[218]

MU CHUIRT DHIOMHAIR, NO CUIRT-PHEANAIS NAM PÀPANACH.

’SE barail gach uile Chriosduidh nacheil ann ach an aon eaglais fhìor— “aon Tighearnaaona chreidimhaona bhaisteadh,” mar a than t-abstol ag ràdhain; agus bu chòir gum be sìor dhùrachd gach neach gum bitheadh ena bhall den eaglais so; oir mureil e mar so, mureil ena bhall den fhìor eaglaisde chorp Chriosd, chan eil e comasach dha slàinte shiorruidh a shealbhachadh. Ach bu chòir dhuinn a bhi ro fhaicilleach ann am breith a thoirt mu staid aon dar cochreutairean a thaobh an ni so. Is ann aig an Dia uile-léirsinneach amhàin a tha dearbh fhios air iad a shluagh. Deanamaid ar gairm agus ar taghadh féin cinnteach mas urrainn sinn so a dheanamh, ach ma chì sinn aon dar bràthairean den chinne dhaonna a tha cosmhuil ri bhina choigreach do Chriosd, ’an àite fuath thoirt da no peanas a dheanamh air, ’s e ar dleasnas gu cinnteach gach meadhon a ghnàthachadh da thaobh a bhios chum eòlas na fìrinn a thoirt da.

A nis so ni anns an do nochd daoine gu bitheanta móran dànadaisanns an do chiontaich iad gu mór. Is minig a than duine aineolach agus dall mar a ta egabhail da ionnsuidh féin uile-léirsinneachd an Tighearna, agus atoirt barail air staid cridhe a chochreutairis minic a tha e asuidhe ann an cathair-bhreitheanais an Tighearna agus adeanamh dìoghaltais orra-san a tha, mar a ta esan ameas, atighin gearrnan dleasnas do Dhiadi-chuimhneach air acheist, Co thusa tha toirt breith air seirbhiseach neach eile? da mhaighstir féin tuiteadh no seasadh e.

Tha iomad dearbhadh againn ann an eachdraidh an t-saoghail air an olc agus air an truaighe a


[219] tag éiridh o leithid so de ghnàthachadho aon duine bhi dol eadar duineile agus a Dhiaachs ann an eachdraidh eaglais na Ròimhe tha na dearbhaidhnean as soilleire agus as eagalaiche againn mun chùis. Tha am Pàp agus aChléir acumail amach gu bheil gach neach aig am bheil mùghadh barail na tha aca féin mu theagasgan a Bhiobuill, gu buileach air a dhruideadh a mach o shochairean na slàintegu bheil ena nàmhuid do Dhia— ’na aobhar-fuath agus gràin do gach aon aig am bheil eud airson a ghlòire-sanagus gur seirbhis thaitneach do Dhia a leithid so de neach a pheanasachadh air gach dòigh agus a ghearradh as bhàrr aghaidh na talmhainn.

Is minic a chaidh fuil nan naomh, fuil na muinntir sin a bha air an teagasg leis an Spiorad agus a bhagleidheadh àitheantan an t-Slànuigheir, a dhórtadh tre na baraile an-dana mhearachdach so; achs ann mun bhliadna 1229 (o chionn 600 bliadhna,) a thaom am Pàp a mach doimhneachd a nàimhdeis an aghaidh nan naomh, agus a chleachd e gach ìnnleachd gus an glan sguabadh as.

Mun àm so chuireadh air chois ann an Toulouse san Fhraing, Cùirt ris an abrar gu dligheach anns an Fhoclair a chuireadh a mach le Comunn Gaelach na h-AlbaCùirt-pheanais dhiabhluidh nam Pàpanach.” Be bobair don chùirt so rannsachadh a dheanamh an déigh eiriceach no luchd saobh-chreidimh, ’se sin muinntir nach tugadh anns gach uile phuinc an ùmhlachd bu dìblidhs bu tràilleala do dh-eaglais na Ròimhemuinntir aig am biodh de dhànadas focal a leughadh air an son féìn, no barail sam bith a ghabhail mu nithibh spioradail ach mar a bha e air orduchadh dhoibh leis aPhàp. Bha lān chumhachd air a thoirt don chùirt so thar an chuid maoin agus beatha gach neach air an togradh iad làmh a dheanamh, agus rinn iad buil eagallach den chumhachd so. De na thugadh riamh air am beulaobh is ro ainmic iad a thill a dhinnseadh sgeòiloir bhan gnàthachadh tuilles ogluidh gu bhi air a sgaoileadh am measg an t-sluaigh. Bha iad féin cho fiosrach uime sos gun robh iad ro chùramach mu gach a bhuineadh dhoibh a ghleidheil uaigneach. ’S ann an dorchadas na h-oidhche am bitheantas a bha an seirbhisich adol feadh na dùthcha agus aglacadh am priosanach, agus a bhàrr air so bha iad uile air an còmhduchadh thairis le brat-sgàile tiugh air dhòighs nach burrainnear an aithneachadhuaithe so theirte Cùirt dhìomhair rithe.

S daoine ris an abairte Waldenses (o Pheadar Waldo, duine bha urramaichte am measg an luchd-teagaisg,) a bha chòmhnuidh ann an taobh an ear-dheas den Fhraing, na ceud daoine a dhfhuiling fon cumhachd. Chan eil eachdraidh ro shoilleir againn mu na daoine so, achse barail an luchd eachdraidh as fiosraiche gun do ghléidh iad an creidimh fallain neo-thruaillte eadhon o linn nan abstol; agus tha fios cinnteach againn gun robh eòlas ceart aca air na teagasgan as cudthromaiche, aig achuid as lugha co fadair ais ris abhliadhna 900. Fhuair iad cead mairsinn ann an sìth am measg


[220] sàmhchair agus uaigneas am beann agus an gleanntan bòidheach féin. Ach mu dheireadh chualam Pàp gun robh iad afàs ann an lionmhorachd agus asgaoileadh am barailean air feadh an coimhearsnachd. Chuir e a mach gun dàil oifigeach na cùirt mhalluichte a dhainmich mi, le làn ùghdaras an toirt cosmhuil ri gach sluagh eile fo làn chìs dhàsan, air neo an gearradh as mar dhream neo-airidh air beatha!

Chaidh iad so a mach an ainm Chriosd.! Fhuair iad daoine bha toirt mór onoir agus ùmhlachd dha, a bhaga mheas-san mar an t-aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine mar aona cheann agus rìgh na h-eaglais; gidheadh a chionn gun robh na Waldenses adeanamh mar so, chaidh agheur-leanmhuinn bu chruaidhe a dheanamh orra. Bha cuid diubh is duilich leam a ràdhainn, a ghéill do chumhachd na Ròimhe agus a ghabh ri uile mhearachdaibh na Pàpanachd; ach bha mòran diu a sheas daingeann anns achreidimh a réir àithnan t-Slànuigheir, “Bi thusa fìrinneach gus am bàs,” agus asealltainn ris aghealladh a leanasbheir mise dhuit crùn na beatha.” Orra so bhrùchdadh uile naimhdeas ana-criosd. Chaidh an ruagadh am measg choilltean agus uamhachan am beannta féin mar bheathaichean fiadhaich an fhàsaich; chaidh a bhacadh do gach neach biadh no deoch no fasgadh a thoirt doibh, còmhnadh air bith a dheanamh leo no conaltradh a ghleidheadh riutha, agus an uair a chaidh an glacadh chaidh an dìoghaltas a buamhasaiche agus bu sgreamhaladheanamh orra, gidheadh am measg an uile theinntean fhuair iad coimhlionadh nan geallaidhnean beannaichte sin a than Tighearn atoirt da shluagh anns gach linn, gun dean e a ghràs anns gach àm foghainteach air an son, gum fosgail e dhoibh dorus gu dol as o gach buaireadh. “An uair a shiùbhlas tu troimh na h-uisgeachaibh, bithidh mise maìlle riut; agus troimh na h-aimhnichibh, cha tig iad tharad; an uair a dhimicheas tu troimh an teine cha loisgear thu, agus cha dean an lasair greim ort; oir is mise an Tighearna do Dhia, Ti naomh Israeil, tfhear-saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad éiric; Etiopia agus Seba air do shon.”

Bha iad mar a bha na martirich aig gach àm air an neartachadh gu mòr, agus anns na lasraichean ghlòraich iad an Tighearna le fulang gu foighidneach eadhon gu sòlasach air sgàthainme-san.

Chaidh móran de na Waldenses a chur gu bàs mun àm so (1229) agus ged nach burrainnear an glan sgrios thaitinn an tanachadh a fhuair iad co math ris aPhàps gun do chuir e suas cùirtean-rannsachaidh ann an ioma cearn eile den Fhraing, atoirt tuille agus tuille cumhachd dhoibh, agus cha dfhuaras a bheag riamh dhiu a leig an cumhachd air chall. Tha e duilich achreidsinn gum biodh neach air bith aig an robh achompairt bu lugha de nàdur na daonnachd co cruaidh chridheach. co eucorach, co uamhasach fhuilteach an-iochdmhors a bha na Pàpanaich anns an linn so; gidheadh tha mìle deardhadh againn air achùis, agus feumaidh sinn sealltainn airson fuasgladh don cheist, ciamar a burrainn e bhi mar so? anns


[221] an fhirinn sin a thag ìnnseadh dhuinn gur a nàimhdeas an inntinn fheòlmhor an aghaidh Dhé.

Nan cluinneadh iad so gun robh duine sam bith aleughadh aBhiobuillgun robh edearmad aoradh a dheanamh do na naoimh, no urram a thoirt don Phàpnan cluinneadh iad casaidna aghaidh bho aon da choimhearsnaichno nan gabhadh iad féin gamhlas dagun tuille dearbhaidh air a chionta fhaotainn no iarraidh, bheirteadh air druim mheadhon-oidhche air falbh as a leabaidh echàirichteadh e ann am prìosan fuar dorchatheagamh ann an cùil co cumhanns nach burrainn e aona chuid seasamh no luidhe innteBha e air a thoirt a mach o latha gu latha ga cheasnachadh leis na breitheamhnanBha gu bitheante air a pheanasachadh gu goirt air dòigh ùr gach latha re ùine, agus fa dheireadh air a chur gu bàs, theagamh le ròsdadh gu h-athaiseach os ceann teinetheagamh le a chnàmhan a phronnadhnan spealganno le a cholunn a shrachdadh as a chéilena mìrean.

Ann an ùine ghoirid chuireadh na cùirtean so air bonn anns achuid bu mhò de rioghachdan na Roinn-Eòrpa, agus bha iadnan seirbhisich dhìleas do Shàtan anns gach àite san robh iad. Is ann san Spàind far am bheil fuigheall ùghdarais aca eadhon gus an lathan diugh, bu mhò a rinn iad a dh-olcach gu cùnntas nis mìne thoirt orra feumaidh sinn stad gus an teid an ath àireamh den Teachdair a mach. Anns an àm, chomh-dhùineamaid le bhi ag iarraidh air ar leughadairean cliù agus moladh a thoirt don Tighearn airson an crannchur-san a thilgeadh ann an dùthaich far am faod iad suidhe gach fear fo a chrann fìonain agus fìge féin gun neach a chur eagail airfar abheil focal na fìrinn fosgailte do gach aonagus ni h-e so amhàin ach air a mhìneachadh dhoibhs air a sparradh orra Sàbaid an déigh Sàbaid le ministeirean Soisgeil na slàinte.

title2
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page