[203]

NAIGHEACHD CIANAIL.

Thachair achùis ma bheil sinn adol a labhairt o chionn ghoirid, agus chan e faoin-sgeul a thann. Bha fleasgach òg agus oigh car bhliadhnaichean an gaol air a chéile, agus fa dheireadh dhaontaich an càirdean gum pòsadh iadchaidh an a shocrachadh, agus bha gach uidheamachadh feumail adol air aghaidh. An mun robhchùis ri tachairt, ghearain bean-na-bainnse nach robh i gu math, agus dhiarr iad oirre i féin a leigena sìneadh. “Leigidh,” arsise, “ach feumaidh e gur āite socair a bhitheas ann, oir tha mimothachadh nach éirich mi tuille sabheatha so.” An ùine bheag dhfhàs i ni bu mhiosa, chuir iad fios air léigh, a dhaidichnuair a chunnaic e i nach robh ach beag fiuthair aige gum faigheadh ichuid a bfhearr den tinneas. Air an la-màireach thòisich muinntir na bainnse ri cruinneachadh, gun fhios aca mar bhà, agus thainig am ministeir mar an ceudna; ach, mo thruaighe! thionndaidh tigh an t-subhachais gu tigh abhròin. Chaidh a leigeil ris do bhean-na-bainnse an cor cunnartach anns an robh i, ris an déisd i le strìochdadh iomchuidh; fhuair fear-na-bainnse mar an ceudna fios mar bhachùis, agus ma fhuair cha bu chùis fharmaid e. Lion tróm-dhubhachasinntinn, agus bha e air a chlaoidh le cràdh anabarrach anama. Chaidh fheòraich dhiubh, an làthair na cuideachd uile, am bàill leo, fo leithid de dhfhiosrachadh, gun rachadh am pòsadh. Theagamh nach do chuireadh ceisd riamh, air a leithid do dh-àm, bu deuchainniche na i so; agus an déigh dhoibh rùn cridhe a chéile a thuigsinn, dhasluich bean-na-bainnse gum feudadh i dol gu bàs mar mhnaoi chaidrich, agus gun giùlaineadh fear a cridhe a ceann chum na h-uaighe. Dhùisg an spéis mhòr so da chéile cianalas ann an cridhe gach aon a bha làthairdhlùthaich iad ri taobh leapa bean-na-bainnse, agus dhasluicheadh beannachd Dhé le fìor dhùrachd, ameasg osnaichean bristeach o iomad cridhe a bha ullamh gu sgàineadh leis an t-sealladh mhuladach air an robh iad fianuiseach. Ghlac fear-na-bainnse an lamh sin a chaidh gu fann a shìneadh dha mar fhianuis air a deòin; ghairm an deagh mhinisteirnan lànan pòsdiad, agusnan aon iadsan a bha ann am beagan uairean ri bhi air an eadar-dhealachadh a chaoidh. Dhiadh dorchadas abhàis ma sùilean agus dhfhàs a leaba phòsdana uiridh a bàis; agus bha ise a bha beagan làithean roimhe so, an ard dhóchas ri mòr shonas o chaidreamh gaolach a fir, ’na sìneadh air an eisinn fuar marbh gun deò, mun dùraigeadh mòran de mhuinntir na bainnse an teaghlach brònach fhàgail.

title11
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page