[240]

AN GAIDHEAL, AGUS NA H-INNSEANAICH.

ANNS a’ bhliadhna 1747, thug na Sasunnaich ionnsuidh air bailteachas nan Spàindeach aig St. Augustine a ghlacadh, ach béigin doibh an t-séisd a thréigsinn. Chaidh cuideachd do Ghàidheil Albannach, a thug oidhirp air an ratreut a chòmhdach, a ruagadh agus a ghearradhnam bloighdibh. Chaomhain na h-Innseanaich, a chog fo bhrataichean na Spàind, aon saighdear a chum abhàis chianail, fhadalaich don gnàth leis na daoine fiadhaich sin an cuid prìosanach a chur. ’Nuair a mhothuich an duine so do dhinnealaibh na dòruinn eagallaich a bha feitheamh air, tha e air aithris gun do labhair e ris na h-Innseanaich fhuileachdach anns na briathraibh a leanas.

A Ghaisgeacha agus a chinn fheadhna an t-saoghail-ùir, cha bu sibhse na naimhdean a bha mhiann orm a choinneachadh: gidheadh thug sibh buaidh. Cleachdaibh abhuaidh sin mar is àill leibh. ’Se dàn tubaisteach achògaidh a thilgnur lamhaibh mi, agus chaneil mi acur an aghaidh bhur dlighe. Ach on is gnàth le mluchd-dùthcha duais a thairgsinn airson am beatha, guidheam oirbh, éisdibh ri tairgse nach bu chòir a bhi air a diùltadh.

Biodh fios agaibh uime sin, O! Americanacha gaisgeil, gu bheil anns an dùthaich san drugadh mise dream àraid air am bheil feartan neo-chumanta air am buileachadh. ’Nuair a ghabh mise an tùs am shaighdear, chàirich aon diu so, a bhan dlú-dhàimh dhomh, sian orm a bheireadh mi gun bheud as gach gàbhadh. Chunnaic sibh mar a sheachain mi gach geur-ghath a thilg sibh orm: As eugmhais an t-sian so an robh e comasach dhomh teachd bho gach cruaidh-bhuille a chuimsichn am aghaidh? Tha mitogail na cùis ribh féin. An diarr mi aona chuid fois no teicheadh bho chunnart? Chan e mo bheatha a ta mi an dràsda cho


[241] mór ag asluchadh, ach cead a thabhairt dhomh diomhaireachd fhoillseachadh, a bhios cho anabarrach feumail a chum bhur dìon, agus a chum an cinneach is gaisgeilesan domhan fhàgail neo-bhàsmhor. Fàgaibh amhàin aon do mlamhaibh fuasgailte airson ioraltan aghniomh agus bheir mi dearbhadh air a chumhachd, air mo phearsa féinnur làthair.”

Dhéisd na h-Innseanaich le fìor aire, ri briathraibh a bha araon a co-fhreagairt rin intinnibh cruadalach féin, agus rin gnàth-thogradh gu nithibh miorbhuileach fhaicinn. An déigh beagan smuainteachaidh dhfhuasgail iad aon do lamhaibh aphrìosanaich. An sin dhàithn an Gàidheal a chlaidheamh-mór a thabhairt don ghaisgeach bu sgairteile a bha sachuideachd, agus air dhà a mhuineal a rùsgadh agus a shuathadh le comharrainean buidseachail, agus focal no dhà a mhonabanaich, ghlaodh a mach le guth àrd agus le fiamh ghàireFeuchaibh a nis Innseanachaibh glice dearbh fhianuis air mfhirinteachd. Thusa a churaidh aig am bheil inneal abhàisna ddhorn buail le duile neart: chane amhàin gu bheil thu eu-comasach air mo cheann a sgaradh bho mchorp, ach eadhon deargadh air mo chraicionn!”

Mun gann a labhair e na briathraibh so tharruing an t-Innseanach buille eagallach a thug air ceann an t-saighdeir leum fichead slat air astar! Sheas na daoine fiadhaich làn iongantais! Spleuchd iad air acharcais fhuiltich, an sin air càch a chéile mar gum beadh, an diùmb riutha féin airson am faoineachd. Gidheadh dhàrd-mhol iad an ìnnleachd a chleachd an coigreach gu giorrachadh a bhàis agus gu seachnadh nam piantaibh dóruinneach a bha air an ullachadh fa chomhair agus dhadhlaic iad a chorp le àrd onairean an dùthcha.

Ead. Domhnull bàn Saighdear.

Taobh Lochiall, 1836.

title15
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page