COMHRAG-DEISE EADAR AJAX AGUS HECTOR.
O ILIAD HOMEIR AN VIIamh DUAN, R. 244.
Labhair e, ’s le cuimse chòrr
Shaighd e fad-shleagh mhòr m’a thuairms’;
Mòr-sgiath Ajax bhuail an gath,
Shàsaich a chalg-sgath gu cruaidh
’An seachdamh filleadh na sgéith,
Ball-dion an tréunair neo-thais,
Sgiath nan seachd-breith seiche bò,
B’e ’h-ochdamh filleadh còmhdach prăis.
Ajax uasal thilg sleagh chòrr
Air targaid chònard an laoich thréin;
Shiubhail an gath-cuilg le maoim,
’S thorchair grad roi’ loinn na sgéith;
’Nä ghrinn chneas-leine ghabh sàs;
Mu’n t-seang ā h-èarrlainn gu’n réub;
Dìreach mu’n loch-léin bha’n dàil;
Ach dh’ aom an Sàr o’n du’ -éug.
’N sin le sleaghan fad’ ’nän dòrn
Dhlùth an dithis mhòr gu gleachd,
Mar leòmhain ri feòlach dian,
No tuirc fhiadhaich a’s garg neart.
Copan sgiath Ajax gu’n ’bhuail
Mac Phriam gu cruaidh le sleagh;
Cha do dhiong i air a’ phrais
Lùb a bàrr air ais gun bhlagh.
Ach Ajax, le sitheadh-léum,
Bhuail béum air targaid an t-saoidh,
A theab a diong, a’s a chuir casg
Air ’astar ’se teachd le maoim:
Thuit am buille tróm gu géur
Le béud air mullach ä chnuaic’,
Ghrad-spùt an fhuil ’na dui-léum
O’n chréuchd anns na spéuran suas!
Ach sid cha d’ thug air an tréun
Snaoidheadh o théuchd a’ chath;
Chéum e air ’ais air an fhonn
’S togar clach farr lóm an t-srath;
Clach chreimineach, mhòr, dhu’ -chiar
Do ghlac an cliar ’nä laimh chruaidh;
Tilgear, is buailear an sgiath
Aig Ajax, mu chioch a cuairt,
(An sgiath mhòr a bh’ iar a dìon
Le seachd fìllt’ de leathar bhua)
Sgaoil am buille feadh no faich
Trom-ghliongar na prais le fuaim.
Ach togar Ajax clach ro-mhòr
Is caithear air-s’ an dòirneag thróm,
Buailear le srann-bhuille gharg,
Is bruanar ä thargaid ’na pronn.
Chiùrr i ’ghlùinean, ’s shìneadh sios
E, leantuinn r’a sgiath, air làr;
Ach thog Apollo an sonn
Is chuir air ä bhonn gun dàil.
’N sin, dòrn ri dòrn le luinn ghéur
Theannadh iad ri ’chéile leòn
Mur tigeadh eatorra na maoir
Teachdairean fòs dhaoine ’s Iòbh,
Talthibius o shluagh na Gréig,
Luchd nan léintean pràisich trom,
’So fheachd na Tròi Idaéus còir,
Dithis fhear bu sheòlta conn.
Shìn gach fear dhiubh so ä cholbh
A dh’eadraiginn colg nan sonn.
Idaéus thuirt briathra ’n tùs,
(Eòlas nan cùirtear ’nä cheann)
“A chlann ghaoil, na h-imribh cath
No còmhrag nan gath ’s an àms’;
Is ionmhuinn, a laoich, sibh faraon
Do’n Dia ’cho-aomas na neòil;
Fior ghuineach ur càil ’s an stréup,
Mar dhuinue gu léir is eòl:
’Si ’n oïche nis i; is nì
Math e a bhi strìochd do’n oïch’ .”
“Aithn do Hector sin a ràdh
Idaéuis,” ors Ajax saoidh,
“Chionn ’s esa ’ghairm chun na strì
Gach fear bu mhìleanta de’r slògh;
Tionnsgnadh e, ’s ma ni e strìochd
Strìochdamsa ’s gach nì dhuibh fòs.”
Fhreagair an sin Hector mòr,
Teannaiche nan comhrag dian,
“Ajax, ’bhrìgh gu’n ’bhuilich Iòbh
Ortsa mòrachd, neart, is ciall,
’S tù a’s fèarr a dh’ iomaireas gath
Measg flathan na Gréig gu tur;
Gidheadh, de’n chath is de’n streup
Fosamald le chéile ’n diugh.
’An déigh so, cathaidh sinn le spàirn
Gus an sgar an Dàn sinn uaith’;
Gus an lann sinn as ä chéil’
No le fear gu’n éirich buaidh;
’Si ’n oïche nis i; is nì
Math e a bhi strìochd do’n oïch’;
Chum’s gu ’n aoibhnich thus’ le d’ làth’r
Na Gréugaich, ’an sgàth nan long,
’S air do chàirdean ’s do luchd gaoil
Gu’n togadh tu faoilt’ is fonn:
Ach mise, feadh cathair mhòr
Righ Priam nan còrr-bheairt àidh
Gu’n aoibhneam na Tròidhich ùr,
’S ban-Troidhich nan stiùir-pheall àìll,
A theid, le ’n dùrachd, á m’ leth,
Gu h ùmhail do thigh nan dia,
A ghuidhe dhomh buaidh nam blàr,
’S ath-thilleadh sàbhailt gu ’m miann.
Ach so, ar n-arma mòr-bhiù
Tiodhlaic’ mar air tùs d’ ä chéil’,
Mar so gu’n abair fadheòigh
Fear de shiol Thròi ’s na Gréig:
Tre fharmad chòmhraig na sàir
’Nän ìnntinn ’gän cnàmh gu géur,
Ach dhealaich ’rìst na suinn ’nan càird
Iar deanamh an àird na réit’ .”
Mar so ’nuair labhair am flath
Thug e seach ä chlaidheamh cruaidh
(Cnaip airgid duailte m’ä dhos)
Is mar-ris grinn-chrios is truaill:
Thug Ajax dhàsan crios loinn
’Ghabh ’fhaoileas o dhath na Féinn.
Dhealaich iad; —ghabh fear gu réith
Far’ robh sluagh na Gréige cruinn
’M fear eile gu feachd na Tròidh’,
’Bu mhòr sòlas agus sunnd
’Nuair chunnaic iad e beò gun bhéud
O neart ’s làmachd’ Ajax lùth.
Threòraich iad do’n bhaile ’n tréun
Do’n d’ thug iad géill e ’bhi slàn.
Thug Gréugaich nan sàr chas-bheirt
Ajax leò as-teach gun dàil
Gu Agamemnon an righ,
’Se aigneach do bhrigh buaidh.
Ri linn doibh a bhi ’na bhùth,
Thug am Priùnns’ ma’n- ear gu luath
Iobairt a chur dhoibh air dòigh
Do’n dia ro-thréun Crònos aosd’: &c.
O.
(R’a leantuinn gu deireadh an leabhair.)
title | 7 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |