[245]

AM FIADH-BHEATHACH.

Than chuid, dealbh agus cuilbhairteachd abheathaich ghuineidich thanar beachd fillte san ainm, ach air a thuigsinn nas soilleire le muinntir a dhfhoghlum gliocas o lìonmhorachd nam baiteal anns an dfhuair iad buaidh air, gidheadh anabarach duaichni neo-fhaicinneach don t-sùil choitchionn. ’Seionad còmhnuidh tìoralachd abhaile-mhóir co math ri coillteichean uaigneach tìr nam fraoch-bheann, agus dubhar na h-oidhche aimsir a thuruis anns am bheil na mìltean dhiùbhsan thag imeachd neo-chùramach san dorcha air an lot gu bàs, chaneil linn no eachdraidh no cearn don t-saoghal anns nacheil iomradh air; dharduich se e féin thar uile ainmhidhean na machrach, agus iadsan nach dean ùmhlachd dha gearraidh e as a threud, thruaill e tobraichean an uisgeshearg anail a bheòil toradh an fhearainn, agusna sgiathan tha gort agus plàidhean bàsmhor leis na mhilleadh mòran slòigh, dhatharraich e riaghailtean na rìoghachdarmailtean shaltair e fochasan, dhfhògair e an rìgh agus shuidh e féin air an righ-chathair,[2 Tes. 2. 4.] ach so uile labhradh muthimchioll leósan dan dfhoillsicheadh a chealgaireachd. Anns an 18 mh rann don 13 caib. do leabhar an Taisbean. tha e mar so sgrìobhte. “An so tha gliocas, an aig am bheil tuigse àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich; oir is àireamh duine e; agus is eàireamh, ceud agus tri fichead agus .” Theagamh nach dthug thusa, a leughadair, riamh fainear gun do choimhlionadh an rùn-diomhair so, nuair a ghabh cinn Eaglais na Ròimhe dhoibh féin ard-inbheachd agus uachdaranachd os ceann rìghribh na talmhainn, mar an ceudna ainmean iasaid neo-cheadaichte do dhaoine; Be h-aon diuVICARIUS FILII DEI.” aon eilePAULO V. VICE DEO.” litrichean a ni ceart àireamh an fhiadh-bheathaichse sin ceud agus tri fichead agus ,

V 5
I 1
C 100
A
R
I 1
U 5
S
F
I 1
L 50
I 1
I 1
D 500
E
I 1
——
666
——

P
A
V 5
L 50
O
V 5
V 5
I 1
C 100
E
D 500
E
O
——
666
——

D. S. —Thugaibh fios duinn am bi en aghaidh riaghailtean an Teachdaire cuid do theagasgan Eaglais na Ròimhe, air an coimh-


[246] measachadh ris na sgriobtuirean naomh, a leigeil ris dar luchd-dùthcha. So oidheirpichidh sinn a dheanamh ann an litrichean goirid, agus cainnt neo-thruaillidh, mar a threòraicheas Spiorad an fhoillseachaidh.

IAIN NOX.

GLEANN-NIBHEIS, 1836.

title20
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page