[199]

GUIDHEACHAN RIGH DAIBHIDH.

Is taitneach, da rireadh, r’a thoirt fa’near gur lionmhor iad ameasg ar luchd-duthcha, gann ’s mar dh’ fhaodas am fiosrachadh saoghalta bhi, a thoilleas, a thaobh an eolais air aBhiobull, am biùthas a fhuair Apollos, “deas-bhriathrach agus cumhachdachs na Sgriobturaibh.” Agus ri cainnts ri comhairle nan daoine sos tric a dhéisd an sgoileir le buannachd, ’s a dhfhairich e uaillard-fhoghluim as fhiosrachaidh air ìsleachadh; ach air an laimh eile is muladach ra smuaineachadh gur tric iada dhorchaicheas comhairle le briathraibh gun eòlas.” Agus gu cinnteach bann dan àireamh mu dheireadh an duine sin a thòisich air mìneachadh an Sgriobtuir da choimhearsnaich, agus, anns amhìneachadh a bhann, a thainig an rathad nan Salm, agus a thug fanear gum bu trice leis amhinisteir na laoidhean a thoirt amach san ionad-aoraidh, a chionn nach bu toigh leis an duine chneasda bhi tighin thairis air na droch ghuidheachan goirisneach sin, a bàbhaist do Dhaibhidh thoirt an aghaidh gach aon a chuireadh mi-thlachd air; ach nan cluinneadh amhinisteir féin achainnt so, ’s cinnteach gur h-ann a chuireadh e tosd air an aineolas ladurna le briathrabh achmhasain. Bha naimhdean lìonmhor gu cinnteach aig an t-Salmadair, ach ged a bha, cha bu spiorad gamhlasach a dhaltruim e dan taobh, agus, mar sin, chan iad a naimhdean féin air am bheil eg iomradh ach eascairdean an t-Slànuigheir, air an robh Daibhidh araonna Shamhladh, ’na Shìnnsearsna Fhàidh; oirs gann Salm mu nach faodar a ràdh, “Tha nas motha na Daibhidh an so,” Air an aobhar sin cha do ghuidh an Salmadair riabh, sgrios air a naimhdibh féin, le cìocras fuileachdach, mar ni sluagh gu tricnar dùthaichsnar linn féin; achs ann a bha ecur an céill breitheamhnais an Tighearna an aghaidh an aingidh, agus mar sins en t-iomlan a dhfhaodar a ràdh gur h-ann a tha Daibhidh marfhirean dam baoibhneas breitheamhnasag aontachadh am bagradhs am binn uamhasach Dhé an aghaidh a luchd-fuath; agus far am bheil eg ràdhThoir dhoibh a réir aingidheachd an gniomharan,” (Salm xxviii. 4.) ’s ann a dhfhaodta ràdh, “Bheir thu dhoibh, &c.agus cha ruig sinn leas dol nas faide nan rann a leanas gus am faic sinn am modh cainnte so air a chleachdadh, far am bheil e air a ràdhA chionn nach toir iad an aire do oibribh an Tighearna sgriosaidh e iad agus cha tog e suas iad,” (rann 5.) agus faiceamaid briathran Dhaibhidh, amach as na sailm, far am bheil an gearan as cruaidhe aige munaimhdibh, agus chan eil eg ràdh ach, “Dìolaidh an Tighearna do fhear-deanamh an uilc a réiraingidheachd.” 2 Sam. iii. 39. Cha robh aig an t-Salmadair, mata, rùn gamhlasach sam bith da naimhdibh féin, ach a dhfhàgail fìrinn na cùise nis soilleire. Bheir sinn sùils na Sailm (Salm xxxv. 12. 14.) “Dhiol iad dhomh,” arsa Daibhidh


[200]olc an éiric maith; chuir iad romhpa mo bheatha thoirt uam; ach a mthaobh-sanuair a bha iadsan gu tinn, beudach saic mo chulaidh; mar gum bu charaid no bràthair dhomh a bhiodh ann ghluais mi, mar fhear caoidh a mhàthar, gu dubhach chrom mi sios.” Agus (gun ghuth idir a thoirt air Absalom 2 Sam. xviii.) nach math gu bheil fianuis air firinn na cùise so o ghiùlan Dhaibhidh a thaobh an eascaraid sin bu ghuiniche dhamais riabh air, agus a bhàrr air a so gu bheil teisteas Shauil féin againn, an nàmhuid gheur ud; oirnuair bha aobhar aig Daibhidh a ràdh da thaobh, ’nuair thainig e le feachdna aghaidh, “Tha thu sealg air manam a chum a ghlacadh.” 1 Sam. xi. 24. agusnuair a dhfhaodadh ebheatha thoirt air falbh, an àite làmh dìoghaltais a thogailna aghaidh, ’s ann a nochd e iochd agus caoimhneas; aguss iad bu bhriathra dhaBiodh an Tighearnana Bhreitheamh eadar mise agus thusa, agus tagradh e mo chùis;” agus cluinneamaid Saul féin ag aideachadh a chaomhalais so, “Is tusa as fìrinniche na mise, oir dhìol thusa math dhòmhsa ach dhìol mise olc dhuitse; agus nochd thu an diugh cionnus a bhuin thu gu math rium, do bhrìgh nach do mharbh thu mi,” 1 Sam. xxiv. 17, &c. Agus cha chreideadh e idir gun robh naimhdeas aig Daibhidh dha, ’nuair a thubhairt e ris, “Au uair a gheibh duine a nàmhuid an leig e as gu math e? Uime sin gun dìoladh an Tighearna math dhuitse air son na rinn thu dhòmhsan diugh.” (Rann. 19.) Agus co riabh a bheachdaich air achumha thiamhaidh sin a rinn Daibhidh air bàs Shauil agus Ionatain; agus a bhreithnich na briathra bròin sin as maisiche loinn? (Faic. 2 Sam. i. 19, &c.) riabh a leugh air chòir na h-earrannan so dan Bhiobulls do eachdraidh Shauil (2 Sam. ii. 5., and 2 Sam. xxi. 13.) ’s a chunnaic caoimhneas Dhaibhidh aleanmhuinn Shauil gu bàs agus gu h-uaigh? — riabh a sheall (2 Sam. ix.) agus a thug near Daibhidh afeòruich an robh idir air thalamh iarmad do theaghlach Shauil ris an nochdadh e bàigh? — riabh a thug fanear na cùisean ud nach faiceadh gur h-ann bu dòcha Daibhidh a nochdadh iochd da naimhdibhnam beatha, agus caomhalas dan duslach féin, nan geur-leanmhuinn gun uaigh, an cuimhne mhallachadh agus saltairt le fuath air an ùir.

A. M.

An Calbh Muileach.

title9
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page