[200]

A’ MHUIR MHARBH.

THA amhuir so air taobh na h-aird-an-ear de thìr Iudea, agus o shean bì achrìoch eadar e agus fearann Mhoaib. Thugadh aMhuir-Mharbh mar ainm oirre do bhrìgh gun robh e air a chreidsinn nach burrainn do chreutair tighin beò innte airson a mìllteachd anabarrach. Cha ruig sinn a leas ìnnseadh do dh-àireamh mhór dar luchd dùthcha gum ben t-àite anns abheil a’


[201] mhuir eagallach so an còmhnard far an robh bailtean ainmeil Shodoim agus Ghomorraih, a sgrios an Tighearna le pronnusc agus teine a nuas as na nèamhan airson ciontan mi-nàdurra an luchd-àiteachaidh. Gin. XIX. 24, 25. A réir beul-aithris nan tàmhach be tri-deug àireamh nam bailtean àluinn a chaidh a sgrios; agusnuair a dhamhairceas sinn air meud na fairge, mu thuaiream deich agus tri fichead mìlair fad agus mu ochd mìle-deug air leud, cha seall an cùnntas neo-choslach.

Chan eil cearn den t-saoghal, a tha luchd-turuis adol a dh-fhaicinn, a dhùisgeas tuille smuaintean cianail na tìr Iudea uile. Dhfhògaradh a luchd-àiteachaidh gu àitibh iomallach na talmhainntha a bailtean móranan làraichean briste, agus tha a sràidean len tighibh rìomhach atuireadh an léir-sgrios. Tha luchd-turuis a bha o chionn ghoirid ann gu ìnnseadh dhuinn nach urrainn neach air an lan diugh amharc air aMhuir-Mhairbh no air aghleann anns abheil i, gun bhròn agus gun oillt. An àite bhi mar a bha e o shean, air uisgeachadh gu math agus torach eadhon mar ghàradh an Tighearna, ’s ann a ta aodann aghlinne coltach ri ìochdar mara a bhiodh air falbh o chionn fada oh-amaram blàr air gach làimh còmhdaichte le salunn, le làthaich thioram agus le gainmhich, ’na stìoman mar gum bann le oibreachadh nan tonnmill de chlachan agus mhiotailtean loisgte an suds an so, adearbhadh gur h-e so an t-àite om facAbraham deatach léir-sgrios adol suas mar dheatach aibhne. Blàran uaine air an urrainn an t-sùil tàmh a ghabhail le tlachd, chan eil ra fhaicinn, no aon sruthan fìor-uisge as an gabh am fear-turuis deoch ged a bhàsaicheadh e le tart. Theagamh gum faicear ann an còrr àite preas seargte ag eiridh air éiginn am measg na gainmhich, an duilleach còmhdaichte leis an t-salunn a bheathaich iad, an cairt gun fheum le blas agus fàile deathachail. Tha barrachd saluinn taobh iar-dheas na fairge, ’na chreagansna sgrathan, adeanamh abhlàir geal mar shlios còmhdaichte le sneachda; ach chan eil an luchd-turuis ag ràdh gu bheil an carragh saluinn don deach bean Lot a thionndadh ra fhaicinn ann. Cia dhiù a leagh e no ciod eile thainig ris chan eil againn ach barailthan t-àite doilleir nis leòir as a dhì. Tha e air a ràdh gur làidir an inntinn a sheallas gun charachadh air abhuinn Iordain anns aglaic tre am bheil i adol don Mhuir-Mhairbh, An àite ruith da h-ionnsuidh le torman sunndach, a bruachan air an duibhreachadh le craobhan alùbadh le meas, agus fuaimneach le ceileire bìnn nan eun mar a bàbhaist, ’s ann tha i gu ruaimleach asnàmh gu neo-thoileach le ciùineas abhàis tre ghaineamh agus tre chuilc mar gum biodh fios aice air an fhairge phlàigheil a bha gu goirid ra slugadh a suas. Air feadh na cuilce so tha an t-Arabach gu tricna luidhe am folach gu leum air an fhear-thuruis agus a spùinneadh.

Bha e air a chreidsinn ioma linn nach burrainn aona chuid lus no iasg fanachd beò anns aMhuir-mhairbh, agus gun robh an ceò a bhiodh ag éiridh aisde


[202] cho plàigheils gum marbhadh e eòin ag itealaich os a ceann; ach chunnacas o sin an gobhlan-gaoithe atumadh innte airson uisge a thogail a nid; agus tha daoine eile ag ràdh gu bheil iasg innte. Tha a h-uisge co anabarrach làidirs gur gann a ghrunnaicheas duine ann, agus co sailltes ma thumar abhròg ann gum bi i còmhdaichte le sgrath shaluinnnuair a thiormaicheas i. Tha an àile co luchdaichte le pronnusc agus salunns nach seas aon ach goirid air a bruachannuair a bhiosaodach làn diubh. ’S bitheanta chithear aMhuir-mharbh neo-ghluasadach air fad agus gu h-iomlan marbh ri taobh achladaich ged robh an doinionn is aséideadh oirre; agus air an làimh eiles tric a chithear i fo onfhadh buaireasach, ag éiridhna mìll eagallach ri aodann nan creag agus àile nan speur. Tha i slugadh suas uisge abhuinn Iordain agus uisge ioma sruth eile, ach chan eil i acur thairis uair air bith, agus cha mhò tha dol a mach don uisge mhór so ra fhaicinn. Mun robh e air a thuigsinn gun robh na h-uiread uisge ag éirídhna cheòraich, bha cuid de nàduraich am barail gun robh rathad fo thalamh aig uisge na Mara-mairbh don mhuir mhóir no don Mhuir-Ruaidh; ach a nis gu bheil fios againn air, cha ruig sinn a leas a bhi sealltainn airson dol a mach nach gabh faotainn. Tha Iosephus agus Strabo ag ràdh gun do chruthaicheadh an gleann anns am bheil i le dol fodha na dùthcha bha roimhe cur thairis an uisge don mhuir-mhóir. Tha dubh-neul am bitheantas asnàmh os a ceann, agus tha uamhas abhàis agur thairis air gach . Guth aoibhneis cha chluinnear mun cuairt di, ach foidhpe gu tric ulfhartaich agus roidhcil bhagarrach, agusna dhéigh sin éiridh mill deathcha dam mothuichear fàile pronnuisc gu làidir.

Nach eagallach da rìreadh an léir-sgrios a thainig air an àite so! Bha a roimhe torach eadhon mar ghàradh an Tighearna agus air àiteachaidh le ioma baile àluinn. Pheacaich luchd-àiteachaidh nam bailtean gu h-anabarrach; sgrios an Tighearn iad féin, am bailtean móra agus an còmhnard uile, agus air an latha diugh, an àite fuaim an fheadain agus na clàrsaich a chluinntinn o ioma tùrs ann tha ciùineas abhàis arìoghachadh air fairge neo-chneasda. An àite dannsa agus tein’ -éibhnis gach oidhches ann than t-àit uile air a luasgadh le oibreachadh oillteil na crith-thalmhainn agus air a mhilleadh le lasair fheargach an dealanaich, agus amhuir ag éiridhna mìll agus abrùcadh ri aodann nan creag le gàir bhrònach, mar gum bann abas-bhualadh le osnaich thróm airson an t-sluaigh a tana meadhon. Thig an samhradh agus dùisgidh aghrian beatha agus àilleachd anns gach àit eile, ach air an àite so bithidh am bàs agus lèir-sgrios agur do ghnàth. Ann an aon fhocal, chaidh a sgrios airson aingidheachd, agus thà agus bithidh ena dhearbhadh siorruidh air dian-chorruich Iehóbhah an aghaidh luchd mi-bheus.

LETH-GHAEL.

title10
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page