BRAICEAS DIUC ALBHA.
SGEUL GEARMAILTEACH.
AIR dhomh bhi ’rannsachadh seann leabhraichean Gearmailteach, thachair an sgeul a leanas rium, agus tha mi ’ga mheas air na h-uile cor airidh air a thionndadh gu Gàilig.
Chuir baintighearna Ghearmailteach a bhuineadh do theaghlach a bha daonnan aimneil airson misnich agus uaibhreachd spioraid, agus a chunnaic aon d’a chuid mac air rìgh-chathair na dùthcha sin, a dhaothainn eagail air diùc Albha, a bha do ghnàth a’ cumail na cearna sin de’n dùthaich fo chruaidh-smachd agus fo eagal.
Anns a’ bhliadhna 1547 ’nuair a bha an cóigeamh Tearlach a’ dol troimh Thuringia le ’chuid feachd, fhuair Catrìona, banntrach Iarla Schwartzenburg, agus ’na bana-phrionnsa a thaobh staid-breith, litir-dhìona no thèaruinteachd uaithe airson a cuid sluaigh, a’ toirmeasg do’n arm Spàindeach dochoir sam bith a dheanamh orra; agus mar éirig airson so ghabh ise os làimh aran, beòir, agus goireasan eile riarachadh do’n arm air prìs riasonda, aig an àite far an robh iad a’ crosgadh abhuinn Shaail; ach bha eagal oirre gu’n robh an t-àite so tuille ’s teann air beairteas a’ bhaile, agus gu’m faodadh so a bhi daonnan ’nan sealladh na saighdearan a bhuaireadh gu spùinneadh. Air an aobhar sin leag i na drochaidean a bha teann air a’ bhaile, agus thog i feadhain eile treis air astar. Dh’ àithn i maraon do luchd-àiteachaidh nam frith-bhailtean na nithe
Aig an àm so ràinig an seanalair Spàindeach am baile, agus maille ris diuc Eunraig Bhrunswick agus a chuid mac. Chuir e fios thun na baintighearna gu’n robh toil aige a bhraiceas a ghabhail ’na caisteal. Cha robh e furasda dhise so a dhiùltadh do phrionnsa air ceann feachd; agus le sin chuir i fios air ais gu’m b’e a bheatha nam b’urrainn a mhórachd cur suas leis na gnothuichean a bha ’na tigh-se. Air an àm cheudna chuir i ’na chuimhne an litir thèarmuinn, ag asluchadh gu’n rachadh an cùmhnant sin gu cùramach a choimhead.
Bha fàilte chaoimhneil agus bord air dheagh riarachadh a’ feitheamh air an diùc ’nuair thàinig e. B’éigin da aideachadh, thuirt e, gu’n robh baintighearnan Thuringia ionnsuichte anns gach ni a bhuineadh do dh-fhaoilidheachd. Cha robh a’ chuideachd fhathast air suidhe nuair thainig teachdaire a dh’ -iarraidh guth do’n bhaintighearna mach as an t-seòmar, agus dh’ innis e dhi gu’n do thog na saighdearan Spàindeach an spréidh á cuid de na frith-bhailtean!
Bha Catrìona mar mhàthair d’a sluagh, agus b’ionann leatha dochoir a dheanamh oirre féin agus air an aon bu shuaraiche dhiu. Air a farranachadh leis a’ bhristeadh-geallaidh so, ach a’ cumail air a feirg cho math ’s a b’urrainn i, dh’orduich i a muinntir a dhol gu grad agus gu sàmhach fo armaibh, agus geataichean a’ chaisteil a chrannadh. Phill i’n sin air a h-ais do’n t-seòmar far an robh na h-uaislean ’nan suidhe mu’n bhord, agus ghearain i gu goirt air an eucoir a chaidh dheanamh oirre, agus air an tàir a bha iad a’ deanamh air gealladh an impire. ’Se freagairt a fhuair i, treis ghàiricich! Thuirt iad rithe gu’m b’e sin aon de ghnàthaichean a’ chogaidh, aon de na tubaistean beaga bha daonnan ’an lorg airm, agus nach b’urrainnear a sheachnadh. “Chì sinn ciamar bhios sin!” ars’ ise, a’ losgadh le feirg; “gheibh mo shluagh bochd-sa air ais na chaidh a thoirt uapa, air neo tha mi a’ mionnachadh gu’n dìol fuil phrionnsachan airson fuil dhamh!” Le so a ràdhainn dh’fhalbh i, agus a thiota bha’n seòmar lān dhaoine fo lān armaibh, a chàirich iad féin le’n claidhean rùisgte, ach air an dòigh bu mhodhala ’s bu bheusaiche aig culaobh nan uaislean, deas chum frithealadh dhoibh aig a’ bhord! Aig teachd a stigh nan gillean-buird armaichte so thainig mùthadh air neul diuc Albha, agus sheall a chompanaich air a chéile le mór ioghnadh, ach gun smid a labhairt. Air a ghearradh as o ’chuid feachd agus air a chuairteachadh le àireamh mhòr de dhaoine armaichte, ciod a b’ urrainn e ’dheanamh ach strìochdadh air dhòigh sam bith a roghnaicheadh a’ bhaintighearn ardanach so. B’e diùc Eunraig a’ cheud fhear a ghlac misneach, agus a’ deanamh gàire cho cridheil ’s a dh’fhaodadh e ghabh e air gu’n robh e ’meas na thachair ’na fhala-dhà, agus rinn e mòran molaidh air a’ bhaintighearn airson a’ chùram a bha i ’gabhail do na bhuineadh d’a h-iochdarain, agus gu sònruichte airson na h-ard-inntinneachd a chuir i ’n céill.
Dh’asluich e oirre gun tuille dragh a chur oirre féin mu na thachair, a’ gabhail os làimh cead dhiuc Albha fhaotainn airson ni air bith a bhiodh ceart; agus a réir an iarrtais so chuir an diùc ordugh do’n champ an crodh a liubhairt thairis gun dàil. Co luath ’s a chual’ a’ bhaintighearna gu’n deachaidh an t-ordugh a choimhlionadh thug i buidheachas doibh ann an briathraibh bainndi grinn; agus ghabh iadsan an cead di ’ga h-ard-mholadh ann an cainnt chùirteil thaitneach mar bhuineadh d’an ard inbhe—glé thoilichte bhi air taobh muigh na lùchuirt.
Cha ’n eil teagamh nach b’e ’n gnothuch so a dh’fhàg a h-ard-mhisneach co ainmeil san Roinn-Eòrpa. Bha i iomraiteach mar an ceudna airson iomadh oidhirp a thug i chum an creidimh ath-leasaichte a bhuanachadh san dùthaich sin: agus is iomad ministeir a bha air a gheur-leanmhuinn le naimhdean a’ chreidimh so a dhìon i o chron agus a chum i suas. ’Nam measg so bha aon Caspar Aquila, a chaidh ’an làithean ’òige le arm an impire do na Netherlands mar mhinisteir-feachd; agus a chionn gu’n do dhiùlt e peileir gunna-mhóir a bhaisteadh dhinn na saighdeirean a stigh e ann an gunna farsuing ris an abair iad mortar, a los a shéideadh ’sna speurabh; ach gu fortanach dhàsan, bha’m fùdar fliuch agus cha ghabhadh e lasadh. Cha b’iongantach e ghabhail a’ cheud chothrom air teicheadh uapa, agus fhuair e àite tèarmuinn sa’ chaisteal.
Chaochail i aig aois ochd-deug ’s da fhichead bliadhna, urramaichte agus gràdhaichte aig gach ard agus ìosal san dùthaich; oir bha i có chairdeil chaoimhneil ’s a bha i foghainteach. Thìodhlaiceadh i ann an eaglais Rudolstadt.
EAD. M.
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |