[204]

CORN A’ MHISGEIR.

Am fear thu bhapòit gu tric as tigh-òsd
S tu cridheil ag òl an dram?
Nach iarradh dhuit féin do fhlaitheanas ,
Ach beirm a bhig éiridhd cheann.”

SE CLEACHDADH PEACACH NA MISG aon do na dubhailcean as duaichni, as breisleachala, as miodalaiche, shodalaiche, bhrosgulaiche, mhealltaiche is urrainn teachd an caramh nàdur achinne-dhaonna; tha e ationndadh bun-os-ceann agus atur-atharrachadh fìrinnean shuidhichte na beatha; adeanamh amadan don duine thuigseach agus lunndaire don duine shaothaireachationndadh sonais gu truaighe, sìth gu glagaireachd agus cairdean gu nàimhdean; tha e mealltach mar abhall Ghomorrah, no meas na craoibhe toirmisgte sin on dthainig cionta agus truaighe don t-saoghal; mar chraobh an Upais atilgeil a mach air gach taobh fuar-dhealt mhillteach, apuinnseanachadh blàithean na tròcair agus aduibhreachadh le clò-chadal marbhantach inntinnean a thràillean truaillidh dìbli. Chan eil luchd-aoraidh Jugurnaut, ge h-òg a tha iad air an treòrachadh gu slighean carach saobh-chràbhaidh nis no nis truaighe air am buaireadh na tha iasdan tha cleachdadh ana-measarrachd na dibhe-làidir, agus a ta am bitheantas len deòin acumail fodha gach deagh thogradh, adearmad gach dleasnais, agus ag imeachd le làn


[205] fhiosrachadh chum achip-thuislidh mhuladaich so, ann an làn-aois am fearalais, acur an suarachas na h-uile rabhadh agus earail is urrainn an cairdean is dìlses is fearr a thoirt doibh, agus atréigsinn gach uile thoil-inntinn neo-chiontach agus mheasail chum an glùn a lùbadh do dh-ìodhol sgreamhail, cuthaich, neo-aoidheil na misg! dam bheil an dàn a réir coltais a bhina chion-fàth do gach tràilleachd inntinn, mi-riaghailt agus cionta.

Tha cumhachd na TOITE cunnartach agus eagalach, ach than t-innleachd so air iomadh dòigh feumail; agus am FUDAR mar an ceudna, ged tha air uairibh na mìlteangam marbhadh leis, gabhaidh e air uairibh eile stiùradh chum math aChinne dhaonna; ach tha cumhachd mìllteach na misg thar tomhas osceann iad sin, aléir-sgrios nan uile tha teachdna charamh, gun aon ni feumail no ciatach is urrainnear ainmeachadhna lorg, atruailleadh mathair-aobhair gach mothachalachd neo-chiontach agus òirdheirc, amilleadh ìomhaigh Dhé ann an gnùis an duine, adoilleireachadh gach seórsa fiosrachaidh, eòlais agus tuigse, agus agintinn aineolais, féin-spéis, foirneart agus eu-dòchas, abreithealachadh an riasoin, aneartachadh gach droch thograidh, afògradh gràidh, agus alagachadh na meadhairafuadach faicillasalchadh ionracaisafiaradh na tuigseacìosnachadh saorsa neo-eisimealachdaceannsachadh neart agus tàbhachd na h-inntinn; amilleadh àilleachdacaitheamh spionnaidhatruailleadh tograidha salchadh na folaalosgadh taobh a stigh an duinealagachadh meirbheidhacur na h-eanchainn troimh a chéile agus atruailleadh achridhe; a gintinn meud-bhronn, boile-cuthaich, liunn-dubh agus airtneal, tograidhean mi-nàdurra, mealladh-fradhairc, agus iomadh eucail cuirp; abreothadh na h-analach, a prabadhs adeargachadh nan sùl, atogail spad-thinneas pairilis, reamhrachd sgreamhail ghalarach, crith-chinn agus làmh, cuthach no baoghaltachd ghurraiceil ùmpadail; a-naomhachadh gach ni tha naomha, deagh-bheusach agus luachmhor; acur nan saoibhir fo gheasaibh, amilleadh nam bochdan; a mealladh an teallsanaich, aruigheachd on altair gus an rìgh-chathair, agus atilgeadh sìoss amaolachadh àilleachd bhoillsgeanta shoilleir géiread, foghluim agus mòrachd cheudfaithean gu coltas baoghalta, pleòisgeach, maol-aigneach, trom-cheannach faoin-chomhradhach, neo-mothachail an daor-amadain; amilleadh gach mothuchaidh, asgrios an anama, mèirleach an sporain agus còmpanach a dh-ìslicheadh meas aBHAIGEIR; a tha coirbeadh nan òg, nan sean agus nan treun, adoilleireachadh urram agus òirdheirceas inntinn fhlathail chomasach mhic an duine; atàladh nan neo-amharusach, aribeadh nan neo-fhaicilleach, asgaoileadh na cuirm a mhealladh agus a bhuaireadh an dream a ta cridheil, aighearach, sunndach, rìomhach, a ta faoin, diomhain, stràiceil, uallach, gòrach, amaideach, baoth, chum mire agus sùgradh am measg mealltaireachd fleadhachais agus cridhealas na h-òige, acur mun


[206] cuairt nan corn le aoibhneas agus ceol-gàire, adùlanachadh gach cùram agus adeanamh gairdeachais ri cridhealas mòrchuisach, aithghearrmaighdeann bhuaireadail an léir-sgrios aseinnna mìlseanan as taitniche fon cuimsemi-stumachd, ana-measarrachd agus ana-mianna neo-gheamnuidheachdgam buaireadh agusgan greasad gu ionad na dóruinn far am bi tinneas, iarguin agus ganntar, mar nathraichean millteach ag iadhadh mun cuairt na h-aitim neo-chùramach bhras a bhios an sin air a dhóruinneachadh agus afulann geur chràdh! Tha a mhaise àillidh aseargadh mar phreas a ghearrar sios, tha mòrachd a neartga thréigsinn mar lasair theine, tha egrodadhs atuiteam sìos ann an staid anabachd. Tha Còrn aMhisgeir afuarachadh fiùghantachd, ag ìsleachadh fiosrachaidh agus foghluim, acur -dhreach air gloinead, acòmhdachadh fìreantachd agus amasluchadh urram agus ard-inbhe an duine; tha e nis milltiche na aphlàigh, nis glutaiche nan uile-bheist ioma-cheannach! tha eg ìsleachadh, atàmailteachadh, agoid a thoinisgs a chéill, a chumhachd agus a smachd on FHIRIONNACH; ach ma tha anns an t-saoghal so uile creutair is gràineala na duine misgeach, ’s in creutair so am BOIRIONNACH misgeach! Aon uairs gun strìochd ise don chleachdadh uamhasach so chan eil cainnt air thalamh is urrainn an deicheamh cuid den truaillidheachd no den truaighe dam beil i buailteach a chur an céill! Co luaths a thachras so tha igabhail a cead do neo-chiontas agus do shìth, agus tha i tàladh amhac-mhallachd chum gach dóruinn is guiniche na chéile churna caramh, tha i acall a mothuchaidh air gach deagh-bheus màlda banail a bha roimhega sgeadachadh mar thrusgan àillidh; cha leatha-se tuillidh sonas maidne no feasgair, tha aoibhneas sòlasach achridhe theas ghràdhaich chairdeil ateicheadh fada bhuaipe, agusna àite tha teachd ga h-ionnsuidh iomadh àmhghar agus trioblaid is géire na dhfhairich iadsan riabh a bhacaoidh an càirdean bu dìlses bu ghràdhaiche; afàsgadh na h-àilleachd as a gruaidh; tha e amilleadh aghràidh bu chòir a bhi eadar pàrantan agus an cuid cloinne, adeanamh màthair mhì-nàdurra, bean mhosach, shalach, neo-sgeinmeil, agus fear-pósda brùideil borb; tha toilinntinn theaghlachail aseachnadh na fardoich mhi-shona, ateicheadh o chomunn nam misgeirean; tha bròn, truaighe agus ainniseachd asàrachadh na mnatha, aineolas bochduinn, droch eisimpleir agus dearmadachd amilleadh nam pàisdean mi-fhortanach, agus do bhach-thoirm fhaoin ghloireach aphòiteir tha an ùine ghoirid afreagairt mar thaghairm, caoidhearan àmhgharach na BANNTRACH àonaranaich ànraich, agus gearan fann an dìlleachdain thruaigh air fhàgail gun chòmhnadh gun chobhair! Mas maighstir esan a chleachdas amhisg fàsaidh e eucorach aingidh mi-cheart; mas seirbhiseach e fàsaidh e mi-onorach, beadaidh, tarcuiseach, cealgach; mar charaid bidh e mealltach, foilleil, agus mar bhall den mhór-shluagh, neo-fhiachail leibideach; fear-spùinnidh, creachadair agus fein-
[207] mhortair; tha daoine mathaga mheas mar dhuine tha tur-chaillte da theaghlach agus don t-saoghal, a ta leuile dheòin atréigsinn gach sonas mairionnach agus cliùiteach, afuadach bhuaithe ceartas agus suaimhneas, agus ag aonagails acrìonadh air falbh ann an cleachdadh gach dubhailc a thigna rathad anns na h-ionadaibh dóruinneach oillteil dam bheilinntinn thruaillte a nisga stiùradh gun oidhirp sam bith air a thaobh-san chum an seachnadh; mar fhear a ta afàilteachadh truaighe agus dìth, anns na h-uile dòigh as déisniches as sgreamhala, agus is gann is airidh air truaghas a ghabhail deth; tha droch dhaoinega chur air bheag suim agus adeanamh tàir air; tha daoine measarra air an oillteachadh roimhe agus asmuainteachadh air achaithe-beatha le sgreamh agus déistinn; tha eadhon a chómpanaich thruaillidh iad féin aseasamh thairis air le gàire fanoideach! tha ìnntinn an duine thruaigh fo sgàil dorcha, tha gach còmhluadar creideasach toinisgeil air fhàgail, na h-uile gnothuch air a dhearmad agus dìblidheachd agus lùnndaireachd neo-dhuineil air faotainn làn bhuaidh air; chan eil ena urrainn gnothuichean a chur air aghart mar dhuineile, tha eagal air romh chuideachda stuama agus gach fearas-chuideachd a tha neo-lochdach agus neo-chiontach; than cleachdadh mallaichte so amùchadh agus atruailleadh gach smuain mu stuamachd no iomchuidheachd agusga threòrachadh chum cleachdadh nam mionn, nam breug agus gach ni than lorg neo-fhiachalachd. Do ghnàth neo-ghrùnndail, neo-ghniomhach agus stròghail, faoin, neo-thuigseach, neo-fhreasdalach, bidh e air uairibh ana-céillidh gionach agus iargalta, lān do spòrs féin-bheachdail, ach gun fhoighidin a thrusadh stòrais gu riaghailteach athaiseach mar dhaoineile; tha a dhachaidh mi-riaghailteach agus gun tlus; tha e comas coltas da, -thaingeil mi-naomha, mi-sheirceil neo-thruacanta; air a chruadhachadh ann an cionta agus ag aomadh chum uilc mar dhroch-spioradaibh achùl-shleamhnachaidh, no nàmhuid mhìllteach achinne dhaonna; chan eil e amealtainn uiread de shochairean na beatha sos a tha daoine measarra; agus ged nach biodh abheatha mhairionnach idir ri teachd cha leigeadh ana-measarrachd leis sòlasan neo-chiontach na beatha so féin a shealbhachadh le tlachd. Faodaidh laigsinn agus dubhachas truime-inntinn stad a chur air car tamuill; ach tha a dhòchas air a losgadh suas, thaghaol agus a chàil air seargadh, tha neart agus tàbhachdinntinn air crìonadh, tha a dhroch thograidhean o àm gu àm adùsgadh, agus air call an duinealais inntinn a chumadh fodha iad, tha eg ràdhna chridheIarraidh mi fhathast eagus ationndadh gu dìbli, dìmeasach, sèapach mar am madadh chum a sgeith, no amhuc a chaidh nigheadh chum a h-aoirneagan san làthaich. Tha na h-uile dhàsan neo-bhlasda, neo-bhrìgheil, marbhanta, neo-shùnndach mur bi e air a bhrosnuchadh le spionnadh buaireadail deoch làidir a chumas suas a mhisneach car tamuill agus an sin a thilgeas sìos e nis doimhne na bha e riamh. ’S ann mar
[208] so tha daonnan atachairt don gheòcaires don mhisgeir, tha an uile dhòchais bhoillsgeach dheàrsach ri sonas an lorg ana-measarrachd asleamhnachadh as an lamhan agusgam fàgailnan creich chreachte, spùinnte, mhìllte, air am bioradh le aithreachas agus eu-dòchas feargach cuthaich. Gun umhaill ma chliù féin tha am misgeir borb mi-thlusail ra theaghlach féin agus trodach searbh-chainnteach ra choimhearsnach; thachairdean afàsnan coigrich agus tha coigrich acur as da gus mu dheireadh am bheil e dol fodha ann an truaighe gun dóchas, ann an léir-sgrios do-leasachadh agus gu BAS roimh mhithich! ’Se so deireadh muladach an tograidh sgriosail so a tha sacheud dol a mach gu bitheanta ra fhaicinn an co-lorg caoimhneis agus faoilidheachd chairdeil bhlàth-cridheach! gidheadh is tric is ann on aobhar so tha peacadh agus laigsinn, baigeireachd agus eu-dòchas ag éiridh, agus agramachadh ri aitim mhi-fhortanach na misg gu deireadh a làithean muladach, agus masladh agus tàirga leanailt chum na h-uaighe agus amairsinn mar leus-mara thoirt rabhaidh mu na creagan cunnartach air na sgoilt iadsan a tha nis gu h-iosal agus gu truaillidhnan laidhe san ùir!

Gu fortanach do na lìnnean tha fathast ri teachd chan urrain an cleachdadh gràineil so man do labhair sinn grabadh sam bith a chur air achràbhadh shoillseachail tha mach air feadh nan dùthchaibh so aciùineachadh acàllachadh agus ateagasg an t-sluaigh; agus air a chuideachadh le foghlum pailt agus iomchuidh, fiùghantachd agus fiosrachadh, ’s ann tha sinn an dòchas gum fògair iad am cleachdadh sgriosail so agus gach peacadh gràineil eile as ar tìr! Ged tha beatha aMhisgeir air a caitheamh ann an diombuil agus mi-ghnàthachadh mi-gheimnidh air sochairean na beatha, tha e afaotainn chan e amhàin dìmeas agus tàir a choimhearsnach, ach tha e adùsgadh feirg an Uile-chumhachdaich, agus an cunnart an tiugh-dhorchadais a bhitheas gun cheann gun chrìoch! !! Is trioblaideach ra chluinntinn eachdraidh cumhachd an tograidh mhealltaich so a ta an toiseach ateachd air dhòigh cho shìobhalta chiùin ri sruthan lùbach balbh aghlinne, agus gun atarruing ach beag aire ged tha e daonnan adol air aghaidh agus ameudachadh, gus mu dheireadh abheil e air fàsna bhras-shruth làidir buaireasach, feargach, a sguabadh leis agus asgrios gach ni agus neach a thigna rathad! ’S ann amhàin an àm toìseachadh air achleachdadh so a ghabhas e cìosnachadh. Tha déigh air deoch làidir dìreach mar tha déigh air tombaca agus sùgh-cadail; tha na h-uile duinegam meas gràineil air acheud deuchainn agus chan ann gun spairn is urrainn iad leanailt orra, ach a lìon cuidus cuid tha cumhachd achleachdaidhgam fàgail taitneach agus mu dheireadh than aitim fhaoin, shocharach air a ribeadh air dhòigh is ainmic theid aige air fhuasgladh, Nuair tha e mar so afosgladh air féin tuil-dhorsan na millteachd chan eil e comasach a ràdhainn càit an stad e,


[209] oir tha togradh na misg cho do-cheannsachaidh ri gorta, do-lùbadh mar am bàs, agus cìocrach neo-iochdmhor mar an uaigh. Tha so aleigeil fhaicinn duinn cho cunnartachs a tha e bhi meachranachd ri deoch làidir, agus gliocas nam feadhnach tha fuireach tur air falbh uaipe agus a tha do ghnàth fa riaghladh féin-smachd dhuineil, acaidreachadh, asireadh agus acur air aghaidh fiosrachadh feumail, agabhail tlachd ann an ionnsuchadh, agus gach leasachadh cliùiteach, agus ann an sonas saoithreachail dìchiollach an coimhearsnach, agus aroghnachadh beannachdan slàinte-cuirp, neò-chiontas agus sìth, thar bach-thoirm chonghaireach aimhreiteach na pòit, agus slaodaireachd fhuasgailte neo-mheasarra, ged robh iad air an sgeadachadh leis gach faoin-rìomhadh mealltach a ghabhas càramh man tmchioll.

Mo thruaighe mo thruaighe! iadsan a ta cho fadair am buaireadhs gu bheil iad ag òl deoch na -chuimhn a bhàthadh nan àmhghar a tharruing an deoch so féin orra! iadsan a ta cho tur air an truailleadhs gu bheil iad a ghnàth atogairt do na h-ionadaibh dóruinneach ris na chuir sìth agus suaimhneas cùl! far nacheil neo-chiontas no dòchas idir ateachd! Ach s urrainn ochòin! a ràdhainn air an sonsan a ta fo bhinn-dìtidh an Uile-Chumhachdaich, nuair tha iad a-bhuileachadh an cumhachdan agus gach cothrom agus fiosrachadh a bhuilich esan orra, a leanailt aphuinnsein a tha air a chomharachadh a mach agus air a mhallachadhna uidheamachadh, anns abhascaid agus anns an tigh-thaisg, anns an tigh-chòmhnuidh agus air amhagh! Fàgadh gach aon matà leism bu mhiannach e féin a thogail as an duslach, agus a than déigh air deagh chliù agus saoibhreas, sligheannan sgriosail na pòit! Seachnadh iad DROCH CUIDEACHD, DIOMHANAS, STROGHALAS, MI-MHEASARRACHD agus CLUICHE AIR SON AIRGID. An sin éiridh fìreantachd, neo-chiontas agus cridhealas mun cuairt doibh a sgiamhachadh agus a bheannachadh na talmhainn! Mar a sheachnadh sibh mata gach truaighe shaoghalta agus shiorruidh, foghlumaibh MEASARRACHD O CHORN AMHISGEIR.

EAD. D.

title13
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page