ÒRAN.
[AIR FONN “Mo Nighean dubh.”
O’s rùnach leam mo Ribhinn donn,
Sa’ghleann taobh thall nam fuar-bheann
San fheasgar chiùin theid mi le m’ rùn
Gu doire dlù nam fuaran.
I.
Ma sheang-choin sheilg tha’n learg nam fiadh,
S’mo chridhe cian tha’n còmhnuidh,
Sa’ ghleann san éisd mo Mhàiri ghrinn
Ri ceilear binn na smeòraich.
II.
Tha eòin an t-sléibh air sgéith mu’n cuairt,
’S cha dùisg iad fuaim mo làmhaich,
A’s mis’ am pràmh an sgàth nam bruach,
A’s m’uile smuaín mu’n ghràdhaich.
III.
’Si ’s aotruim’ ceum ’s a’s deàrsaich’ sùil,
’S a gàir’ tha ciùin a’s caoimhneil,
’S a guth tha dhòmhs’ mar shòlas ciùil
’S mi falbh nan stùchd san oidhche.
IV.
’S e ’cuach-fhalt fàinneach ’s àillidh sgèimh,
’Sa bràighe ’s glé-gheal bòidhche,
Fo osna ’cléibh ag éiridh sèimh,
Mar fhaoileann bhàn air Lòchaidh.
V.
A cridhe aobhach ’s aotrom sunnd,
Mar Mhang aig surd an réidhlein,
Ach sèimh le tlàs, mar bhlà fo dhriùchd,
Am maise chiùin a’ chéitein.
VI.
Mo Ribhinn ghràidh a’s àillidh sgiàmh
A’s àraidh beus a’s bòidhche,
Gach miadh a dh’fhàs mu Bhlà Dhail-Céith
Cha ghéill an Inbhir-Lòchaidh.
ABRACH-MUAILECH.
title | 8 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |