AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH.
MIOS DEIRIDH AN T-SAMHRAIDH.
VIII. AIREAMH.
SEANN SGEUL GAIDHEALACH.
A Theachdaire Ghaelaich,
Innsidh mi dhuit sgeul beag mu nì a thachair o chionn còrr agus dà cheud bliadhna. Cha robh bith agadsa san àm sin, ged bu liath mise, Mactalla. B’i bainionnach do Chloinn-Dhiarmaid a thug cìoch do dh-Alastair Stiùbhart, fear Ghart. Bha dithis mhac aice, agus chaidh eucoir a dheanamh air an fhear dhiu ’bha na cho’dhalta do’n tighearna, le Mac MhicIomhair Glinnlìbhit. Dh’ fhalbh an dithis bhràithrean gu Dùn Ghart air ghearan. Bha fios aig Mac-Mhic-Iomhair gu’n éireadh fear Ghart ’an aobhar nan òganach, agus dh’orduich e, uime sin, an ruaig a chur orra agus gun leigeadh dhoibh dol as. Chunnaic Clann- ’ic-Dhiarmaid an tòir a’ tighin cas orra, ’s o nach robh dol as aca leum iad do’n abhuinn Lìbhinn, an dùil nach leanadh an luchd-tòrach iad, ach ged a leum chaidh co’dhalt’ an tighearn a lot le saighid agus bhàthadh e. Theirear ris an àite gus an la diugh Linne Dhòmhnuill. Shnàmh am fear eile gu tìr agus thug e mach Gart.
Cha luaithe chuala Fear Ghart mar a bhà na thog e air, e féin ’s a ghillean a thoirt a mach èiric a cho’dhalta. Dh’aithnich Mac Mhic-Iomhair mar bhiodh a’ chùis, agus chruinnich esan a dhaoine, agus choinnich na seòid a chéile mu mheadhon a’ ghlinne. Dh’ fhàg na cinn-fheadhna an cuid daoine agus chaidh iad an còmhdhail a chéile, feuch an réiteadh iad a’ chùis eatorra féin.
Bha breacan-an-éilidh air Fear Ghart ’s bha’n dara taobh dhe dorcha, ’s an taobh eile dearg: mun do dhealaich e r’a ghillean thuirt e riutha fhad ’s a chitheadh iad taobh dorch a’ bhreacain a mach mar bhà e gun iad a ghluasad, ach nam faiceadh iad e ’tionndadh an taobh dheirg iad a tharruinn an lann.
Cha robh an dithis fada ’seanachas ’nuair rinn Mac-Mhic Iomhair fead; chual a dhaoine e, agus tharruinn gach fear a chlaidheamh. “C’arson an fhead?” arsa fear Ghart. “Cha’n ’eil” ars’ esan “ach a thional mo chuid éildean o na beannta.” “Ma’s ann mar sin a thà,” arsa fear Ghart, “ ’s mithich dhòmhsa mo mhìolchoin a ghairm,” ’s e ’tionndadh a mach taobh dearg a bhreacain. Thug na suinn ’na chéile, —thòisich an slachdradh, ’s b’e sin an cath fuileachdach! Mu dheireadh ghabh Clann
’Nuair bha na Stiùbhartaich a’ pilleadh o’n chath chaidh iad a thaobh do’n abhainn a nigheadh na fola bhàrr an claidhean. ’S ann uaith so a fhuair an gleann an t-ainm. Mun do thòisich an cath chuir na Stiùbhartaich dhiù seòrsa chuaran a bh’orra, agus dh’fhàg iad iad ri sgàth creige. Lean Leac-nan-cuaran rithe gus an la diugh—Dail an Rùsgaidh ris an àit anns an do rùisg iad an claidhean—Laggan a’ chath ris an àit an d’ thàinig iad gu buillean, agus Camus-nan-carn ris an aite ’n do thill Clann Mhic Iomhair an déigh an ruaig a ghabhail agus far ’n do mharbhadh a’ chuid ba mhò dhiu.
Chaidh claidheamh agus aon de na tuadhan-airm a chladhach á Laggan-nan-cath anns a’ bhliadhna 1816, agus bha iad an sin aig an t-seanalair Daibhi Stiubhart, mar a chaidh ìnnse dhòmhsa.
MACTALLA.
Eilean Chola, 1836.
title | 1 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |