FREAGRADH DO LITIR A’ “GHILLE CHARRAICH.”
A Theachdair ùir,
’S iongatach leam gu’n tugadh sibh àite ’nur duilleagan prìseil do ghearan a “Ghille Charraich,” mar a rinn sibh sa’ chóigeamh àireamh, no a dh-anoa chuid gu’n gabhadh sibh ’fhocal-san mar fhìrinn gun dà thaobh na cùise a hluinntinn. ’S fhada o’n chuala sibh, Tha dà thaobh aig bàta ’n aiseig, agus tha dà dhòigh air sgeul aithris.
Mun tugadh sibhse binn a mach, agus mun craobh-sgaoileadh sibh an sgeul air feadh na dùthcha, shaoilinn gu’m b’ iomchuidh an nì gu’n éisdeadh sibh na bha aig a’mhaighstir-sgoile ’a ràdh air a shon féin mun cuireadh
’S math tha fios agaibhse, a Theachdaire (a dh’ aona chuid bha fios aig an fhear nach mairionn an seann Teachdaire) nach ’eil daoine san dùthaich a’s miosa giullachd na na maighstirean-sgoile Gaidhealach, daoine ’chaith móran ùine air foghlum fhaotainn—daoine d’an éiginn giùlan stòlda riaghailteach a leantuinn, agus, am bitheantas daoine ionraic, diadhaidh, tha ’ga dheanamh sin; agus aig a’ bheil seòrsa de leth uaisle r’a chumail suas, agus meas ’us deagh aimn san sgìreachd; ach a dh-aindeoin so cha’n eil luchd ceairde san dùthaich is lugha aig am bheil air son an saoithreach; no tha air am fàgail ann am bochduinn co mór riutha. Gheibh an gobhainn luach a shaoithreach mar dh’ oibricheas e—gheibh an greusaiche prìs nam bròg—an tàillear mar a dh’ fhuaigheas e, agus am figheadair dìolar dha saothair a làmh. Gheibh fear an tigh-òsda pàigheadh an uisge-bheatha a h-uile leth-bhodach, oir bu tàmailteach so fhàgail gun dìol; ach am maighstir-sgoile bochd cha nàr ’s cha pheacach esan a spùinneadh ’s a mhealladh. ’S minic a choisich mi o mhoch gu anmoch air feadh na sgìreachd ag iarraidh airgiod-sgoile agus a phill mi san fheasgar gun uiread agus luach peic mhine fhaotainn.
Tha na ministeirean agus daoin’ -uaisle eile glé thogarach air dìlleachdain agus clann dhaoine bochda chur do’n sgoil agus litir a thoirt doibh do’n mhaighstir; ach shaoilinn gu’m bu fhreagarach an nì dhoibh ràidhe no dha phàigheadh air an son. An cuir iad dìlleachdain le litir a dh’ ionnsuidh a’ ghreusaiche dh’ fhaighinn paidhir bhròg, no dh’ionnsuidh an tàilleir a dh’ fhoatainn paidhir bhrigsean? ’S beag mo chùram; tha fios aca ciod a thigeadh as a leithid sin; ach a h-uile cailleach, a h-uile slaod lùnndach leasg nach dean obair no cosnadh, a h-uile misgeir tha dearmadach m’a theaghlach cha’n eil aca ach ceum a ghabhail gu ministeir no duin’ -uasal san dùthaich, agus an gearan a dheanamh, agus grad gheibh iad litir agus sparrar “gillean carrach” air a’ mhaightstir-sgoile mar chuireadh a chailleach air Eóghan, a dheòin no dh-aindeoin; agus ma bheir mi clibheag dhoibh taobh an leth-chinn no ma dh-fhàisgeas mi cluas aona gharraich ’nam measg, no ma bheir mi achmhasan air bith dhoibh, air falbh gabhaidh iad le casaid agus gearan, agus cha leòir sin, ach ’s éiginn litir a chur san Teachdair ùr g’ar smàdadh agus a thogail fanoid na dùthcha ’nar n-aghaidh. Air m’ fhocal nam bithinn-se cho bras ullamh air eachdraidh na h-uile gille carrach san dùthaich a sgrìobhadh ’s a chur a mach d’ur n-ionnsuidh agus a liughad leisgeul lùbach
Mo “bhrigsean corduròi” gu dearbh! ’Dé sin dàsan an trusdar ’dé ’n seorsa bhrigsean tha mi ’caitheamh? Mo “shùilean biorach dubha!” Cha b’ ionann sin ’s a shùilean-sa, an glog-shuileach glòireann ceanann.
Agus a nis a Theachdair ùir, slàn leibh air an àm! ach na biodh sìbhse cho teóm air casaid a ghabhail an aghaidh mhaighstirean-sgoile. Nam biodh mo shaoghal ri tòiseachadh a rithist, b’ fhearr leam a bhi ’m cheard na ’m mhaighstir-sgoile Gaelach. Bhiodh an sin agam m’ asail fhad-chluasach athaiseach—leanabh anns gach cliabh—aon eil’ air an t-srathair—an naoidhean aig mo mhnaoi ’ga ghùilan air a h-uchd, agus mi réin a’ coiseachd le n’ phìb bhig Eirionnaich fo m’achlais, am balg-séididh air mo dhruim le m’ chuid òrd ’s gach acfhuinn eile. Sa’ gheamhradh bhiodh gach uamh dhorcha ’na dachaidh dhuinn, agus dh’ fhòghnadh sgàile nan creag san t-samhradh.
Slàn leibh a rithist! ’Nuair a gheibh mi ’m beagan mòine chur a stigh bidh sibh an cunnart litir eile fhaotainn o’n.
MHAIGHSTIR-SGOILE GHAELACH.
title | 14 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |