[173] TRIOBLAIDEAN NA H-ÒIGE.
A Theachdair urramaich,
Le fìor dhùrachd mo chridhe, guidheam soirbheachadh dhuit ’s gach cearna. —A cheart cho cinnteach, ’s is duine beò mi, a’ cheud iomradh a chuala mi air do ghnùis a bhi teachd gu solus na gréine oirnn as ùr thug e toileachadh dhòmhsa nach comasach dhuibhse a thuigsinn ni mò dh’inndrigeas e cridhe neach sam bith. Ma dhaoite gu’n smuainich sibhse gur ann air son brosguil agus soduil a tha mi, ach cha ’n ann, cha ’n eil mi gabhail orm féin nithe móra spleaghnasach a chur d’ur n-ionnsuidh, ach am beagan a leanas tha e cho fior ri ni sam bith. Air an aobhar sin gheibh sibh e mar a chuala mo chluas, mar a chunnaic mo shùil agus mar a laimhsich mo làmh; agus cha’n ’eil a mhiann orm ni sam bith a chleith ach m’ ainm agus ’se nàire m’ allabain a thug orm sin féin a chleith. Tha mi ’gam chunntas féin fortanach a leithid do chothrom fhaighinn air mo sgeul bochd a chur a dh’ionnsuidh mo chairdean agus mo luchd-eòlais ann an làithibh m’òige a dh’ fhàg mi am dhéigh gu sàmhach anns na gleanntaibh; ach air a shon so uile mur fiach e’n t-saothair na truaillibh beul an Teachdaire leis.
Rugadh mi anns a’ Ghaeltachd air oidhche na collainn a shè-bliadhna-deug na taice so—Bu mhi ceud-ghin m’athar; air an aobhar sin chruinnich e na coimhearsnaich uile mu’n cuairt da gu cuirm mar is gnàth leo fhathast a dheanamh ’n cuid do dh-àiteachan. Gidheadh cha robh sa’ mheud-mhór so aig mo bhreith ach boillsgeadh o’n ghréin troimh ’n iarmailt ’s i gu dui-neulach a’ bagradh stoirm; no mar is minic a chunnaic thu, a gathan a’ dèarsadh air lochan-feuraich air latha frasach ann an ceud-mhios a’ gheamhraidh, ’sna neòil gu léir, a’ tàrmachadh doininn; oir dh’fhàgadh aig bristeadh na maidne am dhìlleachdan mi. —Chaidh an déigh sin mo chur a dh’ionnsuidh na Galldachd gu brathair-athar dhomh a bha fuireach ann am Paisleig agus cha b’fhada bha mi le-san ’nuair a chuir e gu seirbhis mi gu bhi m’ ghille-frithealaidh aig figheadair. Cha mhór bhalachan a bha co làidir rium aig m’aois agus cha ’nann air son ’s mi féin g’a ràdh bha mi anabarrach tapaidh agus geur; air an aobhar sin fhuair mi ’n dòigh air mo cheird cho seòlta ’s gu’n d’thug mi stigh ceithir tastain san t-seachduin. Ach b’ainmig a bha mi dà mhìos le aon mhaighstir; dh’fhàs a’ chuid mhór dhiubh gràineach orm, le dìth aodaich; ’s gann a bha do chùram air a bhuileachadh air na broineagan a bha orm ’s gu’n còmhdaicheadh iad air éiginn mo nochd ’s mo nàire. Bha brathair-m’ athar leasg, agus air son a mhnatha cha tugadh i ’cosan á oir an teine fad an latha. Air an aobhar sin chaidh mo thuarasdal-sa a dh’ionnsuidh na sgillinn ma dheireadh a chumail an deò san teaghlach. Gun bhoineid air mo cheann, gun bhròg gun osan, gun orm ach an t-ainm do dh’aodach, sheas mi mach tuiltean frasach an fhogharaidh, thug mi dùlan do shneachda ’s do reothadh agus do stoirmean gruamach a’ gheamhraidh.
[174] Fhuair mi fìor dhroch laimhseachadh bho bhrathair-
m’
athar ’
s bho ’
mhnaoi;
bha mi gu bitheanta a’
fannachadh le dìth bìdh;
bha mi air mo chnapadh gu math tric sa’
cheann leis an dorn,
gu h-
àraid nan éireadh dhomh focal a thoirt an aghaidh clann bhrathar-
m’
athar,
b’
e ’
n t-
aona chuid e co dhiù bhithinn san eucoir no nach bitheadh: —
bha mi air m’
fhuathachadh aig an tigh,
air mo sheachnadh le’
m cho-
aoisean aig nach robh tlachd sam bith dhiom leis cho rùisgte ’
sa bha mi.
Dh’
fhàs mo mhisneach anabarrach lag do bhrìgh nach deanadh iad mo bheatha leo ann an cleasachd sam bith a dh’
fheudadh tilgeadh a suas,
dh’
fhas mi neo-
umhailleach umpa gu buileach.
Gun an soilise bu chaoile do sholus foghluim,
tréigte,
ann an staid aineolais,
gun athair gun mhàthair,
gun iochd,
gun chairdeas,
am allaban bochd a null agus a nall air feadh an t-
saoghail,
am dhìlleachdan gun dìon,
agus bliadhnachan m’
òige a’
siubhal air falbh gun toil-
inntinn;
b’
e so bu chor dhomh aig aois naoi-
bliadhna,
nuair a thachair dhomh a bhi fo mhaighstireachd W.
H.
agus ’
sann le fior thruas dhiom a bha e ’
gam chumail idir.
Nuair a dh’
amhairceadh e air mo dhéisneachd ’
sgann a b’
urrainn e labhairt rium le caoimhneas;
ach mar bu mhò a chunnaic e dhiom,
agus mar a b’
eòlaiche dh’
fhàs e mu’
n staid bhochd san robh mo chrannchur air a thilgeadh bha ’
n tuille duilichinn aige dhiom agus chrion a ghairgealachd leis na labhair e rium an toiseach,
air falbh ann an caoimhneas blà-
chridheach a nàduir.
Bha mi sè seachduinean lesan, ’
nuair thachair dha dol do Ghlascho gu coinneamh àraid a bh’
aig na Figheadairean mu iarratais a bha iad a’
cur fa chomhair na parlamaid.
An àite e bhi ’
na latha cluiche dhòmhsa,
bha mi air mo chur air theachdaireachd le m’
bhana-
mhaistir o’
n d’
fhuair mi mar dhuais deagh dhìnneir,
agus sgillinn,
a chomhairlich i dhomh a chosd air seòl sam bith a mhiannuichinn.
Chaidh mi stigh do bhùth agus cheannaich mi fiach na sgillinn do bhiadh-
milis a ghiùlain mi dhachaidh le ard ghairdeachas gu roinn a thoirt do chlann bhrathar-
m’ -
athar,
chionn b’
i cheud sgillinn a mhaistirich mi riamh i. ’
Fhir mo chridhe ma chaidh,
cheasnaich bean bhrathar-
m’
athar mi;
dh’
innis mi dhi an fhìrinn,
agus ma dh’
innis dh’
fhàs a sùilean ’
nan lasair dheirg;
chàin i mi gu fuathasach, ’
s mì gu mór bu mhiosa na ’
m Mac-
Stroghail,
air an aobhar sin bhagair i orm gu searbh!
Rinn mise gu h’
amaideach a freagairt gu math goirid le seòrsa dùlain a thoirt dith;
ach mun abradh tu h-
aon bha brathair-
m’
athar air a bhonn agus gun aon fhocal a ràdh bhuail e mi ’
n taobh a’
chinn,
ghabh e’
n sin a chosan do m’
chorp air dhòigh ’
s gu’
n robh mise gu math brùite fo mhullach gu bonn;
thilg e’
n sin a mach as an tigh mi.
Bha m’
fhulangas cho goirt, ’
s nach mór nach do sgàin mi mo chridhe a’
caoineadh.
Le guth searbh,
ghlaodh mi nach pillinn am fad ’
s bu bheò mi,
gu’
n roghnaichinn bàsachadh an toiseach.
A’
cur romham cumail ri m’
fhocal,
thug mi togail orm féin o’
n talamh,
thiormaich mi na
[175] deòir o m’
shùilean agus gu misneachail chuir mi m’
aghaidh ri Glascho,
far an robh piuthar màthar dhomh,
ach ciod a’
chearn de’
n bhaile-
mhór sin san robh i cha b’
fhios domh,
ni’
mo thainig e fa’
near dhomh aig a’
cheart àm.
Gu fortanach choinnich mi mo Mhaighstir a’
pilltinn dhachaidh,
agus air dha m’
eudann fhaicinn air at,
agus mo shùilean còmhdaichte le fuil,
dh’
fheòraich e dhiom an robh mi a rithist an caonnaig agus ceana bha mi dol.
Dh’
innis mi dha gach car mar a thachair, —
chomhairlich e dhomh pilleadh, ’
s gu’
n gabhainn còmhnuidh maille ris féin;
phill mi,
agus air ruigheachd dhachaidh dhomh,
fhuair mi bean bhrathar-
m’
athar romham a stigh.
Thuirt i rium gu’
n robh brathair-
m’
athar fìor dhuilich le bhi ’
gam ionndrain fo’
n dorus agus gu’
m b’
fhearra dhomh dol dachaidh—
Thuirt mi rithe gu neo-
sgàthach nach pillinn a chaoidh,
gu’
n do chaidil mì an cadal fa-
dheireadh a chaidlinn ’
na tigh rim’
bheò. —
Cha d’
rinn so ach a fearg a thogail ni bu mhò.
Bha toil aice droch làmh a thoirt orm aig an am so,
ach thainig mo mhaighstir oirnn agus ghabh e ’
chùis ’
na làimh féin;
thuirt e rithe gu math geur ’
s e gamharc oirre le tàir,
nam biodh aon do’
n luchd-
ceartais dlù dha gu’
n tugadh e chùis ’
na làimh gu ceartas a dheanamh air son an dòigh chruaidh-
chridheich air ’
n do laimhsich iad mi. “
Leigidh mise le brathair- ’
athar féin tighin air a thòir,”
ars’
ise s’
i teannadh thun an doruis, “
agus tha mi air mo mhealladh am bharail mur faigh thu do leòir dhe,
ma dh’
fhiachas e ’
ghairgealachd dhuit mar dh’
fhiach e dhuinne theagamh gu’
n toir e fàsgadh air do chridhe fathast.”
Cha robh brathair m’
athar aig an dragh tighin air mo thòir, —
Fhuair mì nis ordugh deanamh air son mo leapach,
agus threòraich mo Mhaighstir mi air làimh gu ionad uaigneach far an do rùisg a mi mar chaidh mo bhreith,
agus ghlanadh mi fo bhonn mo choise gu mullach mo chinn le uisge blàth agus le siabunn,
agus thilg mi dhìom mo luideagan air son na h-
uair ma dheireadh,
agus dh’
amhairc mi orra gu léir air an giùlan a mach air sluasaid gu tàmailteach, ’
s cha ’
n fhaca mi iad ni’
s mò.
Fhuair mi deis’
ùr air an la màireach agus thainig am folt dhìom san fhasan agus feudaidh mi a ràdh gu’
n d’
amhairc mi orm féin a’
cheud uair riamh is sunnd;
thòisich mi ri meas a ghabhail dhiom féin,
agus bha mi air mo ghràdhachadh leòsan a thréig mo chuideachd tamull beag roimhe sin air son mo staid rùisgte;
ach a dh’
aon atharachadh a thainig orm ’
se bhi a’
cluinntinn nan coimhearsnach a’
labhairt air a’
mhùthadh a thainig orm gun fhiuthair ris,
is mo thug do thoilinntinn domh;
bha mo spiorad iosal air a h-
ardachadh nuair a chluinninn o bheul gu beul focal molaidh, “
tha e air tionndadh a mach ’
na ghiullan glan, ’
na bhalachan smiorail,” — “
Ni e duine tapaidh fathast.”
Nuair a smuainichinn air mo phàrantan,
mo chairdean,
agus companaich m’
òige,
thuitinn a sìos,
a’
sileadh nan deur gu tróm,
agus cha b’
urrainn mo chridhe bochd innseadh c’
ar son.
Gu fortanach dhòmhsa,
cha robh duine cloinne aig mo mhaighstir;
air an aobhar sin,
thug e leis mi
[176] do’
n eaglais air gach là-
sàbaid,
agus bhuilich e móran d’
a ùine ag ionnsuchadh leughaidh agus sgriobhaidh dhomh.
Bha ’
n gnothuch sin duilich dhàsan air tùs,
agus dhòmhsa gu math duilich r’
a thuigsinn,
ach a nis tha e ’
na thobar fo ’
m bheil mi a’
faotainn móran fionnaireachd.
Rinn tri bliadhna mi comasach air litrichean marsandachd mo mhaighstir a sgrìobhadh agus na paipeirean-
naigheachd a leughadh dha. ’
Nuair a bhithinn a’
leughadh shaoileadh neach gu’
n robh mo mhaighstir mór as féin a chionn gu’
m buineadh urram m’
ionnsuchaidh dha féin;
agus ged tha mi ’
g aithris so cha ’
n ann idir a’
cur iomchoir air an duine iochdmhor so a tha mi;
ged tha mi còrr uair a ’
smuainteachadh gu bheil e gu math cruaidh orm an gnothuichean beaga,
oir fhathast ma ni mi bheag as an rathad smachdachaidh e mi gu sgaiteach,
oir tha e gu math cas.
Tha mi ag aideachadh gu’
n robh feum agam air o chionn bliadhna no dha,
do bhrìgh gu’
n robh mi gu math eutrom aig m’
obair,
ach a nis air dhomh a bhi air tionndadh mo chùlaoibh air faoineis leanabaidheachd, ’
s a’
bristeadh a stigh air fearachas,
gabhaidh mi beagan nàire corr uair.
A’
cheud phìob thombaca chuir mi riamh am bheul,
dh’
éirich e agus spìon e ’
phiob as mo bheul agus mhion-
phronn e fo chosan i,
am fianuis na bha sa’
bhùth,
ach cha b’
e sin uile a bha mi a’
gearan ach nàraich e mi am fianuis càraid mhaighdeannan òg uasal a bha ceannach nèapaiginean sìoda ann.
Cha do ghabh mi orm gu’
n d’
rinn e bheag a nàire chur orm,
ach a dh’
innseadh dhuibhse na fìrinn bha ruthadh ’
nam ghruaidh ré an latha sin.
Rinn an trod sgaiteach a thug e dhomh ’
na dhéigh sin agus riasunachadh socrach na cùise air an ath latha,
mi ann an tomhas soilleir nach ’
eil ann ach fasan salach,
bu chòir a bhi ’
na thàmailt do dhuine òg fhaicinn agus ceò mu ’
cheann cosmhuil ri smùid fuirneis,
a bharrachd air gu’
m buin e do chostus,
ach cha b’
e nì sam bith a thug ormsa ’
dhèanamh ach toil a bhi ’
am fearachas,
agus cha robh fiuthair agam gu’
n gabhadh esan cho dona e,
do bhrigh gu’
m bheil fear mo ghràidh e féin,
gu math ronnach mu’
n t-
sròin le ’
snaoisein.
Cha toir mi smugaid air fàsgadh na cluaise;
tha mi saor gu aideachadh,
agus tha toilinntinn orm air a shon,
nach robh mi riamh ciontach do dh’
olc a dhioladh an éiric maith.
A nis bu mhiannach leam ad fhaighinn an āite na boineide,
bu mhath leam beagan leabhraichean a bhi agam,
agus tha mo chridhe suidhichte air uaireadair.
Labhrainn féin ri m’
mhaighstir air an son ach tha eagal orm gur e’
n diùltadh a gheibhinn agus gu’
m bristeadh e mo chridhe.
Ma dh-
aoite gu’
m faic mo chairdean so anns an Teachdaire.
Cluinnidh sibh uamsa ma shoirbhicheas a’
chùis leam mar bu mhiannach leam;
agus bithibh dearbhte nach bi mise a dh’
easbhuidh taingealachd cho buileach ’
s,
gu’
n dì-
chuimhnich mi sibhse ’
m fad ’
s is beò mi. —
Slàn leibh.
’Smi le mór urram, CIOD AIR BITH A B’AILL LEIBH.
GLASCHO, An Treas Mios, 1836.