BÙTH ÙR ADAICHEAN, 57, SRÀID CHATHCART, GRIANAIG,

Bùth-meadhoin aitreabh ùr Mhr. Camshron.

THA MACPHARLAINS A CHUIDEACHD Gu taingeil atairgseadh buidheachais airson nan iomad fàbhar agus aobhar-misnich a fhuair iad on a thòisich iad ri gnothuichean. Bidh e do ghnàthna dhùrachd sònruichte leó an caoimhneas so a thoilltinn le leanailt air ADAICHEAN a DHEANAMH ANN AN GRIANAIG, a bhitheas air achuid as lugha co math ri Adaichean Lunnuinn, no àite sam bith eile tha comharaichtairson Adaichean, ann an eireachdas, ann am buanas, agus ann an eutromachd. Tha iad air socruchadh dòigh air am faigh iad na cùnntais as tràithe mu na fasain ann am prìomh-bhaile na rìoghachd, agus ann an àiteachan fasanta eile.

Tha iad atoirt cuireadh tighin tràthail a dh-fhaicinn an cuid bathair aig an àm so, anns am bheil co-chruinneachadh taghta anns na FASAIN AS UIREioma seòrsa gu sònruichtair an deanamh airson dhùthchannan blàtha, agus cuibhrionn mhór eile dan ADAICHEAN barraichte FRANGACH iar ùr thighin on tigh-oibreachaidh.

Orduighean airson Adaichean de chumadh, meudachd, cudthrom, no dath sònruichte sam bith, gu grad air an coimhlionadh.

Comh-chruinneachadh de sgàileagain shìoda, chotain, agus iomad seòrseileRoghainn lìonmhor de cheapan-turuisAireamh bheag ioma-dhathach de Bhèabhair chaileaganBoineidean Ghlinne-garaidh, a.m. s.s.

GRIANAIG, Mios aMhàigh, 1836.


Tha Mr. MPh. ’s a chuideachd iar gabhail móran saoithreach chum iomad leasachadh neo-theagmhach a threòrachadh ann an deanamh an cuid bathair.” —Litir-rabhaidh Ghrianaig.

“ ’Se miann Mhr. MhP. ’s a chuideachd a thairgseadh don mhór-shluagh toradh an rannsachaidh shaoithreachail a chuir iad air chois, agus a chuirnan comas iomad leasachadh luachmhor a dheanamh ann an dòigh-oibreachaidh an cuid adaichean.” —Litir-fhiosrachaidh Ghrianaig.

Clò-bhuailte le Hedderwick ’s a Mhac.

title20
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page