[211] MAR CHAIDH CALAIS A GHLACADH.
CHUIR an treas Edward, an déigh blār Chressy, séisd ri Calais. Dhaighnich e a champ co laidir ’s nach robh uile chumhachd na Frainge ’nan urrainn thoirt orra géilleadh, no idir aon ni a chur do’n bhaile a dheanadh còmhnadh riutha. Dhìon muinntir a’ bhaile iad féin gu gaisgeil foghainteach. Bha nis còrr agus bliadhn’ o’n a chuairtich Edward, le ’fheachd buadhar, am baile. Bha’n Eòrp’ air fad ann an iomaguin mar chrìochnaicheadh
[212] a’
chùis.
Ach fa dheireadh rinn cion lòin an gnothach a luathachadh. —
An déigh do mhuinntir a’
bhaile ioma cruaidh-
chas anabarrach fhulang,
chuir iad romhpa oidheirp a thoirt air camp an nàmhaid. —
Chaidh iad gu misneachail a mach;
choinnich am feachd Sasunnach iad;
agus an déigh dhoibh cath ro shearbh a chur,
ghlacadh an Ceann-
feachd Frangach,
agus chaidh a’
chuid a dh’
fhan beò de’
n arm a stigh do’
n bhaile.
Thuit riaghladh a’
bhaile air St Pierre,
duine neo-
inbheach do thaobh breith,
ach ard do thaobh deagh-
bheus:
Thairg e géilleadh do Edward,
nan ceadaicheadh e dhoibh am beatha agus an saorsainn.
Chum nach measte gu’
n robh e ro an-
iochdmhor,
dh’
aontaich e am mòr-
shluagh a chaomhnadh,
nan d’
thugadh iad suas dhàsan sèathnar de na daoine b’
urramaiche bh’
aca le cùird m’
am muineil chum dìoladh a thoirt airson mar bhrosnaich iad an cumanda gu ar-
amach ’
na aghaidh. ’
Nuair a dh’
innis a theachdaire,
Sir Walter Mauny,
dhoibh na cùmhnantan air am faigheadh iad as,
ghlac oillt agus mòr-
uamhunn gach aon diu.
An déigh tosd fada gu h-
acaineach tróm,
thuirt St Pierre,
air dha dol suas air ionad àrd,
ris a’
mhòr-
chuideachd:— “
Mo chàirdean,
tha sinn an diugh air tuiteam ann an airc ro mhòr.
Feumaidh sinn strìochdadh do thoil ar nàmhaid,
no ar clann bheag,
ar mnathan,
agus ar nigheanan a thoirt thairis do ana-
miann chìocrasach an airm.
A’
bheil aon dòigh air so a bhacadh,
leis am feud sinn iadsan a bh’
air cho’ -
dìol ruinn féin a shaoradh,
no an leig sinn leo am bail’
a ghlacadh,
agus léir-
sgrios agus fàsachadh a tharruing air?
Thà,
mo chàirdean,
aon seòl againn air sin a sheachnadh,
dòigh àghmhor,
urramach,
agus chliùiteach!
A’
bheil aon fhear ’
n ar measg leis an ionmhuinne cliù na a bheatha?
Ma thà,
thugadh e suas e féin mar ìobairt arson tearuinteachd a shluaigh!
Measar taitneach e leis a’
Chumhachd sin a thug thairis ’
aona mhac chum an cinne daonn’
a thèarnadh!”
Labhair esan, —
ach cha dubhairt duine focal.
Dh’
amhairc gach fear m’
a thimchioll dh’
fheuch an robh de mhisnich agus de dh-
fhiachalachd aig a h-
aon diu na thairgeadh e féin.
Mu dheireadh thuirt St Pierre:
Is cinnteach mi gu bheil iomad fear ann an so,
a tha ni’
s dealasaiche gu e féin ìobradh,
na mise,
ged a tha ’
n inbhe chum a’
bheil mi air m’
àrduchadh,
le ciomachas ar Ceannaird,
a’
toirt còir dhomh air mo bheatha féin a thoirt suas an toiseach chum sibhs’
a shaoradh.
Tha mi ’
ga dheanamh gu làn toileach.
Có thig a rithist?” “
Do mhac,”
ghlaodh òganach nach robh fathast ’
na làn fhàs.— “
Och,
mo leanabh!”
a deir St Pierre; “
théid mise ’
n sin ìobradh dà uair—
ach cha’
n e sin a thachair, ’
s ann a ghin mi thu an dara h-
uair. —
Cha ’
n ’
eil do bhliadhnaidh ach tearc,
a mhic,
ach tha iad iomlan.
Tha ’
n neach a dh’
fhuilingeas airson na còrach air ruigheachd a’
mhaith a’
s àirde sa’
bheatha so.
Có thig a rìs,
mo chàirde? ’
Se so àm nan laoch:”
Do charaid,
a deir fear.
T’
fhear-
cinnidh,
a deir fear eile.
Agus mise,
deir fear eile.— “
Mo chreach!”
dh’
éigh Sir Walter
[213] Mauny,
C’
arson nach ann de mhuinntir Chalais a bha mi?”
Bha ’
n seathamh fear fhathast a dhì orra,
ach cha b’
fhada thachair sin,
oir bha nis cruaidh strìgh am measg an t-
sluaigh có am fear a ghabhte.
Chaidh an sin iuchraichean a’
bhaile a liuthairt do Shir Walter.
Ghabh e na sè prìosanaich fo’
chùram; —
agus thug e àithne na geataichean fhosgladh,
a’
toirt earail dhoibhsan a bha leis muinntir a’
bhaile fhaicinn saor slàn le ’
n teaghluichibh tre champa nan Sasunnach. —
Ach mun d’
fhalbh iad,
dh’
asluich iad comas an cead deireannach a ghabhail de’
n mhuinntir a shaor iad. ’
Sann an sin a bha ’
n dealachadh brònach!
Dhùmhlaich iad eadar shean agus òg mu thimchioll St Pierre,
agus a chòmpanach.
Phòg agus chnìodaich siad iad leis an deòthas bu chaomhaile agus bu dealasaiche;
thuit iad le ùmhlachd ’
nan làthair.
Chualas an osnaich,
agus an tuireadh ann an camp nan Sasunnach.
Thuig iad mu’
n àm so ciod a thachair ann an Calais.
Chual’
iad caoidh chràiteach,
agus bha truas mòr aca dhiu:
Chuir gach fear de’
n arm seachad càileiginn d’
a bhiadh féin chum a thoirt do mhuinntir a’
bhaile,
a bha dlù air a’
bhàs le gorta;
agus luchdaich iad iad le uiread ’
sa b’
urrainn doibh a ghiùlan,
chum lòn a bhi ac’
air an t-
slighe.
Mu dheireadh thàinig St Pierre agus a cho’ -
luchd fulaing,
fo chùram Shir Walter agus an fhreiceadain.
Cha robh duine sa’
champ nach do thaom a mach ’
gam faicinn.
Thug iad ùmhlachd dhoibh air gach laimh.
Mhol iad an cruadal sin d’
am b’
éiginn doibh urram a thoirt,
a choisinn an nàimhdean;
agus mheas iad na cùird sin,
a ghabh iad le ’
n deòin m’
am muineal,
nan suaicheantais a b’
urramaiche na aon ni a dh’
fheudadh righ Shasunn a bhuileachadh orra. ’
Nuair a thainig iad ’
am fianuis an righ,
thuirt e “
An iad sin no daoin’
a b’
urramaichc bha ann an Calais? “
Is iad,”
a deir Mauny, “
ni h-
e amhàin ann an Calais,
ach is iad na daoin’
is inbhiche anns an Fhraing,
ma bhios cruadal agus duinealas air am meas mar ghniomh euchdach.” “
An d’
thugadh seachad iad gun ainneart?”
a’
deir an righ, “
an robh othail no buaireas a’
measg an t-
sluaigh?” “
Cha robh a bheag,
le cead ur mòrachd;
b’
fhearr leis an t-
sluagh gu h-
iomlan dol gu bàs a roghainn air an fhear bu shuaraiche dhiu sin a liuthairt do d’
mhòrachd.
Thug iad uile iad féin suas le’
n saor thoil,
chum an cinn luachmhor ìobradh a chosnadh saorsuinn a’
mhòrain.”
Ghabh an Righ doimheadas ris a’
chainnt so ach chuimhnich e air a’
chomas-
labhairt a th’
aig na Breatunnaich:
agus chum e air féin.
Thuirt e, “
Tha fiosrachadh gach linn a’
dearbhadh nach ’
eil meachainn agus bàighealchd ach a’
furan dhaoine gu tuille ciont’
a chur an gniomh.
Tha teanndachd smachdail air uairibh feumail chum peanas adheanamh air na ciontaich,
chum gu’
n strìochd a’
chuid eile.
Falbh,”
thuirt e ri oifigeach, “
thoir leat na daoine sin chum an cur gu bàs.
Tha ur ceannairc,”
a deir e ris na prìosunaich; “
tha ur n-
ar-
amach ’
am aghaidh-
h-
se,
ur righ dligheach,
air antromachadh gu mòr le’
r ladurnas agus le’
r cion meas air mo chumhachd.” “
Cha ’
n ’
eil
[214] sinn ag iarraidh a bheag air do Mhòrachd,”
a deir St Pierre, “
ach ni nach comasach dhuit a dhiùltadh.” “
Ciod e sin?”
a deir an righ. “
Am meas a tha dligheach dhuinn,”
arsa St Pierre,
agus e ’
falbh a mach le ’
chómpanaich.
Air a’ cheart àm so chualas iolach bhuadach anns a’ champ. Bha ’Bhanrighinn air ùr thighin le feachd lìonmhor chum an còmhnadh. Ghrad dh’ fhalbh Sir Walter ’na comhdhail, agus dh’ innis e gu luath dhi mar thachair.
Co luath ’s a chuir an Righ agus a’ chuirt fàilt oirre, dh’ iarr i guth uaigneach de’n righ. “Mo Thriath,” a deir i, “cha’n ann a tha chùis mu bheil mi dol a labhairt mu thimchioll beatha àireamh bheag de luchd-ceairde. Is ann a bhuineas e do dh-urram rìoghachd Shasunn: —Buinidh e do chliù m’ Edwaird, m’ fhir-phòsda, agus mo righ. Air leat gu’n do dhìt thu sèathnar de d’ naimdean gu bàs—Cha do dhìt; ach dhìt siad iad féin; agus b’e an cur gu bàs am breith fèin, agus cha b’e òrdugh Righ Shasunn. “Rinn iad iad féin a ghiùlan gu ciatach, bha’n gnàthachadh urramach: cha’n fheud mi gun bhi measail umpa am feadh a tha farmad agam riutha, a chionn nach d’ fhàg iad againn aon earrann de’n chlìù sa’ ghniomh so, ach a mhâin gu’n d’thug sinn maitheanas beag suarach dhoibh. Tha mi ’g aideachadh gu’n do thoill iad gach olc o d’ làimh. Dhearbh iad gu’m b’ iad féin na naimdean bu chumhachdaiche agus bu do-chìosmaicht a bh’ agad. Is iadsan a-mhàin a chuir an aghaidh do bhuaidh chaithreimich, agus a chum uait an crùn sin a bha’n dlighe dhuit a t’ òige. Uime sin am bu chòir dhuit duais a thoirt dhoibh? gu’n géilleadh tu d’ an iarrtuis, gu’n riaraicheadh tu an cìocrais, agus gu’n crùnadh a leithid sin de bhàs cliù an samhuil-san àrdachadh os ceann nam flath bu tréine, nach mòr an tàmailt a bheireadh e do ainm Edward, leis gach buaidh a fhuair e? Nach abradh daoine nach ’eil meas aig Righ Bhreatunn air ard-fhiùghantachd agus air cruadal? agus gur iad na ceart daoine tha e ’g òrduchadh gu bàs chiontach, na h-aon daoine tha toilltinn meas agus miagh a’ chinne-dhaonna. Bhiodh an t-àite air am fuilingeadh iadsan ’na ionad urramach dhoibhsan, ach na ionad tàmailte agus mi-chliu do Edward; ’na sgainnil d’a bhuaidhibh, agus ’na mhasladh air ’ainm. Cha dean sinn an toileacha sin riutha air chor air bith; ach gu ma fearr leinn am mealladh ’nan dòchas, o’n bu deòin leo iad féin àrdachadh air ar cosd-ne. Cha’n urrainn duinn cliù a leithid do ìobairt a chumail uapa, ach feudaidh sinn gun an làn toil a leigeil leo; ann an ionad a’ bhais sin a shocraicheadh an cliù-san, gu ma fearr leinn an luchdachadh le sochairibh: cuireamaid gu h-amhluadh iad le gnà mholadh. Cumaidh sinn uapa an cliù sin o’n t-saoghal, a thig do ghná orrasan a dh’ fhuilingeas airson deagh-bheus.” “Tha mi a’ lan-chreidsinn na thubhairt thu—Biodh e mar is àill leat.” ars’ an righ; “cuir stad air iad a dh’ fhulang; faigh gu grad iad ’nar fianuis.” Thàinig iad; am feadh a bha
[215] ’
bhàn-
righinn le gnùis agus le cainnt thlà a’
nochdadh màldachd agus caoimhneas dlù-
thàirngeach,
agus labhair i mar so riutha. “
A mhuinntir na Frainge,
agus a luchd-
àiteachaidh Chalais,
chuir sibh sinn gu mòran cosdais agus calldaich ann an ni agus ann an daoine ann am faighinn ath-
chòir air an oighreachd bu dligheach dhuinn;
ach rinn sibhse,
a réir ur barail mhearachdaich,
mar a b’
fhearr a dh’
fheud sibh;
agus cha’
n fheud sinn gun mheas a bhi againn air a’
chruadal agus air a’
ghaisge sin leis an do chumadh co fada o’
r cuid féin sinn.
A shaor dhaoine urramach,
a dheagh luchd aona bhaile!
ged a bha sibh ’
nur n-
eascairdean d’
ar pearsa agus d’
ar crùn,
is èiginn duinn a bhi measail umaibh.
Chaidh ur làn-
dearbhadh.
Tha sinn a’
toirt dìbh ur cuibhrichean;
tha sinn ’
g ur toirt o ghrad bhàs;
agus a’
toirt taing dhuibh a chionn a theasgasg dhuinn,
nach ann a tha ro-
oirdheirceas a’
teachd o fhuil,
o ainm,
no o inbh;
ach gu bheil subhailc a’
sgaoileadh urram os ceann na tha aig rìghrean;
agus gubhaeil iadsan air an do bhuilich an t-
Uile chumhachdach barailean mar tha agaibhse,
gu cothromach air am meas os ceann gach urram saoghalta.
Tha sibh a nis saor gu falbh romhaibh chum ur càirdean,
ur luchd dùthcha,
agus a dh’
ionnsuidh gach neach d’
an d’
fhuair sibh am beatha agus an saorsuinn,
air chumha ’
s nach diùlt sibh comharan air ar meas.
Ach ’
s mòr a b’
fhearr leinn ur càramh ruinn féin leis gach ni bu luachmhoire;
agus chum so a dheanamh tha sinn a’
tairgseadh dhuibh rogha gach urraim agus inbh a th’
aig Edward r’
a bhuileachadh.
Tha sinn ’
an tòir air cliù,
ach do ghnà càirdeil do dheagh-
bheus,
bu chaomh leinn gu’
m feudadh Sasunn urn-
àireamh a measg a cloinne.” “
O!
mo thruaighe mo dhùthaich!”
ghlaodh St Pierre, “
s’
ann a nis a tha fàth eagail orm air do shon.
Tha Edward a’
cìosnachadh bhailtean,
ach tha Philippa a’
toirt buaidh air cridheachan.” “
A dhuin’
fhoghaintich,”
a deir a Bhan-
righinn “
C’
arson a tha thu ’
g amharc co dubhach?” “
Le cead ur mòrachd,”
thuirt esan, “
nuair a gheibh mi a leithid eile de chothrom air dol gu bàs urramach cha bhi duilichinn orm nach d’
fhuiling mi ’
n diugh e.”