[204]

TINNEASAN AN AN GLASCHO.

RE ceud mhios an t-samhraidh thromaich fiabhruis agus abhreac nàdurra air feadh abhaile so, air chor agus gun robh an Tigh-Eiridinn rìoghail ni bu làine na air na miosaibh eile chaidh seachad den bhliadhna. Bho lànachd no falamhachd an tighe feudar deagh bharail a thabhairt air fallaineachd no mi-fhallaineachd abhaile.

Ghabhadh a stigh amhìos 370 air fad; air 208 dhiubh so bha fiabhrus, air 8 breac nàdurra, agus air càch galaran neo-ghabhabhaltach; bu Ghàidheil seathnar do mhuinntir na bric, agus chaochail triùir do na Gáidheil. Bha tri fichead bàs air feadh an tighe air fad amhios, àireamh nis na bha againn roimhe. Air mios meadhoin an t-samhraidh ghabhar a stigh 383; air 214 diubh so bha fiabhrus, air 12 breac-uàdurra, agus air càch tinneasan -ghabhaltach: don 12 air an robh abhreac, bhàsaich 5, agus bu Ghaidheil deichnar dhiubh. Be àireamh nam bàs 64. Tha sinn mar so afaicinn nacheil mios meadhoin an t-samhruidh nis fallaine nacheud mhìos.

ROB RUADH.

title12
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page