadh mo sheanair, gus an dthug e orm bun aghnothaich a thuigsinn. Ach, chums gur fearr a thuigeas tu féin, a charaid chòir, agus na Balachain (mas balaich iad aig am bheil balachain, no mas proidsich) mar a chaidh mo theagasg, bheir mi a nis oirp air acheud seòladh a chur sios gu pongail dìreach mar a chaidhfhoghlum dhomh féin.

Mu thuaiream 9 ceud bliadhna roimhe so, thug am pobull ris an canteadh na Mùraich leo á h-Arabia don Eòrpa na deich ailean so; 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8, 9, 0. Tha acheud aseasamh


[171] air son aon; an dara air son tri, agus mar sin sios gus an ruig thu naoi. A nise, ma bhios àireamh sam bith de nithean ri chur sìos eadar a h-aons anaoi, chaneil agad ach acheud litir de dh-ainm an sin a chur sios, agus an ail a fhreagras don aireamh a chur fòipe no déigh, mar so. Tri puinnd; P. 3 no P. 3 sea tastain t. 6. no t. 6. —naoi bolla, B. 9. —coig dusain d 5. Tha so cho soilleir fhurasda, ’sgun do thuig Ceit bheag agus Taracul òg, mo chlann féin e, acheud uair a chaidh fheuchainn doibh. Gu dearbh thuig Taracul beag e cho math, ’s gun dthug mo ghràdh an aire gun robh deireass an rian ăilean so; oir, arsesan, “A dhaidi, ged a ghabhas naoi, ochd, seachd, agus o sin gu aon cur sios, ciamar a chuirinn sios deich, no àireamh nas ?” — ‘Ma ta, ’rùin,’ arsa mise, ‘chaidh tusa ri ddhualchas; cha bu dream gun smuaineachadh, gun oighim, gun tuaiream on do liansgair thusa, a leinibh spreigeil; be do Sheanair aon chuanaiche bfhearr a ghlac riabh ailm laimh thoirteil, no a dhiùl saidh luinge air rugha fuaraidh gä chur fodha, agus neo-ar-thaing mur h-eil a bhlàth gu bheil cuid dä àbhaist iar tàrmach ad cheann-sa, annsain rùnaich! Mo phàiste gaolach, chunna tu gu bheil ail an déigh naoi, sùileag bheag air nach dthug mi iomradh idirseall tu so i, (o)” — “Shaoil mi, “ars esangur h-o a bha sin.” “ ’Se sin cumadh a thoirre, a ghràidh; ach, mar ail cunntais, ’se their iad rithe neoni, neo séro.” — “O, tha mim beachd gur h-i sin an ail a tha seasamh air son deich!” “Chan i idir; leatha féin cha n-eil iseasamh air son àireamh sam bith, agus is ann air son sin a theirear neoni rithe; —ach ma chuireas tu a h-aon de na h-ăilean eile air thoiseach oirre, tha i ameudachadh än luach deich uairean; air chor agus gun dean 10, aon deich; 20 dheich; 30, tri deichean; 40, ceithir deichean, amss. Agus, air an amhuil cheudna, ni 11, deichs a h-aon, neo h-aon deug; 12, a dhà dheug; 13, a tri deug; agus mar sin gus an ruig thu 19, (naoi-deug,) far an toir thu fanear gu bheil an t-aon ainm air ail na laimhe deise a bha oirre roimhe, ach gach 1 a tha air an laimh chlì, gu bheil ainm ùr oirre, deug, ( ’se sin deich). So ma ta mar chuireas tu sios àireamh sam bith eadar deich agus fichead: 10, 11, 12, 13, 14, 15, 16, 17, 18, 19, 20. —An uair a bhios ail cuideachd, theirear gu bheil na laimhe deise sacheud àite, agus na laimhe cearras an dara h-àite: agus anns an dara h-ionad is fiach ail sam bith a dheich urads a bfhiach is acheud àite. Air an aobhar sin, an uair a ruigeas sinn 9, is éudar tòiseachadh le 1 as-ùr agus a cursan dara h-àite: —chum na crìche so is eudar ni-eigin gun luach a chur air a deis; ’s ann air son so a ta neoni, agus chi thu nise mar than ail i-féin gun luach, ged is culaidh-chòmhnaidh i gus luach a thoirt do chàch.” — “Ma ta, nach gasd an seòl a fhuair iad air aghnothach a dheanamh! Tha mifaicinn a nise gu bheil sinn daonnan ri gabhail romhainn air rian dìreach o aon go 9, agus an
[172] sin acur séro ris an laimh dheis mar is àirderuigeas an àireamh a bhios againn ri thaisbeanadh: so 20, (fichead): 21, (a h-aon thar fhichead): 22, (a dha thar, &c): 23, (a tri, &c.); 24, (a ceithir, &c.): 25, 26, 27, 28, 29; —agus a thaobhs gun dràinig mi 9, ’s éudar 3 a chur an aite 2, agus séro far an robh 9mar so 30, —agus tha agam a nise tri deichean, neo 10 thair 20.” — “Dìreach, a cheist, air ä shùilis oighr air do sheanair thu gu fìrinneach.” — “So a nise da fhichead, 40. —agus 50, 60, 70, 80, 90. Ràinig sinn anise 9san dara h-àite agus ciod a ni sinn?” —Dìreach mar rinn sinn roimhenuair bha i againns acheud àite, —1 a chur sios agus neoni air a deis, mar so, 100; agus ni sin 10 deichean neo ciad.” — “Sin thu, a laochain bhig! Mar is beò mi ma thu cho math sin aig amhaistir-sgoile, nach ion domhsabhigearan mo sporan a bhi aotrom. Cuir sios ciads a h-aon.” “So, 101.” — “Ciads a fichead.” — “So, 120.” — “ chiad is tri fichead.” — “So, 260.” — “Ochd ciad is 5 fichead.” — “Ochd ciad is cóig fichead! A hah! cha do ghlac sibh fathast mi, athair; ochd ceud is 5 ficheadsin 9 ciad, agus faic sibh, sin e, 900.” — “Math is dìreadh ort, a rùin nam fear! agus cliu bith-bhuan don a chuir ormsas air do mhàthair culaidh-ghàirdeachais mar thà thu, an oidhcha thaine tu air an t-saoghal! Fair do leachd agus cuiridh mia nise sios dhut.

CLAR AN AIREIMH.

9, mìle muill.
8 ciad muill.
7 deich muill.
6, muillion.
5 ciad mil.
4 deich mìl.
3, mìltean.
2 ciadan.
1 deichean.
0 aonan.

Tha agadan so 1 deich, 2 chiad, 3 mìle, da fhichead mìle, 5 ciad mìle6 muillionan, trì fichead mullions adeich, 8 ciad muillion, agus 9 mìle muillion. Tòisich a nis aig an laimh chlì agus abair air ais an t-iomlan: 9 mìle, 8 ciad, 3 fichead muillionsasea déug; 5 ciad tri is da fhichead mìle; 2 chiad, agus deich. Faodaidh tu nise na h-ailean atharrachadh air seòl sam bith is miann leat, agus teagaisgidh an clàr dhut än ainmeachadh. So agad cuid air am faod thu bhig obair gus am bi thu coilionta agus leig fhaicinn do Cheit bhig na dhionnsaich thu, feuch an toir thu oirre thuigsinn cho math riut féin. 27. —72. 30110331042882424828419644961, 6914, 9641, 4169, 6419, 9416, 4691: 100001 : 502030 : 1111111 : 9696901 : 1023000 : 57601002.”

Tha dòchas agam nach dean thu moille air so a bhi aig na buachaillean; oir faodaidh leacag agus sgilibhein a bhi aig gach aonan diu an t-samhraidh air abhlàr a-muigh agus a bhi fòghlum mòran a bhuannaicheas duais dhoibhnuair theid iad don sgoil ri linn an dùdlachd. Is mise, le mòr-spéis, a Theachdaire Shoilleir, do charaid dìleas.

TARACUL UDLAIDH.

Gleann-na-brùide, Mios Màigh, 1836.

title5
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text7
<< please select a word
<< please select a page