[193]

MORT NA CEAPACH.

(Air a leanailt o’n 7 amh àireamh.)

dthug e dha boineid anabarrach grinn a bha air a cheann féin. Ach air son an deòthas anama agus an taingealachd cridhe bu chòir don ghnìomh gràidh so a dhùsgadham broilleach an òganaich uaibhrich, ’s ann a las e le feirg. Thilg ebhoineid air ais ann an aodann an oighre, agus le tróm-fhras do mhionnan oillteil tharruing ebhiodag. “A mhic achoin!” arsesan, “am bheil thun dùil gur diol-déirce mise gu bhi gabhail do chuid luideagansa?” “Chan eil; —ach gabh so mar chuimhneachanarsan t-oighres ecur a bhoineid air a cheann.— “Gabh thusa sin,” arsam fear eiles ecur na biodaigena chliabh. Ann am prioba na sùl bha trì lannan ann an uchd an oighre agus dithisna bhràthair. Cha dthug obair amhortaidh a mach ach beagan mhionaidean uile, —cha bu cho-sheise dithis do sheachdnar, —cha robh rathad dol as ann, —cha robh stà còmhnadh iarraidhcòmhnadh cha robh ann, —bi uair am bàis i. ’Nuair a phill am piuthar air a-hais bu sgreataidh oillteil an sealladh a fhuair i. —Bha a bràthaireannan laidhenan closaichean marbha mun bhord; bham broillichean tróm-reubte le faobhair nan lannaibh puinseanach; bha sruthanan do dh-fhuil reòta air an urlar. Bha trom-shuain abhàis arìoghachadh mun cuairt. —Theich mire-ghaire aoibhneach nu h-òige bhon t-sùil liontaidh agus dhùineadh le fuar-mhiar an éig i; thréig dearg-dhath an ròis am bilibh agus laidh bàn-shnuadh abhais orra. O! mar a bhuail i a basamar a shil a sùileanmar a spìon i a faltmar a dhfhàilnich a cridhe! —ach comh-fhurtachd cha robh ann. Bha na murtairean an déigh teicheadh agus feudar a ràdh gun robhACheapach na fàsaichda-rìreadh an sin. Phòg i cuirp agus lota fuilteach a bràthairean agus dhasluich i air Dia dioghaltas a dheanamh air na murtairean.

Nuair a phill Iain Lom fhuair ena suidhe i air bruaich alltain a bharuith seachad gu borbhanach aig ceann an tighe. ’Sann air tolman uaine a leig i sios i féin fo ghéig de chraoibh sheilich, ’s itaomadh a mach a dosguinn fo dhealt nan speur. “Mo thruaighe mi! chan fhàiltich bilibh achairdeis mise tuillidh ann an talla mo shinnsir; tha mo dha bhràthairnan closaichean marbha; chan eil neach ann a ni aicheamhail a thoirt a mach air an son. O! athair chaoimh samhathair ghradhach! cha chluinn sibh guth mo chaoidhs cha tig sibh gu mtheasairginn!” Thilg Iain Lom e feinsios ritaobhtharruing e trom-osnaspion ebhoineid bhàrr a chinnthionndaidh e a shùilean ris na speurabh agus dhasluich e gu faiceadh efuil air son fuil mun dùineadh am bàs a shùilean.


[194]

THAINIG an tuath a-steach mar aon duine mu naoi uairean a dh-oidhche mar dhiarradh orraach an àite fleaghs ann a fhuair iad an òg-fhlathnan laidhenan closaichean marbha san t-seòmar. Sheas Iain Lom air meadhon an urlair rin taobh; bha na deòir aruith sìos air a ghruaidhibh; ach cha do shil aon duine eile deurbha iad acoimhead air a chéile le h-ionghnadh agus uamhas. Chuir am bard a mheursan fhuil a bhana tiugh shruthana ruadha air achas-bhrăt;— ’s chuir en sin na bheul i. Cha robh duinetuigsinn ciod a bhairaire; bha fraoch-fhearg adùsgadh calm-chruth airaodann, agus bha lasair a shùl mar chrois-tàra abrosnachadh chum cath. Ach bitheanga am ball-airm a bfhearr leis an cluicheadh e.— “Faicibh an fhuil, fhearabh!” arsesans ecur a mheurna bheul an dara uair, “is leibh fain i— ’s i fuil chlainn Raoghail na Ceapach a thinnte; faicibh an fhuil, is leibh féin i! —fuilur ceann-feadhna air a dórtadh leis an dream a bha sibh a biathadhs a g-àrach o chionn shèa bliadhna! Phàigh iad a nis sibh; òlaibh O! òlaibh an deoch a sholair iad dhuibh!” ’Stad e ag amharc anns gach gnùis a dh’ -fheuchainn an dthug e gluasad sam bith air an aigne, agus air dhamhothachadh gun do dhrùigh em meud-eigin orra chaidh e air aghart:— “A spioradaibh gearanach nam marbh na biodh dian-chorruich oirbh gu bheil sinn acur dàil ann an dìoghaltas a dheanamh air na mortairean; —mar is fhaidebhuille gun tighins ann is truime. Ach mo léir-chreach! ’s fuar an diugh an cridhe bha bualadh leeibhneas ridhùthaichs ridhaoine an , ’s tosdachs balbh-thosdach na bilean bu mhilse fàiltes bu ghairge bagradh, ’s dìblidh gairdean nan buillean troma a dhùisgeadh mactalla le farum nan lann; agus na casan, O! nach tuit sibh sios gam pògadh maille riumsais mall an diugh na casan a bha lùghor, reidh-cheumach an atighin dhachaidh dh’ -ionnsuidh na h-uaighe! ’Chlainn-Dòmhnuill na Ceapach, am fearr leibhse leómhann marbh na beò? Mas fearr, so an t-àm gu dhearbhadh. Tha gach lot dhiu sin aglaodhaich DIOGHALTAS. Eisdibh guth na fala agus armaichibh sibh fein le duinealas mar bu dual!”

Nam biodh na mortairean far am faighte iadnuair a chrìochnaich Iain Lom an òraid so, chan eil teagamh nach dìoladh iad na fiachaibh gus an fheoirling dheireannach. Bha na daoine air bhoile; bhioradh an cridheachan le briathra drùighteach abhaird; ach air dhoibh fein cadal chaidll gach beò-thogradh airson aicheamhail a thoirt a mach; agus dhfhartluich air an togailna dhéigh sin. ’Cheart cho luaths a dhadhlaiceadh na cuirp thug Iain Lom comhairle air am piuthair teicheadh do thìr anns nach burrainn na mortairean greim a dheanamh oirre. Mhìnich e dhi le mòr dheòthas anama gun robh na bha eg iarraidh do-sgaraichto theuruinteachdgun robh clann bhrathar-a- h-athar air bàinidh gu cur as di chum làn chòir fhaotainn air an oighreachd. —Fo stiùradh na comhairle so theich i do Bhlar-an-Adhall agus


[195] thuinich in sin re tamuill. —Thug am Bard aon oidhirp eile air na daoine bhrosnachadh gu mortairean Ionbhar-lair (oirsann an sin a bhan cileadair a chomhnuidh) a chur gu dìth. —Chaidh e o thigh gu tighas leinen oighre aigena laimh dearg le fuil. Cha robh fois aige latha no dhoidhche; mhol e iad as chàin e iad; chuimhnich e dhoibh athair nan gillean a dhfhalbhsan athraichean féin, ’sam baiteal buaidh-chaithreamach a thug iad do Chlainn-Chatain latha na Maoile-ruaidhe; ach chum iad cluasan bodhar na nathrach ris. Chaill efhoighidin, agus air dha coimhearsnach dam bainm Iain Leathann MacDhùghaill a choinneachadh astar beag on bhaile, thòisich e air bruidhinn ris:— “Seadh, Iain Leathainn, tha mi faicinn gun robh thusealgaireachdtha do lamhan dearg le fuil.” — “Cha robh;” arsam fear eile, “chan eil boinne fala air mo lamhan-sa.” “Nach eil a bhobaig?” arsam bard, “s oil leam sin. Ach mo thruaighe sibh, fhir na Ceapach, a ghealtairean lag-chridheach! tha sibh dìreach mar lamhan an dathadair a ghlacas na h-uile dath; ’sen righ a thair achaithir daonnanur rìgh-se.” Ach a dhaindeoin a ghéireads a dhian-dhùrachd chan éireadh duine leis. Gheall iad dha, gidheadh, nam faigheadh en àitair bith eile na bheireadh aicheamhail a mach gu fanadh iadsan gun bhi air taobh no taobh.

Leis aghealladh so thug Iain Lom an t-Eilein-sgitheanach air gu moraire Chlainn-Dòmhnuill. Bu turus dioghaltais a thurusbu chridhe naimhdeil a chridhe, agus bhatheanga mar ealtainn gu reubadh, gu beumadh, gu lomadh. Be sin acheud u ire, chunnaic am moraire riabh a ach bha fios aige air nàdur a ghnothuich agus chuir e roimhe gun mhisneach air bith thoirt dha. “Cia as don choigreach?” arsam moraire. “A Laodicea;” fhreagair am bard. “An dfhàs iad fuar no teth fathastsan àite sin?” “Dhfhàs cuid dhiu;” arsIain, “tha Abelna chorp fuar, tha Cainna mhortair teth-cheannach, dearg-lamhach, agus tha na ciadan meagh-bhlàth mar bhainne na gaibhre duibhe.” —Chuir en sin an céill na bha airaire ach thug am moraire glan-dhiùltadh dha. Gu mór air a mhealladh air gach làimh thug Iain Lom a nis MacCoinnich air. Be MacCoinnich so seumarlan Mhic-Dhòmhnull san àm; —agus be dòchas Iain Luim gu feudadh e còmhnadh leis ann an brosnachadh amhoraire gu peanas a dheanamh air na mortairean Achtha lion mhoireachd nan seumarlan mar bharr-iall nam bròg a ghabhas c eangal mar is àill lem maighstir. Mhothuich am bard sothuirt MacCoinnich ris gu h-ath-ghoirid ged bu bhard e cho math ri Arion nach biodh esan na dholphin aige ga ghiùlan air a mhuin. Dhùisg so diomb Iin mhantaich agus le trom-fhras do dhana-cainnt dhfhàgse e. Chaidh en dara h-uair a dhionnsuidh amhoraire, thuit e sìos air a ghlùinibhna làthair, agus dhaslaich e air ma bha braon do dhfhuil an leómhainnna chuislibhma bha srad do dhuinealasna chridhema bha fearalas sam bith ann gun cuireadh e daoine air falbh a dhórtadh fuil air son fola.—


[196]

Ghealladh dha gu faigheadh e nu bha dhìth air; le deòir taingealaisna shùilibh ghabh e a chead don mhoraire; ach dhfhuirich esan Eilein adeanamhs agabhail òran dhoibh.

Chaidh latha seachad an déigh latha, seachduin an deigh seachduin agus cha robh guth air éiridh. Chaill Iain Lomfhoighidin as thug en caisteal air an treas uair. Thachair am morairair asràidimeachd aig an dorus. Cia mar tha thun diugh?” arsesan. “Cia mar tha min diugh!” arsIaintha mi fior dhuilich air son fineadh aig am bheil ceann-feadhna mar ghearra-goirt le briathra labhar oscarra as gnìomhara leibideach mi-ghaisgeil. Sin agad mar a tha mi, ’s ìnnsidh mi nis dhuit cia mar nach robh minach eil mi, ’snach bi mi fhads a bhios fuil Mhic-Raoghaill na Ceapach gun phàigheadhann am dheisciobul aig Iob an duine foighidneach bha ann an tir Uis!” “Mureil,” arsam moraires e deanamh fiamh-ghàire, “theirig a dhionnsuidh an duine sin a thann an tìr Uisd agus can ris gun diarr misair Gilleaspuic-Ruadh falbh air ceann nan daoine; agus buaidh leibh!” Bha so gu leòir. Dhfhalbh iad as an Eilein mu dhol fodha na gréine; bha lan-chinntaig Iain Lom gun robh Alasdair Dubh Ghlinne-Garaidh na bu toighich air na mortairean na bha e air na gillean nach bu mhairionn; agus, uime sin, mheas e iomchuidh an turus a chumail uaigneachs a dheanamh fo sgàil na h-oidhche. Ràinig iad Ionbhar-lar air an treas latha agus choinnich iad an t-seachdnar bhràthairean dlùth air abhaile ann an ionad fàsail. Thainig iad orra gun fhios; oir ged a chual Alasdair Dubh gun deachaidh iad seachad, ’s ged a chuir e tosgaireachd le sanus don Cheapaich ghabh an gillen daorach air an rathads cha d’ -fhuair iad an teachdaireachd. “Bha thu trusadh chairdean, Iain,” arsa fear do chloinn achileadair ris abhardnuair a choinnich iad. “Bhà, as feuch am mort thusiad,” arsIain. —Dhaithnich clann Ionbhar-lair mar bhà, as thug iad gu teicheadh. Ach chaidh cur as doibh ann am mionaid an uaireadair. Reic na laoich sgairteil am beatha cho daorsa dhfheudadh iadna leithid do sheasamhreics iad iad air son tri lota bàsmhor a rinn iad air daoine a’ “Chiarain bhaganta.” Thuit an t-seachdnar mar thuaiream deich slatan da chéile; dhfharraid Gilleaspuic Ruadh an robh am bard toilichte, ’s fhreagair Iain Lom gun robh an seann sionnach fathast beògun robh e cho math agharaidh a ghlanadh gu h-iomlan. Thug iad a nis Ionbhar-lar orra dhionnsuidh tigh achileadair; bha e féinsa bhean a stighs an dorus air a chrannadh gu diongmhalta. “Am bheil ena chleachdadh agad aoidheachd a thoirt do choigrich?” ars Iain Loms ena sheasamh aig an uinneig. —Fhreagair am fear eile acheisd le urchair a thilgeadh troimh tholl a bha air an dorus. Chaidh am peileir seachad eadar casan achiarain mhabaich agus thòisich aghunnaireachd. Bha bean achileadair aleaghadh nam miasan feòdairs nan trìnsearan luaithes adeanamh pheileirean dha; agus mur biodh iad air a marbhadh le urchair troimh an


[197] fhairleus is deacair a ràdhainn cionnus a thachradh. Chaidh an duine aicemharbhadh mionaid no dhana déigh. Bha obair achasgraidh crìochnaicht, ach cha bu leòir so gu nàimhdeas Iain Luim a shàsachadh.

Leis an tuaidh Abaraich a bhana làimh rinn en t-seachdnar bhrathairean a dhìth-cheannadh air ball, agus chuir e air gad iad aseinn le mór chridhealas:—

Mhuire! ’s buidheach misa Dhia dhiot,
Cuid don athchuinge bha mig iarraidh,
N grad spadadh le glas-lannaibh liatha,
Tarruing ghad air fad am fiacal!”

Theagamh nach do sheinn bard riabh rann is tha nochdadh do chruas-cridhes do dhalmachd inntinn na i so. Aig an dearbh mhionaids an robh etarruing cinn a cho-chreutairean air gad bha e comasach air ceòl a ghabhail! Dhfhalbh en sin leis na cinn air a ghualainn cho neo-mhothachails a bhiodh cìbair agiùlan othaisg bhragsaidhcho aoibhneachs a bhiodh treabhaichetoirt dachaidh sguaba troma abuich an fhogharaidh gus an dfhàg e iad aig dorus caisteal Ghlinne-Garaidh. Ghlan e na cinn ann an tobar ris an canartobar nan ceanngus an lathan diugh. Fhuair Mac-Mhic-Alasdair air an adhlac iadsan aon uaigh os-ceann na thogadh tùr-cuimhne leis na seachd cinn air an gearradh a mach an làn-mheudceann air gach oisinn.

Sin agaibh, a theachdaire, fior-eachdraidh mu mhort na Ceapach. Cia cho taingeils bu chòir dhuinne bhi air son nach eil aithris mun leithidibh sin do ghnothuicheannar measg! ’S misur fior-charaid,

IAIN A’ CHAGAINN.

Bun Lochabar, Treas mios an t-Samhraidh, 1836.

title6
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page