[216]

AMERICA.

Tha sinnga mheasna aobhar-thaingealachd do dh-ioma duine foghainteach agus íoma teaghlach deanadach deagh-bheusach a thagan sàrachadh san dùthaich-sa, gu bheil e nisnan comas dol thairis do dh-America gun chostas sam bith airson bìdh no faraidh. Tha cuideachd air éiridh suas o chionn ghoirid a tha air ceannach farsuingeachd mhor fhearainn ann an New Brunswick agus Nova Scotia; agus chum an fearann so áiteachadh tha iad atairgsinn daoine bochda nach urrainn pàigheadh air a shon a thoirt a mach agus an socrachadh ann am fearann aig mál sgillinn Shasunnach an acair sabhliadhna agus enan comas an gabhalaichean a cheannach an taobh a stigh do dheich bliadhna. Gu ma fada robh e bhuainne comhairle thoirt air duine sam bith a tha sona san duthaich-sa, a fàgail airson dùthaich sam bith eile air uachdar an domhain; ach tha móran eadar sin agus duine bhiga shàrachadhs abristeadh a chridhe o thoiseach gu deireadh no bliadhna. Tha cuid a dhaoine nach fàgadh an dùthaich so ged a bhiodh iad féins an teaghlaichean adol bàs mu na gàracha càil. Riuthasan chan eil feum a bhibruidhinn, ach tha sinn cinnteach gur h-ioma teaghlach fiachaíl a ghabhas an tairgse fhàbharach so a tha iad afaotainn. Paighidh acheud bhàrr prìs anfhearainn agus na h-uile costas eile thana dhéigh ged a cheannchadh iad e; agus tha dearbh-fhios againn gu bheìl so fior.

title17
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page