TRIATH GHART
Tha an gràbhaladh air carragh cuimhne a’ Ghàidheil urramaichte so mar a leanas.
Mar chuimhneachan
Air an
Fheachd-Cheannard Urramach
DAIBHIDH STIUBHART,
Triath Ghart.
Chuireadh an Cuimhneachan
So suas le cuid d’a Chàirdean Albannach,
Mar dhearbhadh air meud an urraim, agus dealas an gràidh dha.
Chaochail e
Ann an Eilean ST LUCIA,
Air am b’ àrd Fhear-riaghlaidh e,
Air an ochdamh là-deug de mhios deireannach
Na bliadhna
1829.
Bha a bhàs ’na chall mòr do ’n Rìoghachd uile,
Ach gu h-àraidh d’a dhùthaich féin,
“TIR NAM BEANN.”
“B’ fhear e nach no chuir riamh a chùl r’a charaid
No r’a nàmhuid”
title | 17 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |