LINN AN AIGH.
B’i linn an àigh a bh’ ann ’s na làithibh céin
Le sonas àraidh, mur a dàn’ an sgeul;
Bhiodh sìth a’s suaimhneas seasmhach, buan ’s gach tràth,
Le cairdeas aobhach, caoimhneil, caomhail tlàth.’
Ceilg, creach, no ainneart cha robh ann ni ’s mò,;
Bha sannt a dhìth ’s an cridhe fìor gun ghò;
’S an ceumaibh ceartais bhiodh gach neach a’ triall,
Le sochair nàdurr’ ’s ann an cairdeas fial;
Cha robh ’san linn ud lagh gu diogh’ltas tróm,
Bha caomh-lagh nàduir ceart a’ tamh ’s gach cóm,
’S d’a réir gach uair bhiodh beus an t-sluaigh gu glic,
’S cha bhiodh na mòid ’gan gairm gu còmhail tric,
’N sin cha do chleachd iad a bhi ’teachd le fiamh
A chluinntinn reachd nam breitheamh reachdail dian,
No co-ghair uallach inneal b’ fhuaimneach srann,
A thional sluaigh gu comhrag cruaidh nan lann;
Mar so gu tèaruint, suaimhneach sèimh bha’n tàmh,
Gun sgàth, gun chùram ac’ roimh ionnsuidh nàmh,
’S an luaidh gu sìor air euchd an shinnsear treun,
Fo iomradh dhàn nam pong a b’airde gleus
Nan cluinneadh nàmh bu mheat ’a sgàth roimh ’n sgeul.
’Nan tir gun fhògradh bhiodh an còmhnuidh buan
Mun d’ fhuair iad miagh air cearnaibh cian a’ chuain,
’Smun ghabh an Gàidheal cead gu bràth le bròn,
Do ghlinn a ghráidh ’s an d’ fhuair e ’àrach òg.”
’S do thìr an àigh nam fraoch-bheann ard ’s nan gleann,
’Snan sraithean aibhneach dreacht’ le coill nan crann,
Gach àite tric dha dh’ àraich sliochd an fhéidh,
Le sìol na h-earb’ gu pailt air leirg gach sléìbh,
’San sàr-iasg rìoghail ’s lann-bhreac, rìomhach snuadh
Aig bruachaibh àithean cian o’ thràigh a’ chuain,
’San spréidh gu cuanda, bliochdar guanach àill’,
Air machair ùroir feòir bu shùgh’or càil,
Le cluaintibh réidh do ’m b’ fheartar éibhinn snuadh
’San comhair sìl bu shaoibhir dìol do’n t-sluagh,
Mar so bha maoin gu saoibhir saor gu’n deòin
’S an Còmhnuidh ghleann cha b’eòl dhoibh ganntar lòin.
A. M‘I.
title | 7 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |