LEABHRAICHEAN GAILIG.
CHA’N eil móran diu so a’ teachd a mach air an àm. Chaidh àireamh de SHEARMOINEAN MHR RALPH ERSKINE air an eadar-theangachadh le Mr Aonghas Dòmhnullach ann an Urchadainn, a chur a mach o chionn ghoirid. Tha iomadh duine foghlumte agus cràbhach a’ meas gu’n d’rinn na searmoinean so anns a’ Bheurla móran feum do dh-ioma mìle Criosduidh; agus ged tha sinn ag aideachadh nach d’ fhuair sinn fhathast cothrom air an leughadh, tha sinn an dòchas nach caill iad a bheag d’an dreach no d’an éifeachd ann an cànain dhrùighteach nam beann. Tha’n clò-bhualadh math agus a’ phrìs cuimseach, 5 tasdain.
Tha liughad foighneachd ’ga dheanamh mu “ADHAMH agus EUBH.” Mhictalla ’s nach feud sinn gun iomradh aithghearr thoirt air, agus is math leinn e bhi ’nar comas ìnnseadh d’ar luchd-dùthcha gu bheil e ’g obair air a latha ’s a dh-oidhche; ach thatar ’ga phianadh le forghais. ’Sioma fear nach ’eìl cho seòlta ri Mactalla nach abradh diogm’a dhéibhinn gus am biodh a’ chuid bu mho dhe criochnaichte; agus cha b’ioghnadh leinn ged a b’e sin doigh a ghabhas esan an ath leabhar a chuireas e mach.
Cha ’n urrainn an leabhar so bhi mach ni’s luaithe na toiseach a’ gheamhraidh air a’chuid is lugha.
Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil iad a’ faotainn mòran sgadain san iar-thuath, agus is mór am beannachadh do dh-ioma teaghlach bochd gur h-ann mar sin a tha. Tha sinn an dòchas fa stiùradh an Fhreasdail gu’m fuadaich so an ganntar a dh-fheuch cho goirt riutha.
title | 16 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |