[217]

AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH.

CEUD MHIOS AN FHOGHARAIDH.

IX. AIREAMH.

AN CREIDIMH PÀPANACH.

A Theachdair ùir,

THA ena chulaidh-iongatais agusna aobhar-duilichinn le ioma neach a thaleughadh an Teachdaire Ghàidhealaich, nacheil na daoine measail thaga uidheamachadh atoirt duinn soilleireachadh o àm gu h-àm mu theagasgabh agus mu mhearachdabh eaglais na Ròimhe. Tha mismuainteachadh nach Pàpanaich a thaga chur a mach; ach da rìreadh ged bu Phàpanaich sibh air fad cha burra dhuibh a bhi na bu shàmhaiche agus na bu mhodhala mu amaideachd agus mu mhearachdan na h-eaglais sin na thà sibh.

Tha na Pàpanaich a nis atogail an cinn air feadh na dùthcha; tha an Sagartan agus an Easpuigean eudmhor, ìnnleachdach, siùbhlach, saothaireach. Tha Protestanaich, no luchd-aidmheil achreidimh Ath-leasaichte, air call, ann an tomhas mór, na h-oillt agus an eagail a bha aig na daoine matha on dthàinig iad roimh chealgaireachd agus mhearachdaibh na h-eaglais mheallta so. Tha Protestanaich asmuainteachadh gun dthainig atharachadh mór air achreidimh Phàpanachgun do chaill e a spiorad fuilteach, geur-leanmhuinneach a chomharaich e anns na linntibh a chaidh seachadgu bheil e nisna chreidimh ciùin, bàigheil, neo-chiontachgun do chinn an Sionnachna uan, agus nach bu chall mór ged robh barrachd cumhachd aig Pàpanaich na tha aca; —ged tha Protestanaich afaicinn Eirinn air a saltairt fo chasan nam Pàpanach, ged tha iad acluinntinn nan eaglaisean ùra Pàpanach atogail an cinn anns gach cearn an Sasunn agus ioma cearn a dh-Albainn, ged tha ard luchd-riaghlaidh na rìoghachd ataisbeanadh bàigh agus anabharra cairdeis riutha agus atoirt misneachd dhoibh anns gach ni, chan eil so adùsgadh iomaguin no cùram ann an cridheachan mhóran. Tha Protestanaich mar gum biodh iad air an dalladh, mar gum biodh comas aig eaglais na Ròimhe sgleò chur air an sùilean, no deoch-chadail a thoirt doibh leis am bheil iad air an tàladh gu suain, agus air am fàgail suarach mu na sochairibh spioradail sin a choisinn an sinnsear gu daor le fuil chraobhach an cridheachan. Do réir na h-uile coltais bidh Eirinn ann an ùine gun bhi fada aig na Pàpanaich. Nach e Daniel OChonuill rìgh na h-Eirionn? seadh nach


[218] h-è prìomh fhear-riaghlaidh ard-chomhairle ar dùthcha? agus nacheil e abagradh leearball dosrach gaoisideach, an creidimh Protestanach le a luchd-teagaisg, leeaglaisibh agus lebhìobuill a sgiùrsadh a mach á h-Eirinn? Na deanadh duine sam bith gàire fanoid uime so. Cha dfhuair an eaglais sin riamh oirleach nach diarr i slat; agus chan eil eile riaraicheas i ach làn uachdaranachd thairis air an eaglais Phrotestanaich. Bha Eirinn aon uair aice, agus chan eil strìgh no saothair no ìnnleachd is urradhichleachdadh nach feuch i chum Eirinn a rithist a chur foidhpe; agus ma shoirbhicheas i sachùis so an sin bheir i oidheirp air Sasunn. Tha Protestanaichnan suain, ach chan eil na Pàpanaich.

Feuchaidh mise ma o àm gu àm cuid de nithe chur gar n-ionnsuidh mu thimchioll eachdraidh achreidimh Phàpanaich, agealltainn nach cuir mo pheann air pàipeir aon fhocal ach smior na fìrinn. Is mise bhur caraid dìleas.

IAIN A’ CHNUIC.

Mios-meadhoin an t-samhraidh, 1836.

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page